facal agus fuaim - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · fhuaimean', agus an cur ann am bogsa...

61
Leabhar an Tidseir Leabhar an Tidseir FACAL AGUS FUAIM à o a c m f g n t r ù d ò à o a c m f g n t r ù d ò

Upload: others

Post on 01-Oct-2020

0 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Page 1: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

Leabhar an TidseirLeabhar an Tidseir

FACAL AGUS FUAIM

àoa

cm

f

gn

t

r

ù

d

ò

àoa

cm

f

gn

t

r

ù

d

ò

Page 2: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

1

CLÀR-ÌNNSE

• Notaichean an Tidseir.......2

• Cluichean.....................35

• Stòiridhean...................52

• Earrainnean a’ Phac..........59

Page 3: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

2

NOTAICHEAN AN TIDSEIR

Page 4: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

3

CLÀR-ÌNNSE

1 Ro-ràdh

2 Cruth na Sgeama

3 Ionnsachadh nam Fuaimean agus nan Litrichean

4 Cruthachadh nan Litrichean

5 Cur nam Fuaimean ri chèile: Coimeasgadh

6 Aithneachadh nam Fuaimean ann am Faclan

7 Cruthachadh Fhaclan

8 Faclan nach eil a' Leantainn nan Riaghailtean

9 Rannan

10 Co-dhùnadh

11 Earr-ràdhan

A Na Prìomh Litrichean B Òrdugh nan Litrichean C Cliathan

Page 5: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

4

1 Ro-Ràdh Chaidh an sgeama, Facal agus Fuaim, a dheasachadh airson ionnsachadh do sgoilearan òga mar a tha fuaimean na Gàidhlig agus litrichean na h-aibideil a’ dol an lùib a chèile. Tha an sgeama stèidhte air na prionnsabail cànain a tha air an cur an cèill ann an aithisg air fuaimneachadh na Gàidhlig a rinneadh do Stòrlann le Ionad Chaluim Chille Ìle (ICCÌ). Mar bhunait airson na sgeama Facal agus Fuaim, chaidh an toiseach clàir de fhuaimean, litrichean agus fhaclan a dheasachadh, a’ tòiseachadh le faclan sìmplidh agus a’ dol air adhart o sin, ceum air cheum, a rèir prìomh phrionnsabail aithisg ICCÌ: mar eisimpleir, gum bu chòir na fuaimean ‘leathann’ a dhèanamh leotha fhèin an toiseach mus tigear chun nam fuaimean ‘caola’ agus gum bu chòir deiligeadh ri leithid ’bh’ no ‘ch’ mar aon 'litir' an àite a dhà. Nuair a chaidh bunait na sgeama a chur air dòigh mar seo, chaidh na stuthan-teagaisg a tha an cois seo ullachadh air an stèidh sin. Tha Facal agus Fuaim stèidhte air prionnsabail ‘cur-ri-chèile’ an àite ‘bristeadh-sìos’ ― ‘synthetic phonics’ an àite ‘analytical phonics’. ‘S e sin ri ràdh, bidh na sgoilearan a’ tòiseachadh le na fuaimean fa leth agus mar a ghabhas an cur ri chèile gus faclan a dhèanamh, an àite a bhith a’ tòiseachadh le faclan agus gam bristeadh sìos nam fuaimean sìngilte. Tha e air a chiallachadh, air sgàth seo, gum bi an stuth air a chleachdadh tràth anns a’ bhunsgoil, mus tòisich na sgoilearan air leughadh. Chaidh a dhealbh gu bhith tarraingeach agus beothail do chloinn òga le sin san amharc. Tha cùnntas anns a’ chòrr dhan leabhran seo air na dòighean-teagaisg a tha air am moladh agus air na stuthan a bheir taic dhan obair.

Page 6: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

5

2 Cruth na Sgeama 2a Fuaimean agus Faclan Tha an sgeama a’ còmhdach a’ mhòr-chuid de fhuaimean cumanta na Gàidhlig agus na litrichean a tha air an cleachdadh gus na fuaimean sin a riochdachadh. Tha na fuaimean/litrichean a tha air an còmhdach san sgeama, leis an fhacal shònraichte a tha air a chleachdadh mar eisimpleir air gach litir, air an sealltainn mar liosta ann an Eàrr-ràdh A (‘Na Prìomh Litrichean’). Tha an sgeama a’ roinn nam fuaimean/litrichean ann an seataichean. Tha mu 6 anns gach seata ― ged a tha barrachd sa chiad fhear agus nas lugha ann an cuid. Tha mu fhichead facal a’ dol leis gach seata. Tha dùil gum bi na fuaimean agus na litrichean air an teagasg anns na seataichean seo, fear às dèidh fir. Tha iad air an sealltainn mar liosta ann an Eàrr-ràdh B (‘Òrdugh nan Litrichean’) agus mar ‘cliathan’ ann an Eàrr-ràdh C (‘Cliathan’). Tha an dòigh anns a bheilear a’ moladh na h-obrach a dhèanamh air a mìneachadh anns na h-earrainnean a leanas. Tha cùnntas air na stuthan a tha dol leis an sgeama ri fhaighinn ann an ’Earrainnean a’ Phac’. 2b Roinnean Feumaidh an obair a bhith a’ gabhail a-steach nan roinnean a leanas:

• Ionnsachadh nam fuaimean agus nan litrichean

• Cruthachadh nan litrichean

• Cur nam fuaimean ri chèile: coimeasgadh

• Aithneachadh nam fuaimean ann am faclan

• Cruthachadh fhaclan

• Ionnsachadh fhaclan nach eil a’ leantainn nan riaghailtean cumanta.

Page 7: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

6

3 Ionnsachadh nam Fuaimean agus nan Litrichean 3a Ullachadh ro-làimh: a’ cur eòlas air na faclan Mus tòisich iad ag ionnsachadh nam fuaimean agus nan litrichean, feumaidh na sgoilearan a bhith eòlach air na faclan a tha gu bhith air an cleachdadh airson seo: bidh cuid dhiubh air am bi iad eòlach mu thràth ach bidh feadhainn cuideachd a bhios ùr dhaibh. Airson dèanamh cìnnteach gu bheil na faclan anns gach seata aca, bu chòir a dhol thairis orra uile, ann an dòigh bheothail, shùnndach ma ghabhas e dèanamh, a' cleachdadh chluichean, chleasan agus ghnìomhan iomchaidh. Tha eisimpleirean air mar a dh'fhaodar seo a dhèanamh air na duilleagan, ‘Cluichean’, ach tha dùil gun cuir tidsearan ri seo, an lùib na h-obair-cànain a bhios iad a' dèanamh aig an ìre seo co-dhiù. 3b Ag ionnsachadh fuaimean nan litrichean Thathar a’ moladh gun tèid na fuaimean a theagasg don chloinn gu math sgiobalta, ‘s dòcha aon fhuaim gach latha. Bu chòir an aon dòigh a chleachdadh airson gach fuaim a theagasg. Seo, mar eisimpleir, na ceumannan a tha air am moladh airson ‘c’.

1. Innseadh an tidsear don chloinn gu bheileas gu bhith a' bruidhinn

air an fhuaim 'c'. 2. Dèanadh an tidsear an gnìomh a tha air a mholadh airson gach litir:

airson ‘c’ bu chòir don tidsear agus na sgoilearan an làmhan a ghluasad mun cuairt air a chèile, mar gum biodh cuibheal a’ cur car, 's aig an aon àm iad a’ ràdh ― [Tha 'c' ag ràdh …] “cur car, cur car”.

3. Dealbhadh an tidsear an litir ‘c’ san èadhar agus air a’ bhòrd

dhubh.

4. Canadh an tidsear am fuaim … c, c, c, c… aig an aon àm ri bhith a’ dealbhadh na litreach.

5. Innseadh an tidsear an stòiridh ‘Calum a’ cur car’ (o na duilleagan,

‘Stòiridhean’), a’ dèanamh nan cluichean iomchaidh.

Page 8: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

7

6. Dèanadh an tidsear leth-bhreacan den duilleag-obrach iomchaidh à ‘Ionnsachadh nam Fuaimean’, agus sgrìobhadh na sgoilearan an litir air an loidhne. [Faic an ath earrann, ‘Cruthachadh nan Litrichean’, airson tuilleadh mun seo.]

Cha bu chòir dragh a ghabhail mu na litrichean mòra aig an ìre seo, ged a tha iad air na duilleagan-obrach, a bharrachd air ainmeachadh san dol seachad gu bheil an leithid ann. Tha an dòigh-obrach a tha air a mholadh airson teagasg gach fuaim fa leth air a chur an cèill anns na duilleagan-obrach, ‘Ionnsachadh nam Fuaimean’. Nuair a tha duilleag-obrach aca deiseil airson aon fhuaim/litir, faodaidh a’ chlann a toirt dhachaigh leotha. Mar sin chì na pàrantan dè a dh’ionnsaich iad agus faodaidh iadsan an uair sin an cuideachadh aig an taigh. 3c A’ dol thairis air na fuaimean a-rithist Bu chòir a dhol air ais aig toiseach gach leasain gu na fuaimean a rinneadh ron a seo. Bu chòir seo a dhèanamh le bhith a’ cumail an-àirde nan cairtean, ‘Cairtean Fhuaimean’, aon às dèidh aon, gu math luath, ag iarraidh air a' chloinn na gnìomhan a dhèanamh agus na fuaimean a ràdh. 3d Daingneachadh Faodar an ‘Geama Chàraidean’ a chleachdadh gus daingneachadh eòlas na cloinne air na fuaimean agus na litrichean ann an dòigh spòrsail. Tha dà chopaidh de gach litir air na duilleagan, ‘Geama Chàraidean’. Tha aig a’ chloinn ri ‘càraidean’ a lorg, 's e sin fuaimean/litrichean den aon t-seòrsa. Faodaidh pàrantan an geama a chluich aig an taigh. Faodaidh a’ chlann cuideachd geama a chluich leithid ‘Sealg an litir’ anns a bheil iad a' feuchainn ris an litir a lorg ann an leabhraichean, air a’ bhalla, aig toiseach ainmean agus mar sin air adhart. Cuidichidh seo iad gu bhith a’ tuigsinn gu bheil ceangal eadar fuaimean agus faclan ann an leabhraichean.

Page 9: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

8

3e Leabhran Tha an leabhran, Na Litrichean Agam, a' sealltainn nam fuaimean fa leth, ann an òrdugh, ann an riochd bhlocaichean ann am “balla”. Bu chòir do na sgoilearan gach bloca a lìonadh le dath nuair a bhios iad air an fhuaim/litir sin ionnsachadh gus am bi am balla ullamh aca. Bheir iad an leabhar beag dhachaigh gach oidhche airson a leughadh do inbheach. Bu chòir don tidsear no an neach-cuideachaidh èisteachd ris gach pàiste an ath latha ach a bheil cuimhne aca air na fuaimean. Gheibh a' chlann rionnag dhathte nuair a dh’ionnsaicheas iad a h-uile facal ann an seata agus a tha iad deiseil gu gluasad gun ath fhear. 3f Obair a bharrachd Anns a’ chuid as motha de chlasaichean, bidh duine no dithis nach eil ag ionnsachadh nam fuaimean cho luath ri càch. Faodaidh diofar adhbhair a bhith ann airson seo:

• ‘S dòcha nach eil cuimhne mhath aig a’ phàiste airson litrichean agus faclan.

• ‘S dòcha gu bheil e/i tric a-mach às an sgoil airson diofar adhbhair.

• ‘S dòcha nach urrainn e/i aire a chumail air rud airson ùine fhada.

Ann an suidheachadh mar seo, bu chòir na fuaimean/litrichean nach aithne dha na sgoilearan fhathast a ghearradh às na duilleagan, 'Bogsaichean Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar rionnagan (no duais eile) a thoirt dhaibh nuair a dh’ionnsaicheas iad na fuaimean. 3g Ainmean nan litrichean As dèidh mu thrì de na cliathan, faodar innse gu bheil ainmean aig na litrichean a bharrachd air fuaimean ― ach gun rud mòr a dhèanamh dheth.

Page 10: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

9

3h Targaidean Aig deireadh gach seata no ‘cliath’:

• Bidh a’ chlann air na fuaimean anns an t-seata sin ionnsachadh. • Aithnichidh iad am fuaim anns a’ bhad a chì iad an litir.

• 'S urrainn dhaibh na litrichean fa leth a sgrìobhadh.

4 Cruthachadh nan Litrichean 4a Na Litrichean Bu chòir do chloinn tòiseachadh air cruthachadh nan litrichean cho luath ’s a tha iad air ionnsachadh mun cheangal eadar an litir agus am fuaim. Faodaidh iad a bhith a’ dèanamh aon litir gach latha. 4b A’ cleachdadh peansail Tha e cudromach gun tèid ionnsachadh don chloinn on toiseach ciamar a chumas iad am peansail agus ciamar a dhealbhas iad na litrichean ceart. Faodar a chur san dòigh seo:

• “Cùm am peansail eadar d’ òrdag agus do chiad chorrag, leis an dàrna corrag a’ cumail a’ pheansail gun tuiteam.”

• “Cuir an dà chorrag eile a-mach às an rathad.”

• “Cuir do làmh na laighe air a’ bhòrd.”

• “‘S e an òrdag agus a’ chorrag a tha a’ toirt air a’ pheansail gluasad.”

4c A’ dealbh nan litrichean Seo an dòigh-teagaisg a tha air a mholadh airson seo:

Page 11: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

10

• Sealladh an tidsear air a’ bhòrd-dhubh mar a dhealbhas a’ chlann an litir, ag ìnnse dè tha i a' dèanamh mar a tha i a' dol air adhart, mar eisimpleir, le 'd', "Mun cuairt, suas, sìos, earball".

• Dèanadh an tidsear dealbh na litreach anns an èadhar, a’ dèanamh

cìnnteach gu bheil i an taobh ceart airson na cloinne.

• Dèanadh a’ chlann fhèin an litir anns an èadhar grunn thurais, ag ràdh an fhuaim gach turas.

• Cleachdadh a’ chlann an duilleag-obrach iomchaidh à ‘Ionnsachadh

nam Fuaimean’ agus sgrìobhadh iad an litir. 4d Làmh-sgrìobhaidh Tha e cudromach na puingean a leanas a dhaingneachadh:

• Chan eil gin de na litrichean a’ tòiseachadh air an loidhne. • Tha na litrichean air fad an aon mheudachd ach ‘b’, ‘d’, ‘f’, ‘h’, ‘l’, ‘t’:

tha iadsan àrd. Tha earbaill air ‘f’, ‘g’, ‘p’ a bhios a’ dol sìos fon loidhne.

• Anns a’ mhòr-chuid de litrichean tha am peansail a’ dol dìreach sìos

chun an loidhne an toiseach: mar eisimpleir, ‘b’, ‘’h, ‘’i, ‘l’, ‘m’, ‘n’, ‘p’, ‘r’, ‘t’, ‘u’ agus ‘f’.

• Tha na litrichean a leanas a’ tòiseachadh mar ‘c’: ‘a’, ‘d’, ‘o’, ‘g’.

Bho àm gu àm, bu chòir sùil a thoirt ach a bheil na sgoilearan a’ dealbhadh nan litrichean san dòigh cheart. Bu chòir ìnnse dhaibh gu bheil litrichean ann am facal air an sgrìobhadh faisg air a chèile ach gum feum iad beàrn fhàgail eadar faclan. 4e Litrichean mòra Thathar a’ cur barrachd cuideam air a bhith ag ionnsachadh nan litrichean beaga an toiseach ach ionnsaichidh a’ chlann cruth nan litrichean mòra nas fhaide air adhart.

Page 12: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

11

Am measg nan rudan air am bu chòir cuideam a chur a thaobh nan litrichean mòra ‘s e gu bheil iad an aon mheud ris na litrichean àrda, gum bi iad uile a’ dol dìreach sìos chun na loidhne an toiseach ach C, G, O, a bhios a’ dol cruinn mar C, agus nach bi litrichean mòra a’ ceangal ri chèile. 4f Sgrìobhadh ceangailte Thathar a’ moladh gun cleachd clann sgrìobhadh ceangailte nas tràithe na b’ àbhaist: bheir seo orra a bhith nas fhileanta ann an sgrìobhadh agus a bhith a’ litreachadh nas fheàrr. Thathar a’ moladh gun cleachdar “Sassoon” air a’ choimpiutair, chionn ‘s gu bheil earbaill air na litrichean. Bhiodh e feumail tòiseachadh air sgrìobhadh ceangailte nuair a tha iad ag ionnsachadh nam fuaimean a tha air an sealltainn le dà litir mar ‘bh’ agus ‘ch’ no ‘ao’. 4g Obair a bharrachd Tha cuid de chloinn nach eil math air làmh-sgrìobhaidh. Feumaidh iadsan barrachd obair a dhèanamh airson nan litrichean a chruthachadh ann an dòigh a tha ceart agus sgiobalta. Dh’fhaodadh iad a bhith a’ sgrìobhadh air uachdar na litreach, tro phàipear tana, agus obair a bharrachd a dhèanamh air cruthachadh litrichean air pàipear le loidhnichean. 4h Co-dhùnadh Bu chòir cuideam mòr a chur air cruthachadh nan litrichean ― a bhith gan dealbh ceart agus a bhith a’ cumail a’ pheansail ceart, mar eisimpleir. Mar seo, bidh ùidh aig a’ chloinn anns an làmh-sgrìobhaidh aca agus bidh iad a’ dealbh nan litrichean ceart o sin a-mach.

Page 13: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

12

5 Cur nam fuaimean ri chèile: Coimeasgadh 5a A’ coimeasgadh Nuair a dh’ionnsaicheas a’ chlann na fuaimean agus na litrichean fa leth a tha ann an seata, feumaidh iad ionnsachadh mar a tha iad air an cur ri chèile gus faclan a dhèanamh. ‘S e sin ‘coimeasgadh’. Nuair a tha an sgil seo aig a’ chloinn, ‘s urrainn dhaibh faclan ùra a leughadh no a sgrìobhadh leotha fhèin. Seo na ceumannan a tha air am moladh airson seo.

1. Canadh an tidsear, mar eisimpleir, ‘c-a-r’ agus faighnicheadh i, “Cò tha a’ cluinntinn facal?” Às dèidh eisimpleir no dhà mar ‘c-u-r’ agus mar sin air adhart, tha còir gum bi cuid den chloinn a’ cluinntinn nam faclan.

2. An ath latha, faodar faclan eile fhuaimneachadh dhaibh san aon

dòigh agus an turas seo bu chòir gum bi barrachd chloinne a’ cluinntinn nam faclan. A’ dol air adhart anns an dòigh seo, gus am bi na faclan uile ann an seata air a dhèanamh, tha còir nach fhada gus am bi a’ chuid as motha anns a’ chlas gan cluinntinn.

3. Aon uair is gun urrainn don chloinn facal a chluinntinn nuair a chanas

inbheach na fuaimean, tha iad deiseil airson na fuaimean a ràdh iad fhèin.

4. Sgrìobhadh an tidsear trì litrichean air a’ bhòrd dhubh a tha

a' dèanamh facal sìmplidh. An uair sin canadh a’ chlann na fuaimean agus èisteadh iad ach an cluinn iad am facal. [Faic Earrann 6 airson tuilleadh air 'leughadh'.]

5. An toiseach bidh a’ chlann a’ coimeasgadh le bhith ag èigheach

a-mach nam fuaimean. Às dèidh greis, bithear ag iarraidh orra a dhèanamh sàmhach nan ceann.

Feumar tòrr obair a dhèanamh air a seo, a’ tòiseachadh leis na fuaimean anns a’ chiad sheata agus a’ leantainn air adhart, seata às dèidh seata. Tha e cudromach beagan a dhèanamh air gach latha.

Page 14: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

13

Tha na puingean a leanas cudromach ann a bhith a’ teagasg coimeasgadh: • Bu chòir cuideam a dhol air a’ chiad fhuaim agus na fuaimean eile a ràdh

ann an guth socair ach luath. • Nuair a tha faclan ann far a bheil dà litir a’ seasamh airson aon fhuaim,

feumar an ràdh mar aon fhuaim, mar eisimpleir ‘bh’, ‘ch’, ‘ao’. • Far a bheil dà fhuaim a’ dol le chèile gus fuaim ùr a dhèanamh, mar ’b’

agus ‘r’ ann am ‘bròg’, bu chòir an dà fhuaim sin a choimeasgadh an toiseach agus an uair sin a dhol air adhart chun an fhacail shlàin. ‘S e sin ri ràdh, cuireadh iad còmhla an toiseach ‘b’ agus ‘r’ – a’ dèanamh ‘br’ – agus an uair sin canadh iad am facal slàn mar seo – ‘br’ –‘ò’-g’.

5b Daingneachadh: Geamannan Coimeasgaidh Geama 1

• Dèanadh an tidsear na gnìomhan a-mhàin airson nam fuaimean ann am

facal. • Feumaidh a’ chlann obrachadh a-mach dè am facal a tha ann. • Dh’fhaodadh an fheadhainn as urrainn a dhèanamh am facal a

sgrìobhadh leotha fhèin agus càch am facal a ràdh ris an tidsear. Geama 2 Faodar a dhèanamh ann an dòigh eile cuideachd, mar eisimpleir, dèanadh am pàiste na gnìomhan agus canadh an tidsear am facal. Geama 3 • Sgrìobhadh an tidsear litrichean an àite sam bith air a’ bhòrd dhubh. • Cuireadh i a corrag bho aon litir gu litir eile gus facal a dhèanamh. • Feumaidh a’ chlann obrachadh a-mach dè am facal a tha ann.

Page 15: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

14

5c Tuilleadh Daingneachaidh Tha dà sheòrsa stuth an cois a' phac a bheir tuilleadh taic don obair seo. • Maidseadh. Tha aig na sgoilearan ris na dealbhan agus na faclan a

mhaidseadh. Tha na duilleagan 'Maidseadh', a' dol leis a' ghnìomh seo. • Geamannan-bùird. Tilgeadh a' chlann dìsinn 1-3: nuair a thig iad sìos air

facal, feumaidh iad a ràdh mus tèid iad air adhart. Tha na duilleagan, 'Geamannan-bùird', a' dol le seo.

5d Bogsaichean Fhaclan Bu chòir bogsaichean beaga a dhèanamh le na faclan air na duilleagan, ‘Bogsaichean Fhaclan’, aon uair ‘s gu bheil ceithir seataichean air an dèanamh. Bidh e cuideachail dà bhogsa a bhith anns a’ chlas aig gach ìre. ‘S e amas nam bogsaichean gun toir a’ chlann dhachaigh iad agus gum bi iad a’ coimeasgadh nam faclan còmhla ri am pàrantan. Faodaidh dithis a tha fìor mhath air coimeasgadh Bogsa 1 a thoirt dhachaigh. An ath latha nì iad na faclan don tidsear no neach-cuideachaidh agus gheibh iad Bogsa 2. Gheibh dà phàiste eile Bogsa 1 agus mar sin air adhart. Cha bu chòir do na bogsaichean a dhol dhachaigh ach airson aon oidhche. Cha bu chòir na bogsaichean a thoirt do chloinn sam bith nach urrainn coimeasgadh fhathast agus nach 'cluinn' na faclan. 5e Duilgheadasan le coimeasgadh Bidh glè thric sgoilear no dhà nach eil math air coimeasgadh agus bidh cuid aig am bi duilgheadasan mòra leis. Is iadsan mar as trice aig am bi duilgheadasan leughaidh às dèidh seo. Tha feum aca air tòrr mòr obair a dhèanamh air a seo leis an tidsear no an neach-cuideachaidh anns an sgoil agus le am pàrantan aig an taigh. Am measg nan adhbhar airson nan duilgheadasan seo tha na leanas: • ‘S dòcha nach eil na sgoilearan math air dealbh a chumail nan cuimhne.

Tha seo ga dhèanamh buileach nas cudromaiche gun ionnsaich iad an sgil seo.

Page 16: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

15

• ‘S dòcha nach eil iad air na fuaimean a thogail gu math. Bu chòir am fuaim a thighinn thuca cho luath ‘s a chì iad litir: ma dh’fheumas iad stad agus smaoineachadh, caillidh iad am facal. Tha e cudromach mar sin a bhith a’ dol air ais gu na ‘Cairtean Fhuaimean’ gu math tric agus na gnìomhan ’s na geamannan a dhèanamh a-rithist agus a-rithist.

• ‘S dòcha nach eil iad a’ cur cuideam ceart air na fuaimean. Bu chòir cuideam a chur air a’ chiad fhuaim ann am facal gu h-àraidh, m.e. ‘c-a-r’. Tha seo ga dhèanamh nas fhasa am facal a chluinntinn.

6 Aithneachadh nam Fuaimean ann am Faclan Le bhith ag ionnsachadh coimeasgaidh, tha a’ chlann a’ tuigsinn gu bheil còd ann airson leughadh agus gun urrainn dhaibh faclan sgrìobhte obrachadh a-mach. Feumar tìde a thoirt gan dèanamh fileanta anns an sgil seo an toiseach. Tha e nas cudromaiche ùine a chur seachad air a seo na bhith a’ toirt dhaibh leabhraichean airson leughadh aig an ìre seo. Anns an dòigh seo bidh barrachd misneachd aca nuair a thòisicheas iad a’ leughadh dha-rìribh. Cha bu chòir leabhraichean a thoirt do sgoilearan gus an urrainn dhaibh leughadh nam faclan anns na ‘Bogsaichean Fhaclan’. Ma tha duilgheadasan aig pàiste air na faclan sin a leughadh an dèidh ùine, bu chòir leabhar beag furasta a thoirt dhaibh: tha cuid a dh'ionnsaicheas nas fheàrr anns an dòigh seo. Ach bu chòir dhaibh cumail orra a’ coimeasgadh cuideachd.

7 Cruthachadh Fhaclan 7a A’ Sgrìobhadh Fhaclan Tha a’ chlann roimhe seo air ionnsachadh mar a sgrìobhas iad na litrichean fa leth (faic Earrann 4). Nuair a tha iad air sgil coimeasgaidh ionnsachadh, tha iad deiseil airson faclan a sgrìobhadh.

Page 17: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

16

7b Coimeasgadh: Daingneachadh Bhiodh e feumail barrachd obair coimeasgaidh a dhèanamh aig an ìre seo. Tha e cudromach gun cluinn a’ chlann fuaim agus gun aithnich iad càite bheil e ann am facal. Le 'car', mar eisimpleir, a bheil ‘a’ aig an toiseach, anns a’ mheadhan no aig an deireadh? Tha e cudromach cuideachd ann an sgrìobhadh gun aithnich a’ chlann cia mheud fuaim a tha ann am facal. Canadh iad am facal 'muc'. Cumadh iad suas aon chorrag airson gach fuaim: m-u-c ― trì fuaimean. Bhiodh e feumail tòrr obair a dhèanamh air na rudan seo anns a’ chlas agus leis an neach-cuideachaidh. 7c Tuilleadh Daingneachaidh: Geamannan beaga Geama 1 Geàrr aon fhuaim air falbh gach turas, mar a leanas:

• Canadh an tidsear am facal ‘lus’. • Canadh a’ chlann am facal, a’ fàgail às ‘l’ (‘us’). • An uair sin fàgadh iad às ‘u’, gus nach bi càil air fhàgail ach ‘s’. Às dèidh a bhith a’ cluich a’ gheama seo tric le faclan sìmplidh, faodar a dhol air adhart gu faclan nas fhaide. Geama 2 Cluinneadh a’ chlann cia mheud lide a tha ann am facal, mar a leanas:

• Canadh an tidsear facal (‘s dòcha ainm mar Calum).

• Buaileadh a’ chlann am boisean ri chèile mar 'Cal-um'. Dèan seo leis na h-ainmean eile anns a’ chlas.

Page 18: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

17

7d Ceumannan Seo an dòigh a tha air a mholadh airson ionnsachadh dhan chloinn mar a sgrìobhas iad faclan. Canadh an tidsear facal. Èisteadh a’ chlann ris. Nuair a dh’aithnicheas iad na fuaimean anns an fhacal, sgrìobhadh iad na litrichean iomchaidh. Mar eisimpleir: • Canadh an tidsear am facal ‘car’. • Canadh a’ chlann na fuaimean ‘c’-‘a’-‘r’. • Sgrìobhadh a’ chlann ‘car’. 'S e sin a’ phrìomh sgil a dh’fheumas iad airson sgrìobhadh ionnsachadh. Às dèidh seachdain no dhà, faodar sealltainn don chloinn an ceangal a tha eadar leughadh agus sgrìobhadh. Iarradh an tidsear cuideachadh bhon chloinn a’ sgrìobhadh facal, mar eisimpleir 'lus'. Ma chluinneas iad 'l' aig an toiseach, sgrìobhadh an tidsear 'l' air a’ bhòrd dhubh. Feuchadh a' chlann ri obrachadh a-mach na fuaimean eile gus am bi am facal 'lus' air a sgrìobhadh. A-nis faodaidh a’ chlann gu lèir 'lus' fhuaimneachadh còmhla. Ma thèid seo a dhèanamh tric, chan fhada gus an tuig iad mar as urrainn dhaibh facal a sgrìobhadh agus a leughadh. Nuair a tha iad fileanta air seo a dhèanamh le faclan goirid, faodar gluasad gu faclan le ceithir fuaimean no barrachd. 7e A’ sgrìobhadh leotha fhèin

Tha e cudromach aig an ìre seo cothrom a thoirt do sgoilearan litrichean no faclan a sgrìobhadh a tha an tidsear air a leughadh a-mach dhaibh ― 's e sin 'deachdadh'. Faodar seo a dhèanamh an toiseach le litrichean agus às dèidh sin le faclan no seantansan. Dh'fhaodadh seo tòiseachadh às dèidh mu cheithir chliathan fhaclan. Bhiodh e iomchaidh deachdadh a dhèanamh dà uair san t-seachdain. Faodaidh a’ chlann gu lèir feuchainn air. Seo na ceumannan a tha air am moladh airson seo a dhèanamh.

Page 19: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

18

1. Canadh an tidsear litir no facal. 2. Sgrìobhadh a' chlann e air pàipear. 3. Sgrìobhadh an tidsear an litir no am facal air a' bhòrd dhubh agus

faiceadh a' chlann a bheil iad fhèin air a sgrìobhadh ceart. An toiseach, 's neònach mura bi feadhainn ann nach dèan oidhirp mhath air ach tha còir gum fàs iad nas fheàrr tro thìde.

Nuair a tha a’ chlann eòlach air feadhainn de na faclan neo-riaghailteach, faodar tòiseachadh a’ deachdadh sheantansan ghoirid, fhad 's nach eil cus de na faclan duilich sin annta. Faodar a-nise tòiseachadh ag ìnnse don chloinn dè tha ann an seantans agus gum feum iad stad-phuing a chur aig an deireadh agus litir mhòr aig an toiseach. Mus dèanar seo, bhiodh e math deachdadh a dhèanamh le na litrichean mòra a-mhàin ach am bi iad eòlach air a seo. Nuair a tha na fuaimean gu lèir aig a’ chloinn, nuair a dh'aithnicheas iad fuaimean ann am faclan agus nuair a tha iad air deachdadh a dhèanamh, tha iad deiseil airson tòiseachadh a’ sgrìobhadh leotha fhèin. 7f A’ leasachadh sgrìobhaidh Nuair a dh’ionnsaicheas a’ chlann na litrichean a dhealbh ceart, faodaidh an tidsear seantans naidheachd a sgrìobhadh ach an ath-sgrìobh a’ chlann e. Fhad ‘s a tha i/e a’ sgrìobhadh na seantans, canadh an tidsear na fuaimean airson nam faclan riaghailteach agus innseadh i dhaibh mu na faclan neo-riaghailteach.

Mus tòisich a’ chlann a’ sgrìobhadh seantans leotha fhèin, sealladh an tidsear dhaibh an dòigh air a dhèanamh. Fuaimnicheadh a’ chlann agus an tidsear na faclan còmhla agus leughadh iad an t-seantans a-mach. Tha seo a’ toirt misneachd don chloinn sgrìobhadh leotha fhèin. Mu letheach slighe tron bhliadhna, tha còir gum bi cuid den chloinn a’ sgrìobhadh seantans no dhà leotha fhèin.

Page 20: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

19

7g A’ ceartachadh Cha bu chòir cus ceartachaidh a dhèanamh aig na chiad ìrean. Tha e nas fheàrr beagan saorsa a bhith aca aig an toiseach, gus am bi misneachd aca annta fhèin. As dèidh timcheall air bliadhna, ge ta, bithear a’ sùileachadh gum bi an litreachadh a’ fàs nas fheàrr. 7h Co-dhùnadh Cha bhi duilgheadasan leughaidh sam bith aig clann a tha math air coimeasgadh. Nuair a tha iad fileanta, ‘s e leudachadh leughaidh agus tuigse as cudromaiche. Ma dh’ionnsaicheas iad fuaimneachadh tràth, tha seo a’ dèanamh leughadh nas fhasa dhaibh.

8 Faclan nach eil a’ Leantainn nan Riaghailtean 8a Dòigh-teagaisg Tha seataichean de fhaclan cumanta nach eil a' leantainn nan riaghailtean àbhaisteach ri fhaighinn ann an Cliathan 15, 20 agus 32-34. Tha an dòigh a leanas air a mholadh airson deiligeadh riutha seo:

• Coimhead air facal agus can e. • Falaich e.

• Sgrìobh e.

• Coimhead ach an robh thu ceart.

Bu chòir seo a dhaingneachadh le bhith toirt uimhir cothrom 's a ghabhas don chloinn a bhith a' faicinn nam faclan seo. Mar eisimpleir, nuair a dh’ionnsaicheas iad facal, faodar a sgrìobhadh air cairt mhòr agus a chur air a’ bhalla. Faodaidh a’ chlann na faclan a leughadh, le neach-cuideachaidh no leotha fhèin.

Page 21: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

20

Ged is ann tro bhith ag aithneachadh an fhacail shlàin as trice a bhios a' chlann ag ionnsachadh nam faclan seo, faodar prionnsabail coimeasgaidh a chur an greim cuideachd, gu ìre co-dhiù. Mar eisimpleir, faodaidh a’ chlann coimhead air an fhacal agus feuchainn ri lorg a' phìos a tha riaghailteach agus a' phìos a tha neo-riaghailteach. Is toil leotha a bhith a’ sealg a' phìos neo-riaghailteach. Ma nithear geama dheth, cumaidh sin nan cuimhne e. 8b Pàtrain no teaghlaichean Cuidichidh na leanas le bhith a' deiligeadh ris na faclan neo-riaghailteach:

• Tòisicheadh a' chlann a’ dèanamh liostaichean fhaclan a tha coltach ri chèile, mar eisimpleir 'camp', 'stamp', 'lampa'.

• Smaoinicheadh iad, 'A bheil am facal a’ coimhead ceart?' Nuair

nach eil iad cinnteach às an dòigh litreachaidh, faodaidh iad a sgrìobhadh air pìos pàipeir grunn thurais ach a bheil e a’ coimhead ceart. Taghadh iad am fear a tha iad a’ smaoineachadh a tha ceart.

8c Co-dhùnadh Tha na faclan neo-riaghailteach an-còmhnaidh ag adhbhrachadh dhuilgheadasan. Le bhith ag ionnsachadh riaghailtean don chloinn agus dòighean air na faclan sin a chumail nan cuimhne, fàsaidh a' chlann nas fheàrr air an litreachadh tro thìde.

9 Rannan

Nuair a bhios na sgoilearan air na sgilean iomchaidh ionnsachadh agus a tha iad deiseil airson beagan leughaidh a dhèanamh leotha fhèin, bu chòir tionndadh chun nan duilleagan, ‘Rannan Gòrach’, agus am brosnachadh gus na rannan seo a leughadh, le beagan cuideachaidh. Tha na Rannan san aon òrdugh ris an sgeama gu lèir ach chan eil iad stèidhte air seataichean.

Page 22: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

21

10 Co-dhùnadh Tha a' chùrsa seo stèidhte air bunait theann a thaobh nam fuaimean is faclan a tha air an cur gu feum agus a thaobh nan dòighean-obrach a tha air am moladh. Ma bhios tidsearan a' cur ris an stuth seo, mar a thathas an dùil a bhitheas, bidh e nas èifeachdaidhe ma leanas iad ris na prionnsabail sin, mar a tha iad air an cur an cèill an seo.

Page 23: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

22

11 Eàrr-ràdhan

Eàrr-ràdh A: ‘Na Prìomh Litrichean’

Fuaim Facal

Fuaim Facal

c C cur car ph phòg m M muc fh chan fhaod d D dum-dum-dum rr tòrr s S sad ll poll l L las nn bann r R rà-rà-rà bl blas a A ad cl clag o O od-od gl glug u U lus cn cnag à À à-à-à gn gnog f F fàg br brag g G gog-gàg cr crath n N nà-nò dr druma ò Ò mòr gr grod ù Ù cù pr prann b B bò sr sròn th thar tr trod mh làmh sg sguab sh shad sl slaod ao aon sm smùr bh sàbh sn snag ch luch sp spòg p P pòg st stad t T tùr e e ua fuar i mi ò òl è dè dh dhà ì ìm gh ghabh

Page 24: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

23

Eàrr-ràdh B: ‘Òrdugh nan Litrichean’ 1. c m d s l r a o u à 2. f g n ò (cruinn) ù 3. b th mh sh ao 4. bh ch p t ua ò (fada) 5. dh gh ph fh rr 6. ll nn o (le fuaim o+u) a (le fuaim a+u) 7. bl cl gl cn gn 8. br cr dr gr pr sr tr 9. sg sl sm sn sp st sgr 10. bhr chr ghr phr thr shr 11. bhl chl ghl phl shl chn ghn 12. lc lt rp rn rs sg st chd 13. rd rt 14. lbh lm lg rb rbh rg rm 15. Faclan neo-riaghailteach (aon lide) 16. Faclan dà-lide: ‘a’ anns an dara lide, gun chuideam 17. Faclan dà-lide: ‘a’ anns an dara lide, le cuideam 18. Faclan dà-lide: connragan singilte sa mheadhan 19. Faclan dà-lide: connragan coimeasgaichte sa mheadhan

Page 25: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

24

20. Faclan neo-riaghailteach (ioma-lide) 21. e 22. i ì 23. ai ài oi òi 24. ui ùi 25. ei 26. è èi 27. io ia ìo 28. aoi uai eòi 29. eu 30. ea 31. -idh -aidh 32. Faclan neo-riaghailteach 1 33. Faclan neo-riaghailteach 2 34. Faclan neo-riaghailteach 3

Page 26: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

25

Eàrr-ràdh C: ‘Cliathan’

Prionnsabail

Bha gach seata stèidhte air àireamh àraidh de litrichean, mar as trice mu 5 no 6. Tha barrachd anns a' chiad sheata o nach robh e furasta faclan gu leòr fhaighinn air a' chòrr dòigh. Tha nas lugha na 6 litrichean ann an cuid faisg air an deireadh, mar as trice far an robh duilgheadas àraidh, leithid na h-aon litrichean a bhith a' riochdachadh diofar fhuaimean (e.g. 'eu' ann an 29). Bha duilgheadas cuideachd le cuid de na litrichean/fuaimean singilte a tha tighinn aig toiseach gnothaich. Gu h-àraidh, tha grunn litrichean ann a tha a' seasamh airson fuaimean eadar-dhealaichte a rèir a bheil iad aig toiseach facail no aig an deireadh (no sa mheadhan), mar eisimpleir: 'b' (bùth, lùb); 'p' (pòg, ròp); 'c' (cat, mac); 'g' (gal, mag); 'd' (dol, ad), 't' (taobh, cat). Dh'fhaoidte a bhith air na fuaimean a chumail còmhla, rud a bhiodh a' ciallachadh gun biodh 'c' aig toiseach facail agus 'g' aig an deireadh còmhla (e.g. 'cat' agus 'mag') agus gum biodh 'c' ann an dà sheata. Bhathas a' meas gun robh seo ro dhoirbh do chloinn òga agus, air sgàth sin, chaidh na faclan uile le 'c' a chur còmhla san aon sheata (mar eisimpleir, 'car', 'cur', 'mac', 'muc') ged nach e buileach an aon fhuaim a tha aig an 'c' gach turas. Tha an litir 'ò' a' nochdadh ann an dà sheata: ann an 2 leis an fhuaim a gheibhear ann am 'mòr' ('ò' chruinn) agus ann an seata 4 leis an fhuaim ann an 'òl' ('ò' fhada). Tha ‘a’ agus ‘o’ leis na fuaimean a gheibhear ro ‘ll’, ‘m’ agus ‘nn’ ri am faighinn ann an cliath 6. Tha mu 20 facal anns gach seata. Anns a' chiad sheataichean tha grunnan aig bonn gach cliatha de fhaclan beaga sìmplidh a tha air an cleachdadh airson adhbhair gràmair, mar eisimpleir airson ceangal fhaclan ri chèile: tha e doirbh gnìomh no dealbh a chur leotha sin ach tha iad glè chumanta. Tha a' chiad 5 sheataichean a' deiligeadh ri faclan anns a bheil trì litrichean (a' cùnntadh leithid 'bh', 'ao' agus 'll' mar aon litir). Tha coimeasgaidhean litrichean a' tòiseachadh as dèidh sin. Tha eisimpleirean ann an 14 de fhaclan far a bheil fuaim a bharrachd a' tighinn a-steach eadar na litrichean mu dheireadh (mar eisimpleir, 'lorg'). 'S e faclan nach eil a' leantainn nan riaghailtean àbhaisteach a tha ann an 15.

Page 27: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

26

Tha faclan aon-lide a' ruith eadar 1 agus 15. Tha faclan ioma-lide ('s e dà lide a tha anns a' mhòr-chuid dhiubh) a' tòiseachadh aig seata 16. Ann an 16 agus 17, tha eadar-dhealachadh air a dhèanamh eadar am fuaim a tha an litir 'a' a' riochachdadh anns an dara lide de fhacal a rèir a bheil cuideam oirre gus nach eil (e.g. 'agam' agus 'aran'). Gheibhear cuid de na h-aon fhaclan ann an 18 mar eisimpleirean air connragan am meadhan facail. Tha faclan ioma-lide nach eil a' leantainn nan riaghailtean rim faighinn ann an seata 20. Chan eil na litrichean 'e' no 'i' no fuaimean 'caola' sam bith eile ri am faighinn ann am faclan sam bith gu ruige seata 21. Tha an seata seo a' togail prionnsabal cudromach ùr: 's e sin gum faod litir mar 'e' a bhith a' seasamh airson fuaim fuaimreig (e.g. 'de') no a bhith a' sealltainn dè seòrsa fuaim a tha aig a' chonnraig (e.g. ‘ceò’). Ann an 22 tha eisimpleirean de 'i' agus 'ì', far a bheil na litrichean sin an dà chuid a' riochdachadh fuaimreig agus (mar as trice) ag atharrachadh na connraig cuideachd (e.g. 'ris'). Ann an seataichean 23-24, air an làimh eile, chan eil an 'i' ach a' sealltainn dè am fuaim a tha a' chonnraig (e.g. 'cuid'). Anns na faclan ann an 27 le 'io' agus 'ìo', chan eil an litir 'o' a' seasamh airson fuaimreig idir: 's ann a tha i ann airson sealltainn nach e connrag 'chaol' a tha a' leantainn: mar eisimpleir, 'bior' agus 'pìos'. Ann an seataichean 27, 29 agus 30 gheibhear eisimpleirean de phaidhrichean litrichean ― e.g. 'ìo', 'eu' agus 'ea' ― a dh'fhaodas a bhith a' riochdachadh dà dhiofar seòrsa fuaim. Tha seata 31 ('-idh' agus '-aidh') na eisimpleir air an t-seann riaghailt ― "Caol ri caol agus leathann ri leathann". Tha trì seataichean de fhaclan neo-riaghailteach aig an deireadh: 32-34. Tha grunn de fhaclan eile sa Ghàidhlig a tha a' leantainn riaghailtean àraidh, an ìre mhath co-dhiù, ach far a bheil an riaghailt ro dhoirbh airson a bhith air a mìneachadh do sgoilearan aig an ìre seo. 'S e eisimpleir dhen seo: 'dragh, lagh agus seadh', 'adhbhar agus adhradh', 'coill, sgoinn, coibhneas, soillse agus oidhche' agus 'taibhs, aibhne, saillte agus bainnsean'. Thathas an dùil gun teid iad sin ionnsachadh don chloinn as dèidh seo, tro phrògraman litreachaidh.

Page 28: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

27

1. c m d s l r a o u à car cas cur cus càl càr mac muc mol dad dà dol rud sad sàr sàs las lus làr ad ma mar mo mu mur do ar dum-dum-dum od-od à-à-à rà-rà-rà 2. f g n ò (cruinn) ù fad fan fàg fòn gal gas goc gùn lag mag rag can ràn mòr cù cùl cùm rùm sù ùr gad gam gu gun far an cò na nà-nò gog-gàg 3. b th mh sh ao bad bàn bò bùth lùb cath dath math mhath guth thar mhòr mhuc làmh ràmh shad caol daor saor aon tha thar caomh faod shon

Page 29: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

28

4. bh ch p t ua ò (fada) bhàn bhùth bhò gabh sàbh taobh chab chàr chath mach loch luch pòg ròp tùr cat fuar luath suas òl bha cha chan cho gach nach bhuat bho bhos chun càch 5. dh gh ph fh rr dhà dhol dhòrn dhaor ghabh ghaoth sùgh phòg phòs phut fhaod fhuar bàrr bhàrr còrr tòrr lach map ròn bàgh dha dhad dham dhan dhut fhaod 6. ll nn o (le fuaim o+u) a (le fuaim a+u) ball call mall nall chall thall poll toll ann bann gann bonn bhonn donn fonn tonn thonn cam dam lom 7. bl cl gl cn gn blas blàth clach clag clann clò cluas glac glag glan glas glug gnog gnàth cnag cnap cnàmh cnoc cnot crò

Page 30: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

29

8. br cr dr gr pr sr tr brag brat broc bròg crath craobh cruth crùb droch gràp grod gruag prann srac sràbh sròn sruth tràth trod trom 9. sg sl sm sn sp st sgr sgap sgòr sgòth sguab sgur slat sloc slaod smùr snag snàmh snàth spot spòg stad stoc stòr stuth stùr sgròb 10. bhr chr ghr phr thr shr bhrag bhrot bhròg bhrù chrath chraobh chroch chrùb chrùn ghrod ghruag phrann thràth throd throm thrus shrac shràbh shròn shruth 11. bhl chl ghl phl shl chn ghn bhlas bhlàth chlach chlag chlann ghlas ghlag ghlan ghlas phloc shlat shlàn shloc shlug shlaod chnap chnag chnàmh chnoc ghnog

Page 31: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

30

12. lc lt rp rn rs sg st chd olc falt corp càrn bùrn ars spòrs nurs casg cosg trosg rùsg post ròst achd smachd bochd nochd ochd slochd 13. rd rt àrd bàrd càrd bòrd còrd òrd bhàrd bhòrd chòrd dùrd sùrd mart Màrt Mhàrt ort gort port phort murt mhurt 14. lbh lm lg rb rbh rg rm balbh falbh colbh salm balg calg bolg tulg thulg borb garbh marbh mharbh tarbh garg lorg arm gorm ghorm orm 15. Faclan neo-riaghailteach (aon-lide) bog tog bhog gob dubh robh dhomh thu trang camp stamp long àm modh dragh grunn uan

Page 32: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

31

16. Faclan dà-lide: ‘a’ anns an dara lide, gun chuideam adan agam asal baga bata bàta botal brògan cadal casad casan còta dona doras fada latha pana poca rudan turas 17. Faclan dà-lide: ‘a’ anns an dara lide, le cuideam abhag aran brochan cabag cabhag caman cànan copan cotan crùbag luchag lùdag marag mòran ochan òran pocan putan radan tunnag 18. Faclan dà-lide: connragan singilte sa mheadhan

tuba crùbag stoban goban cabhag poca brochan fada rudan baga caman pana casad casan bata bàta latha balla Anna barrachd 19. Faclan dà-lide: connragan coimeasgaichte sa mheadhan acras bogsa Alba calma calpa solta banca carbad òrdag arsa cùrsa dorsan dòrtadh portan lasgan osna gasta dràsta aosta crosta

Page 33: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

32

20. Faclan neo-riaghailteach (ioma-lide) gobha gobhar trobhad rubha ubhal fodha bogha bodhar romhad tomhas còmhla dhòmhsa balach salach dùnadh monadh bobhla ùbhlan coma laghach 21. e beò ceò de deoch feòrag ged leòr neo neònach seo seòl Seòras bheò cheò dheoch Sheòras beann ceann peann seann teann ceàrr deàrrs geàrr 22. i ì i mi tric idir gin slige ri ris bris sin ist ìm cìr chì Sìm tìde 23. ai ài oi òi caidil maide maidse baile cailleach cairt splais càise àite càite spàin thàinig coire coiseachd fois toilichte còir còig dòigh òir

Page 34: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

33

24. ui ùi cluich cuid cuidich cuideachd duine uile duilleag uinneag cuin cuir muir fuirich thuirt thuit cùil dùin dùinte ùine dùisg sùil 25. ei bheir ceist deich eile gheibh greis leis leisg eil bheil peile ceithir 26. è èi dè tè fhèin fèis èist lèine cèilidh èibhinn 27. io ia ìo bior fios mionaid piobar siosar biadh fiacail grian iarr iasg sgian sgiath pìos sgrìobh lìon sìos 28. aoi uai eòi aois uair eòin feòil 29. eu eun beul feuch feur ceum feum geug leum

Page 35: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

34

30. ea bean cearc fear lean peant sead nead sean ceart dearg feargach geal gealach seachad seachd steach 31. -idh -aidh buailidh cuiridh dùinidh millidh cumaidh òlaidh dadaidh mamaidh 32. Faclan neo-riaghailteach 1 is fhuair fhèin nighean aig faic bonaid mionaid air chaidh madainn abhainn faigh laigh faighnich staidhre leth teth 33. Faclan neo-riaghailteach 2 creag eagal beag seas cleasachd seall peann leam dèan brèagha trèan snèap bèic cèic ceud deug 34. Faclan neo-riaghailteach 3 till tinn tuill tuinn iad sia uain uaine coimhead soitheach oidhche cuimhne

Page 36: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

35

CLUICHEAN

Page 37: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

36

Cluichean Tha e cudromach gum bi na sgoilearan a’ tuigsinn nam faclan a tha air an cleachdadh anns an sgeama. Mar sin, nuair a thathar ag obair air seat àraidh, bu chòir a dhol thairis air na faclan a tha ann agus dè tha iad a’ ciallachadh ― ann an dòigh aotrom, shùnndach ma ghabhas, le cluichean agus cleasan. Tha eisimpleirean an seo air mar a dh'fhaodar seo a dhèanamh ach thathas an dùil gum bi beachdan gu leòr aig tidsearan iad fhèin cuideachd agus gum bi iad a' dèanamh tòrr dhan a leithid seo aig an ìre seo co-dhiù. Faclan ann an Seata 1 Cur car: Anns an talla, aig àm cleasachd, ionnsaich don chloinn car-a-mhuiltean a dhèanamh. Can gu bheil iad “a’ cur car”. Canadh iadsan, “Cur car, cur car.” Cas, sad, dum-dum-dum: Stampadh a’ chlann agus an tidsear an casan. Coisichibh suas agus sìos an talla a’ stampadh ur casan agus a’ bualadh air an druma, ag ràdh “dum-dum-dum”, "sad, sad, sad" agus "cas, cas, cas". Muc, mac, càl, lus, mol: Seall don chloinn dealbh de mhuc agus uircean, dealbh de lus agus dealbh de chàl. Mìnich 'mol'.

Las: Bruidhinn ris a’ chloinn mu dheidhinn solais. Seall dhaibh an suidse airson dealan, toirdse agus coinneal agus cuir air an solas nuair a chanas iadsan am facal, ‘las’. Rà-rà: Bruidhinn air geama ball-coise no geama eile. Dè bhios a’ tachairt ma gheibhear tadhal? Èighibh: “Rà-rà-rà!”

Ad: Seallaibh air tòrr adan (‘s dòcha ann an leabhar mar ‘Cat in a Hat’) agus bruidhnibh air adan.

Page 38: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

37

Od-od: Theirig mun cuairt ag ràdh, “Od-od!” agus a’ crathadh do chorraig ris a’ chloinn, gan cronachadh. Dèanadh iadsan an aon rud ri chèile. Lus: Dè tha ann an lus? Dèan an rann, “Màiri, Màiri anns a’ ghàrradh” no a leithid agus bruidhnibh air na lusan a bha a’ fàs sa ghàrradh. Faodaidh a' chlann dealbh a dhèanamh de lusan agus taisbeanadh a dhèanamh leotha. À-à-à: Dè bhios tu a' ràdh nuair a tha rudeigin goirt? Dè bhios tu a' ràdh ma tha d’ amhaich goirt agus tha an dotair a’ coimhead oirre? Canadh a’ chlann, “À-à-à!” Faclan ann an seata 2 Fàg: Bruidhinn air an fhacal, ‘fàg’. “Na fàg do bhaga!” “Fàg do bhràthair! Na bi crosta!” Gog-gàg: Seall dealbh de chearc. Dè bhios cearc a' ràdh? Bruidhinn riutha mu dheidhinn cearcan agus iseannan agus uighean. Nà-nò: Bruidhnibh còmhla air na seirbheisean teasairginn. Dè am fuaim a bhios a'charbad-èiridinn agus càr a’ phoileis a’ dèanamh? Carson tha seo? Dèanadh a' chlann am fuaim, a’ ruith mun cuairt ‘s dòcha. Mòr: Seall don chloinn dealbhan de chait ― na cait aca fhèin agus cait mhòra anns a’ choille. Bruidhnibh air mòr agus beag. Cù: Bruidhnibh air am peataichean. Faodar graf a dhèanamh, a’ sealltainn nam peataichean as cumanta anns a’ chlas.

Page 39: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

38

Faclan ann an seata 3 Bò: Càite am faic sinn bò? Dè bhios sinn a’ faighinn bho bhò? Coimheadaibh air dealbhan. Thar: Anns an talla, leum thar a’ bhogsa. Dèan seo grunn thurais, a' ràdh, “Tha mi a’ leum thar a’ bhogsa.” Dèanadh a’ chlann an aon rud. Làmh: Bruidhnibh air làmhan. Cuireadh a' chlann an làmhan air an ceann, air an glùinean etc. Shad: Sad rudeigin air falbh agus can, “Shad mi e.” Dèanadh a’ chlann seo cuideachd. Aon: Seall aon chorrag, aon chas, aon làmh. Faclan ann an seata 4 Sàbh: Bheir a-steach sàbh agus bruidhnibh air na rudan a nì sinn leis. Luch: Bruidhnibh air luchag a’ choimpiutair agus luchainn eile. “Ciamar a bhios luchag a’ gluasad? Seall dhomh.” Tùr: Dèanadh iad tùr mòr, àrd le blocaichean. Dèan fhèin cruth tùr le do chorp: tòisich beag agus fàs suas beag air bheag. Dèanadh iadsan an aon rud. Fuar, luath, òl: Bruidhnibh air na rudan seo. Seall thu fhèin air chrith leis an fhuachd: dèanadh iadsan e an uair sin. Airson ‘luath’, gluaisibh timcheall an tàlla cho luath ‘s as urrainn dhuibh. Dèanaibh gnìomhan a’ sealltainn ‘òl’ à cupa, botal, sràbh.

Page 40: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

39

Ròp, chath: Bruidhnibh air ròp agus dè bhithear a’ dèanamh leis. An uair sin, chath. "Chath mi an ròp." ― mar eisimpleir, balach-cruidhe, ann am bàta etc. Faclan ann an seata 5 Dà dhòrn: Seall don chloinn dà dhòrn agus innis dhaibh dè tha am facal a'ciallachadh. Fhaod: Bruidhnibh air rudan nach fhaod a’ chlann a dhèanamh. "Chan fhaod thu siud/seo a dhèanamh." Ghabh, bàgh: Innis don chloinn dè a tha ann am ‘bàgh’ agus dè tha ‘ghabh’ a’ ciallachadh. “Ghabh mi mo bhiadh”: seall ciamar. Tòrr, bàrr: Seall dè tha ‘tòrr’ agus ‘bàrr’ a’ ciallachadh. Ghaoth: Bruidhnibh air latha gaothach. Dè am fuaim a bhios a’ ghaoth a’ dèanamh? Seallaibh mar a bhithear a’ cluiche le itealag anns a’ ghaoith. Seantans: "Tha a' ghaoth làidir." Phòs, phòg: Bruidhnibh air banais. Cò bha aig banais? Innis dè thachair tron latha. Ròn, lach: Bruidhnibh air na beathaichean sin agus seall dealbhan don chloinn. Map: Dè tha ann am map? Carson a dh’ fheumas sinn e? Faclan ann an seata 6 Poll: Bruidhnibh air poll air latha fliuch. “Ciamar a bhios tu a’ coiseachd ann am poll, luath no slaodach?” Seall ciamar. Dèanadh iadsan seo an uair sin.

Page 41: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

40

Ball, chall, thall, bonn, donn, toll: Dèanaibh dealbh-chluich mu dheidhinn ball donn a bha air chall. Càite an robh e? An robh e thall an siud, aig bonn an loch no ann an toll? Bann: A bheil bann air falt duine? Bruidhinn air dè tha ann am bann. Dam, lom, cam: Dè a tha ann an dam agus carson a tha e? Seinnibh còmhla an t-òran “Brochan lom” agus innis dè tha 'lom' a’ ciallachadh. A bheil rud sam bith sa chlas a tha cam? Fonn: Bidh sinn a’ seinn anns a’ chlas. Dè am fonn a tha againn an-diugh? Tonn: Càite am faic sinn tonn? Bruidhnibh còmhla air latha air an tràigh. Faclan ann an seata 7 Blas: Dè am blas as fheàrr leat? Dèan graf. Clag, glag: Seall clag don chloinn. Dè am fuaim a nì e? Coisicheadh iad timcheall a’ bualadh clag, mas fhìor, ‘s a’ dèanamh an fhuaim. Glug, cnag, glan: Glan do làmhan anns an t-sinc agus cluinn am fuaim a bhios uisge a’ dèanamh nuair a tha e a’ dol sìos an t-sinc: sealladh iad goc ga thionndadh agus canadh iad, “Glug, glug!” Innis dè tha ann an ‘cnag’. Gnog, glac: Dèan gnogadh aig an doras. Fosgail an doras. “Cò th’ ann?” Dh’fhaodar geama a dhèanamh den seo le cuideigin èibhinn aig an doras no beathach fiadhaich. “Tha sioraf mòr, àrd aig an doras agus chan fhaigh e a-steach!” Dè nì sinn? Na glac do chorrag anns an doras! Cnàmh, clann: Bruidhnibh air cù le cnàmh. Dè eile bhios cù ag ithe? Dè bhios clann ag ithe?

Page 42: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

41

Cluas: Bruidhnibh còmhla air cluasan bheathaichean. Dè na beathaichean a tha math air cluinntinn? Dè an seòrsa cluasan a tha air ailbhean? Blàth, clò: Bruidhnibh air seòrsaichean aodaich ― aodach blàth mar clò agus aodach eile. Aodach Samhraidh agus aodach Geamhraidh. Clach, cnoc, crò: Bruidhnibh air crò, far am biodh na caoraich gan cumail. Ciamar a bha iad air an togail? Le clachan bho chnoc? No seall dealbhan dhaibh. Cnap: Seall cnap plastasan don chloinn agus innis gur e seo 'cnap'. Cnot: Faigh bann agus cuir cnot ann. Glas: Bruidhnibh air an dath glas agus cuideachd 's dòcha glas air an doras. Faclan ann an seata 8 Brag: Dè bhios a’ dèanamh brag? Dèanaibh gnìomhan a’ sealltainn rudan a bhios a’ dèanamh brag. Crath: Crath rudan a tha sa chlas agus dèanadh a’ chlann an aon rud. Grod: Dèan aodann mar gum biodh tu air rud a chluinntinn nach do chòrd riut agus can, ‘Grod!’ Dèanadh a’ chlann an aon rud. Prann: Prannaibh buntàta, mas fhìor. Bròg, brat, sròn, gruag: Cuir do bhròg air a’ bhrat. Cuir do shròn air a’ bhrat. Cuir do ghruag air a’ bhrat. No dìreach seall dhaibh na rudan a tha dol leis na faclan: mar eisimpleir, cuir do chorrag air do shròn, do bhròg etc.

Page 43: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

42

Crùb, cruth, craobh: Crùb sìos agus an uair sin èirich suas agus dèan cruth craoibhe. Bruidhinn air na faclan seo. Broc: Seall dealbh de bhroc. Bruidhnibh air beathaichean a chì sinn air an oidhche. Gràp, trom: Innis dè tha ann an gràp agus seall dealbh dheth. Sealladh a’ chlann dè bhithear a’ dèanamh le gràp. Can gu bheil e 'trom'. Bruidhnibh air trom agus aotrom. Sruth, srac, tràth: Innis don chloinn dè tha ann an sruth, dè tha srac a’ ciallachadh agus bruidhnibh air tràth anns a’ mhadainn. Trod: Dèanaibh trod, mas fhìor ― dealbh-chluich ‘s dòcha. Faclan ann an seata 9 Slaod, snàth, smùr, stòr: Innis no seall dè a tha na faclan seo a’ ciallachadh. Snag: Dèanaibh uile gnìomh mar crogall, ag ràdh "Snag!" Sgòr, snàmh, slat: Bruidhnibh air cur-seachadan; a’ snàmh, ag iasgach, a’ cluich ball-coise airson na faclan ionnsachadh don chloinn. Spot, spòg, stoc, sguab, stùr: Innis don chloinn dè tha na faclan a’ ciallachadh agus seall dealbhan dhaibh. Sgòth: Theirigibh a-mach a choimhead air na sgòthan gach latha agus dèanaibh ‘Clàr Aimsir’.

Page 44: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

43

Sgap, sgur, stuth, stad: Anns an Tàlla, iarr air a’ chloinn sgapadh a-mach agus iarr air duine no dhà na stuthan a thoirt a-mach. Stadadh iad nuair a thèid iarraidh orra. Innis dè tha na faclan a' ciallachadh. Sgròb: Sealladh a’ chlann far an do sgròb an cat iad. Faclan ann an seata 10 Chaidh a’ chuid as motha de na faclan seo ionnsachadh don chloinn roimhe. Theirigibh thairis orra a-rithist gus dèanamh cìnnteach gu bheil iad uile aca ― bhrot, bhrù, thrus, chroch. Faclan ann an seata 11 Chaidh a’ chuid as motha de na faclan seo ionnsachadh don chloinn roimhe. Theirigibh thairis orra a-rithist gus dèanamh cìnnteach gu bheil iad uile aca ― phloc, shlug, shlàn. Faclan ann an seata 12 Falt, corp: Bruidhnibh air ‘Mo Chorp’. Dè na pàirtean a tha na do chorp ― làmhan, casan? Nurs, post: Dèanaibh dealbh-chluich mu dheidhinn luchd-cuidichidh, a’ sealltainn an nurs, am post agus daoine eile. No seall dealbhan. Trosg, cosg, ròst: Bruidhnibh air diofar seòrsa èisg. Dh’fhaodar graf a dhèanamh, a’ sealltainn dè na h-èisg as fheàrr leotha. Tha trosg a’ cosg tòrr airgid a-nis. Faodar trosg a ròstadh anns an àmhainn. Bruidhnibh air na faclan sin. Bùrn: Facal eile airson uisge.

Page 45: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

44

Nochd, ochd, slochd, olc, spòrs, casg, achd, smachd: Innis don chloinn dè tha na faclan a’ ciallachadh. Rùsg: Bruidhnibh air measan agus glasraich. Dè an fheadhainn a bhios sinn a’ rùsgadh? Faclan ann an seata 13 Àrd, bòrd, bhòrd: Bruidhinn air na faclan seo gus am bi a’ chlann gan tuigsinn. Bàrd, port, phort: Innis don chloinn gum bi bàrd a’ sgrìobhadh bàrdachd agus ‘s dòcha òrain. Bruidhnibh air na faclan eile, le dealbhan 's dòcha. Mart: Innis gur e seòrsa bò tha seo. Gort, ort, òrd, còrd, chòrd, murt, mhurt: Mìnich na faclan seo don chloinn. Càrd: Bruidhnibh air a bhith a’ dèanamh geansaidh clòimh agus mar a bhithear a’ càrdadh na clòimhe. Faclan ann an seata 14 Falbh, marbh, gorm, orm, lorg: Dèan cìnnteach gu bheil a’ chlann a’ tuigsinn nam faclan seo. Balbh: Dh’fhaodar dealbh-chluich a dhèanamh mu dhèidhinn duine balbh. Ciamar a dh'innseas e dè tha dhìth air? Balg, bolg: ‘S dòcha gum bithear a’ cur bholgan anns an Fhoghar.

Page 46: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

45

Tulg, garg, borb: Dealbh-chluich a’ sealltainn bàta a’ tulgadh sa mhuir. Duine garg no borb? Salm, colbh, tarbh, arm: Mìnich na faclan seo don chloinn. Faclan ann an seata 15 Bog, tog, bhog: Bog an t-aodach anns an uisge agus tog an t-aodach às an uisge. Gob, uan, dubh: Tha gob air Gog a’ chearc. Tha uan dubh aig Seanair. Trang, stamp, camp, thu, àm: Dèanaibh cluichean beaga ann an camp, ag obair gu trang agus a’ stampadh an casan aig an aon àm. Dhomh, long, grunn, dragh: Innis mu sheann long fon mhuir. Mìnich na faclan eile. Faclan ann an seata 16 Bàta, asal, baga, brògan, còta, casan, doras, poca, pana, botal, adan, bata: Seall dealbhan de na faclan seo don chloinn ach am bi iad eòlach orra. Cadal, casad, latha: An robh latha ann nuair a bha iad leis a’ chnatan is nach b’ urrainn dhaibh cadal fhaighinn air an oidhche chionn 's gun robh casad aca? Faclan ann an seata 17 Abhag, tunnag, luchag, radan, crùbag: Bruidhnibh air coin. A bheil abhag aig duine? Seall dealbhan de na beathaichean seo. Aran, brochan, marag: Dè am biadh is toil leotha?

Page 47: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

46

Cotan, caman, pocan, putan, copan: Bruidhnibh air na faclan seo, agus seall dealbh dhiubh don chloinn. Cabag, cànan: A bheil cabag anns a’ chlas a bhios a’ bruidhinn gun stad? Dè an cànan a bhios sinn a’ bruidhinn? Mòran, òran: Seinnibh òran. A bheil mòran a’ seinn? Faclan ann an seata 18 Cabhag: Coisichibh mar gum biodh ann an cabhaig. Rudan, poca, fada, baga: Faigh poca no baga agus cuir rudan fada agus goirid na bhroinn. Togadh a’ chlann na rudan fada a-mach. Anna, barrachd, balla, pana, goban: Bruidhnibh uile air ainmean. Mìnich na faclan eile don chloinn. Faclan ann an seata 19 Acras, bogsa: Cuin a bhios sinn ag ithe ar dìnneir? Bruidhnibh air a' bhiadh a tha aca anns na bogsaichean-bidhe. A bheil an t-acras orra? Calpa, òrdag: Bruidhnibh còmhla air pàirtean cuirp. Gasta, solta, calma, osna, crosta: Bruidhnibh air faireachdainnean. Alba, banca: A bheil banca aig a’ chloinn? Dè bhios a’ dol ann? Bruidhnibh air banca anns a’ bhaile. “Banca na h-Alba”. Càite bheil Alba air a’ mhap?

Page 48: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

47

Lasgan: Dèan lasgan gàire agus innis dè tha am facal a' ciallachadh. Dèanadh a h-uile duine lasgan. Dòrtadh, arsa, portan, dràsta, cùrsa, dorsan, carbad, aosta: Mìnich na faclan seo don chloinn. Faclan ann an seata 20 Gobha, gobhar: Dè bhios gobha a’ dèanamh? Dh’fhaodar an leabhar, Na trì gobhair, a leughadh don chloinn agus dràma a dhèanamh. Ubhal, ùbhlan, bobhla: Bruidhnibh air co às a bhios ùbhlan a’ tighinn. Dè dh’fhaodadh sinn a dheasachadh leotha ― ann am bobhla? Fodha, tomhas, salach, còmhla, rubha, bogha, romhad: Mìnich na faclan seo don chloinn. Coma, dùnadh, dhòmhsa, monadh, laghach: Bruidhinn air na faclan seo gus am bi a’ chlann gan tuigsinn. An robh iad a-riamh cuairt air a’ mhonadh? Faclan ann an seata 21 Feòrag, Seòras, ceò, deoch, neònach: Seall dealbh feòraig don chloinn. Dèanaibh dealbh-chluich den fheòrag aig Seòras a’ gabhail deoch sa cheò. A bheil seo neònach? Beò, seòl, leòr: Faighnich don chloinn dè na rudan a tha beò agus dè na rudan aig a bheil seòl. A bheil sin gu leòr? Beann, ceann, peann, seann, teann, ceàrr, deàrrs, geàrr: Mìnich na faclan seo don chloinn.

Page 49: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

48

Faclan ann an seata 22 Slige, chì, tìde, bris, Sìm, ist, ris, idir: Dèanaibh dealbh-chluich mu dheidhinn tìde mhath agus a’ dol chun na tràghad. Chì iad sligean, ach bhris slige agus bha Sìm a' gal. Thuirt iad ris, “Ist!” Cha do chòrd seo ris idir! Cìr, ìm, tric, mi, i, gin: Mìnich na faclan seo dhaibh. Faclan ann an seata 23 Maide, baile, càise, spàin, àite, còig, cairt: Seall dealbhan don chloinn de na faclan seo ach am bi iad eòlach orra. Coiseachd, cailleach, thàinig, còir, toilichte: Dèanaibh cleas beag de, “Thàinig cailleach a’ coiseachd. Bha i còir agus bha i toilichte.” Coire, dòigh, òir: Dè bhithear a’ dèanamh le coire? Mìnich na faclan eile don chloinn. Faclan ann an seata 24 Muir, duilleag, uinneag, duine: Seall dealbhan de na faclan seo. Cuidich, dùin, thuit, dùisg, sùil: Dh’fhaodar cleasan beaga a dhèanamh, a’ sealltainn duine ag èigheach, “Cuidich mi!” “Thuit mi!” “Dùin an doras!” “Dùisg! Fosgail do shùil!” Cluich, uile, cuid, cùil, fuirich, cuideachd, cuir, ùine, cuin, thuirt: Mìnich na faclan seo don chloinn. Faclan ann an seata 25 Ceist, deich, ceithir: Cùnnt gu ceithir, cùnnt gu deich. Faighnich ceist.

Page 50: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

49

Leis, bheil: Faighnich, “A bheil thu leisg?” Bheir, gheibh, eil, greis, leis, peile, eile: Mìnich na faclan seo don chloinn. Faclan ann an seata 26 Fèis, cèilidh: Bruidhinn air dè bhios a’ tachairt aig fèis no aig cèilidh. Èibhinn, fhèin: Dèanadh iad fhèin aghaidh èibhinn. Dè, èist, tè, lèine: Mìnich na faclan seo don chloinn. Faclan ann an seata 27 Piobar, biadh, iasg, sgian: Faighnich cuin agus càite a bhithear a’ cleachdadh piobar. An ann air biadh? An ann air iasg? Cuin a chleachdas sinn sgian? Bior, siosar: Ciamar a bhios sinn a’ fighe agus a’ fuaigheal. Dèanaibh deasbad air a seo an toiseach. Sealladh a’ chlann ciamar a nì iad fighe agus fuaigheal. Feumaidh iad bioran agus 's dòcha siosar. Fios, mionaid, fiacail, grian, iarr, sgiath: Mìnich na faclan seo don chloinn. Pìos, sgrìobh, lìon, sìos: Seall don chloinn pìos pàipeir agus sgrìobh rudeigin air, a' dol thairis air na faclan. Dèanaibh còmhla dealbh de bhàta a' cur sìos nan lìon. "A' sgrìobhadh air pìos pàipeir. A' cur sìos an lìon." Faclan ann an seata 28 Aois, uair, eòin, feòil: Dèanaibh còmhradh air na faclan seo gus an tuig a’ chlann iad.

Page 51: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

50

Faclan ann an seata 29 Eun, feur, feuch, beul: Theirigibh a-mach don ghàrradh-cluiche feuch am faic sibh eun anns an fheur. Dè na h-eòin a chì sibh? Feuch ri an cùnntadh. A bheil beul air eun? Ceum, feum, geug, leum: Fhathast anns a’ ghàrradh-cluiche. Coisich dà cheum agus leum! A bheilear a’ faicinn geug air craoibh? Tha feum aca dol a-steach a-nis. Faclan ann an seata 30 Cearc, nead: Faighnich dè bhios sinn a’ faighinn bho chearc? A bheil fios aca càite am bi i a’ breith nan uighean? Peant, sead, sean: Leigeadh a’ chlann orra gu bheil iad a’ peantadh an t-seada. ‘S e seada sean a tha ann. Lean, bean: Cluichibh geama, a’ leantainn a chèile anns an talla no a-muigh. Innis don chloinn dè tha 'bean' a’ ciallachadh. Dearg, geal: Bruidhnibh air na dathan. Ceart, gealach, seachad, feargach, steach, seachd: Innis don chloinn dè tha na faclan seo a’ ciallachadh. Faclan ann an seata 31 Buailidh, cuiridh, dùinidh, millidh, cumaidh, òlaidh: Dèanaibh gnìomhan a’ sealltainn nam faclan seo. Faclan ann an seata 32 Nighean, abhainn, staidhre, bonaid, leth, teth: Bruidhnibh air na faclan seo.

Page 52: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

51

Fhuair, fhèin, faic, mionaid, madainn, faighnich, laigh, chaidh, faigh, air, aig: Cluichibh geama: “Am faic thu rud na laighe aig an uinneig? Air a’ bhòrd? Na laighe air an làr.” ”Faigh fhèin e." Bruidhnibh air madainn agus oidhche. Faclan ann an seata 33 Creag, snèap, trèan, peann, cèic, bèic: Seall dealbhan de na faclan seo. Faighnich don chloinn am bi Mamaidh a’ dèanamh cèic Cleasachd, seas, beag, dèan: Aig cleasachd, dèanadh a’ chlann iad fhèin cho beag ‘s as urrainn dhaibh. An uair sin seasadh iad suas! Ceud, deug: Bruidhnibh air àireamhan, a’ toirt a-steach ceud agus na deugan. Faclan ann an seata 34 Tinn, oidhche, cuimhne: Dèanadh a’ chlann dràma mu dheidhinn a bhith tinn air an oidhche. A bheil cuimhne aca air àm nuair a thachair seo? Till, tuill, tuinn, iad, sia, uain, coimhead, soitheach, uaine: Mìnich na faclan seo don chloinn.

Page 53: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

52

STÒIRIDHEAN

Page 54: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

53

Stòiridh airson ‘c’

Calum a' cur car, a' cur car, a' cur car.

Stòiridh airson ‘m’

Muc agus a mac ag ràdh, "M-m-m."

Stòiridh airson ‘d’

Donna a’ bualadh druma, dum-dum-dum.

Stòiridh airson ‘s’

Stad! Na sad dad!

Stòiridh airson ‘l’

Las Lulu lampa.

Stòiridh airson ‘r’

“Rà-rà-rà,” arsa Ròna.

Stòiridh airson ‘a’

Ad ùr Anna.

Stòiridh airson ‘o’

“Ochan-ochan! Od-od! Calum crosta, tha thu grod!"

Stòiridh airson ‘u’

Lus a’ fàs, lus a’ fàs, lus a’ fàs mòr.

Stòiridh airson ‘à’

“À-à-à,” arsa Anna. “Mo làmh, mo làmh!”

Page 55: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

54

Stòiridh airson ‘f’

Ma tha thu falbh, na fàg dad!

Stòiridh airson ‘g’

“Gog-gog, gàg-gàg. Tha ugh agam dhut an-dràst'."

Stòiridh airson ‘n’

Tha càr nam polas a' dol, ”Nà-nò, nà-nò, nà-nò, nà.”

Stòiridh airson ‘ò’

Cò tha seo? Cò tha seo? Cat mòr, mòr!

Stòiridh airson ‘ù’

Cù ùr, cù ùr. Cù mòr crosta.

Stòiridh airson ‘b’

Tha bò mòr!

Stòiridh airson ‘th’

Sad an ad thar a' bhalla! Od-od! Tha Calum crosta!

Stòiridh airson ‘mh’

Ràmh ann an làmh.

Stòiridh airson ‘sh’

Shad Calum an ad dhan amar! Od-od!

Page 56: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

55

Stòiridh airson 'ao’

Aon mhuc mhath agus aon mhuc dhona!

Stòiridh airson ‘bh’

Gabh sàbh Alan ach fàg sàbh Anna!

Stòiridh airson ‘ch’

Dà luch a-mach san loch.

Stòiridh airson ‘p’

Sad pòg gu Anna.

Stòiridh airson ‘t’

Put an tùr!

Stòiridh airson ‘ua’

Calum fuar! Fuar, fuar!

Stòiridh airson ‘ò’

Ag òl a-mach à cupa den òr.

Stòiridh airson ‘dh’

Tha Calum a' putadh le dhà dhòrn.

Stòiridh airson ‘gh’

Bha a’ ghaoth mòr agus ghabh Anna fasgadh.

Stòiridh airson ‘ph’

Phòg Calum Anna!

Page 57: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

56

Stòiridh airson ‘fh’

Chan fhaod thu dhol a-mach. Tha an latha ro fhuar!

Stòiridh airson ‘rr’

Tòrr mòr! Tòrr mòr! Tòrr mòr stuth!

Stòiridh airson ‘ll’

Tha poll anns an toll.

Stòiridh airson ‘nn’

Seall! Bann donn air falt Anna.

Stòiridh airson ‘bl’

Mmm! Blas math.

Stòiridh airson ‘cl’

Tha clag a’ dol brag!

Stòiridh airson ‘gl’

Glan do làmhan! Glug, glug!

Stòiridh airson ‘cn’

Croch aodach le cnag.

Stòiridh airson ‘gn’

Gnog, gnog! Tha Calum a' bualadh an dorais.

Page 58: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

57

Stòiridh airson ‘br’

Brag! Chath Calum bròg air brat!

Stòiridh airson ‘cr’

Crath a-mach an t-aodach!

Stòiridh airson ‘dr’

Droch bhalach a’ bualadh druma.

Stòiridh airson ‘gr’

"Grrr!" ars an cat. "Cù grod!"

Stòiridh airson ‘pr’

Prann am buntàta!

Stòiridh airson ‘sr’

Sròn mhòr fhada Anna!

Stòiridh airson ‘tr’

Calum agus Anna a’ trod.

Stòiridh airson ‘sg’

Sguab, sguab, sguab an làr!

Stòiridh airson ‘sl’

Slaod slat à sloc.

Stòiridh airson ‘sm’

Smùr, smùr! Sguab an làr!

Page 59: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

58

Stòiridh airson ‘sn’

"Snag! Snag! Snag!" arsa Crog.

Stòiridh airson ‘sp’

Dhomh do spòg. Uf-uf!

Stòiridh airson ‘st’

Tha stùr anns an stòr. Sguab an làr!

Page 60: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

59

EARRAINNEAN A’ PHAC

Leabhar an Tidseir

• Notaichean an Tidseir • Cluichean

• Stòiridhean

Stuthan-teagaisg

• Ionnsachadh nam Fuaimean agus nan Litrichean

• Cairtean Fhuaimean

• Geama Chàraidean

• Bogsaichean Fhuaimean

• Maidseadh

• Bogsaichean Fhaclan • Geamannan-bùird

Leabhraichean

• Na Litrichean Agam

• Rannan Gòrach

An CD

Page 61: FACAL AGUS FUAIM - 1220408379.rsc.cdn77.org€¦ · Fhuaimean', agus an cur ann am bogsa airson gun toir a' chlann dhachaigh iad agus gun tèid am pàrantan thairis orra leotha. Faodar

riochdachadh air MRG 2005© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig às leth nan Ùghdarrasan a tha air an

Deasaichte le Gena NicIlleathain agus Dòmhnall Iain MacLeòid,Comhairle na Gàidhealtachd

fuaimean agus litrichean na Gàidhlig Sgeama airson teagasg

Leabhar an Tidseir