fòcas air a’ chinn a tuath - comhairle nan eilean siar · tha e na thoileachas mòr dhomh...

7
Fòcas air a’ Chinn a Tuath Iris a h-aon: An t-Sultain 2015

Upload: others

Post on 15-Oct-2020

1 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Page 1: Fòcas air a’ Chinn a Tuath - Comhairle nan Eilean Siar · Tha e na thoileachas mòr dhomh ro-ràdh a sgrìobhadh sa chiad iris de North Focus; ’s e amas an fhoillseachaidh seo

Fòcas air a’ Chinn a Tuath

Iris a h-aon: An t-Sultain 2015

Page 2: Fòcas air a’ Chinn a Tuath - Comhairle nan Eilean Siar · Tha e na thoileachas mòr dhomh ro-ràdh a sgrìobhadh sa chiad iris de North Focus; ’s e amas an fhoillseachaidh seo

Tha e na thoileachas mòr dhomh ro-ràdh a sgrìobhadh sa chiad iris de North Focus; ’s e amas an fhoillseachaidh seo fios a chumail riubh mun fhiosrachadh as ùire, mu iomairtean ùra agus cuspairean ùra air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Gun teagamh, ’s iad na

Comhairlean Coimhearsnachd guthan nan coimhearsnachdan anns a bheil sinn ag obair agus tha iad nam fòraman cudromach airson deasbad agus gnìomhachd air cuspairean ionadail.

Tha mi airson seirbheis aig an ìre as àirde a thoirt seachad air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan leis na sgiobaidhean poileis ionadail le taic bho speisealaich. Air feadh na sgìre, tha e cudromach gum bi oifigearan ionadail a’ frithealadh coinneamhan nan Comhairlean Coimhearsnachd agaibh gus feumalachdan gach coimhearsnachd fa leth a choilionadh anns an dòigh as fheàrr is as èifeachdaiche.

Bidh sinn a’ sgrìobhadh thugad sna mìosan ri tighinn mar phàirt den obair cho-chomhairleachaidh againn. Bhiodh e feumail nan cleachdadh sibh an cothrom seo gus na beachdan agaibh a thoirt dhuinn; ’s e ur choimhearsnachd a th’ ann agus tha mi den bheachd gu bheil an taic agaibh fìor chudromach ann a bhith dèanamh cinnteach gu bheil sinn soirbheachail ann a bhith a’ Cumail Daoine Sàbhailte Tha mi an dòchas gun còrd a’ chiad iris de Fhòcas a’ Chinn a Tuath ruibh.

Julian Innes Àrd-superintendent

Teachdaireachd bhon Chomanndair Roinneil

Tha dèanadas ann an sgìre na Gàidhealtachd is nan Eileanan fhathast làidir le ìre-fhuasglaidh de 66.4% thairis air na h-eucoirean is ciontan uile. Tha sinn air mothachadh, ge-tà, gu bheil pròifil nan eucoirean a chaidh a chlàradh am-bliadhna (an Giblean - an Lùnastal) eadar-dhealaichte ri pròifil na bliadhna an-uiridh. Tha aithrisean air dochann san dachaigh, eucoirean feise, eucoirean gràin, droch ionnsaighean agus goid bho bhùithtean uile air dol am meud. Tha mi den bheachd gu bheil diofar fhactaran a’ cur ri seo a’ gabhail a-steach: • A’ dèiligeadh nas fheàrr le luchd-fulaing

eucoir, rud a tha air earbsa is misneachd a thogail a thaobh clàradh - tha taic bho bhuidhnean com-pàirtiche ionadail mar Chobhair nam Ban air a bhith na phàirt chudromach de seo.

• Tha faireachdainn ann gu bheil goid bho bhùithtean air a dhol am meud, mar thoradh gu ìre, air daoine a’ goid gus am biathadh fhèin. Tha sinn ag obair leis an roinn choimeirsealta gus a dhèanamh nas dorra an seòrsa eucoir seo a dhèanamh.

• A rèir coltais, chan eil pàtran aig an droch fhòirneart agus chan eil ceangail aig seo ri eucoir eagraichte no taighean-pàrtaidh. Tha cuid mhath den droch eucoir air tachairt air cùl dorsan dùinte, rud a tha a’ toirt dhuinn dùbhlain eadar-dhealaichte mar bhuidhinn, agus a tha a’ fàgail gu bheil feum air dòighean-obrach ùra agus air co-obrachadh leis na prìomh bhuidhnean com-pàirteachaidh againn.

Dèanadas tron Roinn

Page 3: Fòcas air a’ Chinn a Tuath - Comhairle nan Eilean Siar · Tha e na thoileachas mòr dhomh ro-ràdh a sgrìobhadh sa chiad iris de North Focus; ’s e amas an fhoillseachaidh seo

Saor-thoilich Òigridh Poileas Alba (PSYV) Chaidh sgeama Saor-thoilich Òigridh Poileas Alba a stèidheachadh ann an 2013 agus chaidh pìolat a dhèanamh ann an còig diofar àiteachan ann an Alba: Siorrachd Air, Glaschu, Dùn Èideann, Obair Dheathain agus Dùn Dè. Bha an sgeama pìolatach soirbheachail agus mar thoradh air seo, chaidh an iomairt a chur air bhog air feadh na h-Alba agus chaidh buidheann Inbhir Nis a steidheachadh anns a’ Ghiblean 2015. ’S iad amasan Saor-thoilich Òigridh Poileas Alba: • Brosnaich tuigse phrataigeach air obair

a’ phoilis am measg na h-òigridh uile • Brosnaich misneachd agus deagh

shaoranachd • Cùm taic ri prìomhachasan ionadail a’

phoileis tro obair shaor-thoileach agus tro bhith toirt cothrom do dh’òigridh an guth a thogail

• Brosnaich òigridh gus pàirt deimhinneach a ghabhail sna coimhearsnachdan aca

Tha 24 daoine òga eadar 13 is 18 a’ gabhail pàirt san sgeama. Aig an àm seo, bidh a’ bhuidheann a’

coinneachadh turas gach cola-deug agus bi iad ag obair air grunn dhiofar phròiseactan, a’ faighinn eòlas agus teisteanasan ùra. A bharrachd air na coinneamhan àbhaisteach, nì an òigridh co-dhiù 3 uairean a thìde de dh’obair shaor-thoileach gach mìos aig diofar thachartasan anns an sgìre ionadail. Am measg nan tachartasan seo, bha tachartas baidhsagail Etape Loch Nis agus fèisean ciùil Stopover agus Belladrum. Tha iad cuideachd air cuideachadh le sgaoileadh bhileagan ann an sgìrean còmhnaidh far a bheil luchd-tadhail brèige’ (‘Bogus Callers’) air nochdadh aig dorsan dhaoine. Tha luchd-taic inbheach deatamach airson buidhnean PSYV a stiùireadh is a ruith. Tha diofar dhaoine le diofar sgilean, eachdraidhean agus teisteanasan a chuidicheas le ruith na buidhne. Ma tha inbheach sam bith airson a bhith na neach-obrach shaor-thoileach no airson barrachd fios fhaighinn mun sgeama, cuiribh fios gu [email protected]

Page 4: Fòcas air a’ Chinn a Tuath - Comhairle nan Eilean Siar · Tha e na thoileachas mòr dhomh ro-ràdh a sgrìobhadh sa chiad iris de North Focus; ’s e amas an fhoillseachaidh seo

Obair a’ tòiseachadh air Plana Gàidhlig Mar iomadh buidheann phoblach eile, chaidh fios a thoirt do Phoileas Alba gum feum iad Plana Gàidhlig ullachadh. Chaidh am fios seo a thoirt seachad le Bòrd na Gàidhlig (prìomh bhuidheann leasachaidh Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba), a fhuair an cumhachd gus seo a dhèanamh ann an 2005 tro Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Mìneachaidh am plana mar a chleachdas a’ bhuidheann a’ Gàidhlig agus mar a nì i comasach a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an conaltradh ris a’ phobal agus prìomh chom-pàirtichean; agus mar a bhrosnaicheas is a leasaicheas i a’ Ghàidhlig. Tha am fios seo a’ cur dleastanas laghail air buidhnean gus Planaichean Gàidhlig ullachadh.

Tha Poileas Alba ag obair air dreach phlana an-dràsta agus tha seo gu bhith air a chur a-steach airson aonta ro dheireadh a’ Ghearrain 2016. Tha prìomh dhleastanasan a’ phlana stèidhichte air dearbh-aithne, conaltradh, foillseachaidhean agus luchd-obrach. Mairidh am plana tùsail còig bliadhna

le planaichean ann gus am plana a sgrùdadh is ùrachadh tron àm seo.

Tòisichidh obair cho-chomhairleachaidh phoblach air a’ phlana aig àm a’ Mhòid Nàiseanta, a thèid a chumail anns an Òban eadar 9 agus 17 Dàmhair 2015. Thèid am plana a chur suas air làrach-lìn Poileis Alba airson co-chomhairle a mhaireas dà sheachdain dheug. Bheir seo cothrom don phoball agus don phrìomh chom-pàirtichean a-muigh againn na planaichean againn fhaicinn agus beachdan a chur an cèill mun deidhinn.

Mus tèid am plana fhèin a chur air bhog aig a’ Mhòd, thèid an t-èideadh dà-chànanach againn agus an bhranndadh air carbadan a chur air bhog. Tachraidh seo nuair a bhios Poileas Alba an làthair aig coinneamh sna h-Eileanan Siar den chomataidh sgrùdaidh ionadail. Tha Poileas Alba gu mòr airson ’s gun soirbhich leis a’ phlana seo agus gu mòr airson cuir ri leasachadh na Gàidhlig.

Page 5: Fòcas air a’ Chinn a Tuath - Comhairle nan Eilean Siar · Tha e na thoileachas mòr dhomh ro-ràdh a sgrìobhadh sa chiad iris de North Focus; ’s e amas an fhoillseachaidh seo

Oifigear Eucoir Fiadh-bheatha is Àrainneachd

Is mise an Contabal Daniel

Sutharlanach agus chaidh

m’fhastadh bho chionn ghoirid mar

a’ chiad Oifigear Eucoir Fiadh-

bheatha Is Àrainneachd làn-thìde aig

roinn na Gàidhealtachd is nan

Eileanan aig Poileas Alba.

Chuir mi seachad an 6 bliadhna mu

dheireadh ann an obair poileis sa

choimhearsnachd agus fhuair mi tòrr

mòr eòlais air a bhith a’ sgrùdadh

diofar sheòrsaichean eucoir tron

obair seo, a’ gabhail a-steach gu

sònraichte raon farsaing de

dh’eucoirean fiadh-bheatha.

Tha mi air a bhith nam oifigear

Eucoir Feadh-bheatha pàirt-ùine bho

2012, agus thug an obair seo

cothrom dhomh barrachd eòlais

fhaighinn air reachdas agus

dòighean-obrach a’ phoilis anns an

raon seo. Gu pearsanta, bha mi

daonnan dèidheil air a’ bhlàr a-

muigh agus tha mi fìor thoilichte an

cothrom seo a bhith agam a bhith ag

obair gu for-ghnìomhach gus an

fhiadh-bheatha agus an àrainneachd

againn a dhìon.

Anns an obair ùir seo, tha mi airson

ceanglaichean a thogail is a

neartachadh leis na buidhnean com

-pàirteachaidh againn gus dòigh-

obrach chunbhalach a

chruthachadh agus a chur an sàs

airson dèiligeadh ri cuspairean co-

cheangailte ri eucoir feadh-bheatha.

Bidh leasachadh buidheann Com-

pàirtichean An-aghaidh Eucoirean

Feadh-bheatha (PAW) airson roinn

na Gàidhealtachd a Tuath na phàirt

chudromach de seo.

Agus mi a’ tòiseachadh air cheum

ùr seo san dreuchd agam sa

phoileas, tha mi airson barrachd

mothachaidh a thogail gu h-ionadail

mu eucoir feadh-bheatha is eucoir

dhùthchail agus a bhith ag obair gu

for-ghnìomhach le taic bho Com-

pàirtichean An-aghaidh Eucoir

Dhùthchail an Alba agus le sgeama

Rural Watch (air an robh Farm

Watch roimhe). A bharrachd air seo,

bidh mi mar neach-conaltraidh aig

an sgioba de dh’Oifigearan Ceangail

Feadh-bheatha a tha ag obair tron

sgìre air fad anns na

coimhearsnachdan agaibh.

Ma tha ceist sam bith agaibh,

faodar fios a chur thugam sna

dòighean a leanas:

Fòn:101, no

Post-d:

[email protected]

Tha mi a’ coimhead air adhart ri

coinneachadh ri tòrr agaibh san àm

ri teachd.

An t-Àrd-inspector Cailean

Gough:“Tha an cur-an-dreachd seo

na cheum air adhart dhan

Ghàidhealtachd is do na h-Eileanan

agus tha mi cinnteach nach bi e

fada gus am bi Dan na fhòcas

airson conaltradh leis na com-

pàirtichean anns an raon seo den

obair againn a tha ag atharrachadh

gu luath. Bidh adhartas leis a’

bhuidheann Com-pàirteachas An-

aghaidh Eurcoir Feadh-bheatha na

prìomh raon leasachaidh againn

san ùine a tha rimhainn agus bi Dan

gam cuideachadh gus a’

bhuidheann seo a leasachadh".

Page 6: Fòcas air a’ Chinn a Tuath - Comhairle nan Eilean Siar · Tha e na thoileachas mòr dhomh ro-ràdh a sgrìobhadh sa chiad iris de North Focus; ’s e amas an fhoillseachaidh seo

Cuiridh Poileas Alba an ceum as ùire de Operation

Monarda air bhog air 28 Sultain 2015.

Chaidh Operation Monarda a chur air dòigh an toiseach san

t-Sultain 2013 gus cur an aghaidh eucoir dorais/luchd-

tadhail brèige (bogus callers), a tha a-nis na duilgheadas gu

math cumanta tron t-seirbheis. Thèid an t-operation a chur

air bhog as ùire ann an diofar ìrean gu cunbhalach oir tha

eucoir dorais fhathast a’ toirt droch bhuaidh air cuid de

dhaoine is cuid de choimhearsnachdan. Tha tòraidhean gu

math soirbheachail air a bhith aig Operation Mondara mar-

thà a thaobh lorg eucoir agus fàisneis eucoireach, a thaobh

co-obrachadh agus a thaobh togail aire mu eucoir dorais/

luchd-tadhail brèige.

Tha eucoir dorais fhathast na duilgheadas nach bi daoine

gu leòr a’ clàradh ruinn, ge-tà.

Bithear a’ gabhail brath air daoine tro sgeamaichean, luchd-

tadhail brèige no luchd-malairt rògaireach. Chan e daonnan

aon duine a bhios an sàs anns na h-eucoirean seo – bidh

cuid de dh’eucoirich dorais ag obair còmhla ann am paidhir

no ann am buidhinn gus na h-eucoirean a dhèanamh. Gu

tric, nithear na h-eucoirean seo tro bhith a’ cur cuideam air

daoine an cuid airgid no seilbh a thoirt seachad, na

tiomanaidhean aca atharrachadh, no le bhith a’ goid no a’

mealladh; no le bhith gan dèanamh buailteach air cron

ionmhasail.

Bheir seo fìor dhroch bhuaidh air an neach-fulaing; an dà

chuid a thaobh sunnd agus a thaobh ionmhais, agus gu tric,

cha mhothaich daoine na tha a’ dol no chan innse iad dhan

Phoileas mu dheidhinn a chionn ’s gu bheil nàire orra.

Am measg nam buaidhean a dh’fhaodadh cron ionmhasail

a thoirt air daoine, tha call misneachd, buaidh air slàinte

inntinn is slàinte chorporra agus bochdainn.

Ma tha sibh a’ smaoineachadh gun do thachair rudeigin do

charaidean no càirdean a tha so-leònte no aosta, can

rudeigin:

Cuiribh fios gu Poileas Alba air

Fòn: 101

Ann an cùis èiginn, Fòn: 999

Cuiribh fios gu Seirbheisean Luchd-cleachdaidh aig

Comhairleachadh a’ Phobaill

Fòn: 0345 4040506

Cuiribh fios gu Crimestoppers

Fòn: 0800 555111

Cleachdaidh sinn am fiosrachadh uile a chuireas

sibh thugainn agus còmhla, tha sinn an dòchas

gun cuir sinn às do dhroch dhìol air inbhich agus

gun leasaich sinn dìon inbhich air feadh na h-Alba.

Iomairt ùr an aghaidh Eucoir aig Leac an Dorais

LÀRAICHEAN-LÌN FEUMAIL www.scotland.police.uk

www.highland.gov.uk/tradingstandards

www.nhshighland.scot.nhs.uk/Services/ASC/AdultSupport/Documents/ASP%20Financial%20Harm%20Leaflet.pdf

www.neighbourhoodwatchscotland.co.uk/localarea

PRÌOMH THEACHDAIREACHDAN

- Ma tha teagamh sam bith agaibh, na leig a-steach iad!

- Cùmaibh an doras toisich agus an doras cùil agus na h-uinneagan uile glaiste fad an t-siubhail

- Cleachdaibh slabhraidh no bàr dorais fad an t-siubhail.

- Mur eil an neach a thig dhan doras air coinneamh a

chur air dòigh còmhla riubh, na leigibh a-steach iad

- Daonnan iarr ID.

- Na bithibh a’ cùmail suimeannan mòra airgid aig an taigh.

Page 7: Fòcas air a’ Chinn a Tuath - Comhairle nan Eilean Siar · Tha e na thoileachas mòr dhomh ro-ràdh a sgrìobhadh sa chiad iris de North Focus; ’s e amas an fhoillseachaidh seo

A bheil beachd sam bith agaibh air a’ chiad iris seo?

Dè bu toil leibh fhaicinn ann an irisean ri teachd?

Tha sinn airson cluinntinn bhuaibh!

Cuiribh fios thugainn:

Ann an sgrìobhadh - North Focus

Divisional Co-ordination Unit Police Scotland- Highland and Islands Divisional Headquarters Old Perth Road Inverness IV2 3SY

Tro phost-d - [email protected]