festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76kb-word.docx  · web viewbidh...

21
Front Cover (1) Clark to provide creative Inside Front Cover (2) Dè tha Dol BSL logo Cànain Soidhnidh Bhreatainn (BSL) ri fhaighinn Diardaoin 19 Dàmhair Rogue One - sealladh film (12A) 14:00 - 16:15 td Ar-a-mach a dh’fhàillig do dh’ Arabaich òga? BSL logo 16:00 - 17:30 td Òraid A’ Chananaich Kenyon Wright - Uffe Elbaek 16:30 - 18:00 td Bàs an Eòlaiche 17:00 - 18:30 td A’ Sgaoileadh na Naidheachd: Creideamh agus Teicneòlas Conaltraidh 18:00 - 19:30 td Mìos Eachdraidh Dhaoine Dubha 18:00 - 19:30 td Dihaoine 20 Dàmhair Brave - sealladh film (PG) 11:00 - 12:45 td Ionnsaigh nam Ban 50 troigh BSL logo 11:00 - 12:30 td Dè a th’ air d’ aire? Slàinte Inntinn Òigridh 11:00 - 12:30 td Chan eil na Drugaichean ag Obair 12:30 - 14:00 td Am Fìor Urr. Harriet Harman BP - Obair nam Ban 13:00 - 14:30 td Power Rangers - sealladh film (12A) 14:00 - 16:15 td Guth an t-Sluaigh 15:00 - 16:30 td George Monbiot - A-mach às an Tubaist 15:30 - 17:00 td Dìreach Seachd-deug - Dàimhean Deugairean 16:00 - 17:30 td Cha Bhi an Rèabhlaid air an Teilidh 16:30 - 18:00 td An Comann Stèidhichte Lobhta? 17:15 - 18:45 td Rìseard Jobson – Na Skids 17:30 - 19:00 td End of the Century – The Story of The Ramones – sealladh film (15) 19:30 - 21:30 td Disathairne 21 Dàmhair Guardians of the Galaxy Vol. 2 - sealladh film (12A) 11:00 - 13:30 td Dìleab Samhradh a’ Ghaoil 11:00 - 12:30 td An Teaghlach Romanov: Èirigh is Tuiteam Rìoghrachais 11:15 - 12:45 td Evan Davis Às Dèidh na Fìrinne 11:30 - 13:00 td Das Kapital - Òraid Karl Marx 13:00 - 14:30 td No Pasaran! - Albannaich agus Cogadh Sìobhalta na Spàinn 13:00 - 14:30 td Breugan, Dearg Bhreugan, agus Staitistearachd 13:30 - 15:00 td Captain America: Civil War - sealladh film (12A) 14:00 - 16:30 td

Upload: vuongdieu

Post on 12-Mar-2018

258 views

Category:

Documents


5 download

TRANSCRIPT

Page 1: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

Front Cover (1)

Clark to provide creative

Inside Front Cover (2)

Dè tha Dol BSL logo Cànain Soidhnidh Bhreatainn (BSL) ri fhaighinn

Diardaoin 19 DàmhairRogue One - sealladh film (12A) 14:00 - 16:15 tdAr-a-mach a dh’fhàillig do dh’ Arabaich òga? BSL logo 16:00 - 17:30 tdÒraid A’ Chananaich Kenyon Wright - Uffe Elbaek 16:30 - 18:00 tdBàs an Eòlaiche 17:00 - 18:30 tdA’ Sgaoileadh na Naidheachd: Creideamh agus Teicneòlas Conaltraidh

18:00 - 19:30 td

Mìos Eachdraidh Dhaoine Dubha 18:00 - 19:30 tdDihaoine 20 DàmhairBrave - sealladh film (PG) 11:00 - 12:45 tdIonnsaigh nam Ban 50 troigh BSL logo 11:00 - 12:30 tdDè a th’ air d’ aire? Slàinte Inntinn Òigridh 11:00 - 12:30 tdChan eil na Drugaichean ag Obair 12:30 - 14:00 tdAm Fìor Urr. Harriet Harman BP - Obair nam Ban 13:00 - 14:30 td Power Rangers - sealladh film (12A) 14:00 - 16:15 tdGuth an t-Sluaigh 15:00 - 16:30 tdGeorge Monbiot - A-mach às an Tubaist 15:30 - 17:00 tdDìreach Seachd-deug - Dàimhean Deugairean 16:00 - 17:30 tdCha Bhi an Rèabhlaid air an Teilidh 16:30 - 18:00 tdAn Comann Stèidhichte Lobhta? 17:15 - 18:45 tdRìseard Jobson – Na Skids 17:30 - 19:00 tdEnd of the Century – The Story of The Ramones – sealladh film (15)

19:30 - 21:30 td

Disathairne 21 DàmhairGuardians of the Galaxy Vol. 2 - sealladh film (12A) 11:00 - 13:30 tdDìleab Samhradh a’ Ghaoil 11:00 - 12:30 tdAn Teaghlach Romanov: Èirigh is Tuiteam Rìoghrachais 11:15 - 12:45 tdEvan Davis Às Dèidh na Fìrinne 11:30 - 13:00 tdDas Kapital - Òraid Karl Marx 13:00 - 14:30 tdNo Pasaran! - Albannaich agus Cogadh Sìobhalta na Spàinn 13:00 - 14:30 tdBreugan, Dearg Bhreugan, agus Staitistearachd 13:30 - 15:00 tdCaptain America: Civil War - sealladh film (12A) 14:00 - 16:30 tdBuille air a’ Bhuille – Ginealach Rave 14:00 - 15:30 tdDeugairean LGBTI BSL logo 14:30 - 16:00 tdGu Dearbh a Mhinisteir 15:00 - 16:30 tdRèabhlaid 21mh Linn Lenin 15:45 - 17:15 tdA’ fàs Beairteach ann an Gnìomhachas a’ Chiùil 16:30 - 18:00 tdAm Fìor Urr. Coinneach Clarke BP - Nàdar de Ghorm 17:00 - 18:30 tdGaisgeach gu Glaoic – Mar a tha Daoine sa Bheatha Phoblaich gan Sealltainn

17:30 - 19:00 td

Sealladh air Yes Minister agus Yes, Prime Minister (PG) 19:30 - 20:30 td

Page 2: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

Duilleag 1

(Photo of Presiding Officer)

Fàilte bhon Oifigear Riaghlaidh

Is i an Fhèis Phoilitigs fìor dhachaigh deasbad dùbhlanach, spreigeil air gach cùis phoilitigeach, shòisealta agus chultarail.

Seo an 13mh bliadhna den Fhèis Phoilitigs agus tha e iomchaidh gun toir sinn aire air togradh nàdarra dheugairean a bhith a’ ceasnachadh nan riaghailtean, le prògram airson 2017 a tha a’ cur dùbhlan ris na h-àbhaistean, fon tiotal Ar-a-mach is Rèabhlaid.

Gabhaidh an Fhèis sop às gach seid am-bliadhna. Bho shùil air comharradh ceud bliadhna de Rèabhlaid na Ruis le measadh air beachdan Lenin agus Karl Marx, gu meòrachadh air ar-a-mach domhanta an Ath-leasachaidh, agus bhon Tòraidh Coinneach Clarke BP a tha a’ toirt taic don Aonadh Eòrpach gu Harriet Harman BP agus an iomairt aice airson co-ionnanachd gnè.

Bidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba le taisbeanaidhean air Dealbhan Deugairean: Ceòl Punc ann an Dùn Èideann 1977 agus Duaisean Dealbhan Meadhanan na h-Alba am measg prògram eugsamhail de cheòl, chòisirean, bàrdachd agus dannsa a bhios na dhùbhlan do gach beachd is dùil stèidhichte.

Le ar cuspair a’ cuimseachadh air òigridh, tha sinn air a dhol ann an compàirteachas le Young Scot gus sgioba Luchd-aithris Rèabhlaideach a thoirt thugaibh a bhios a’ gabhail pàirt agus ag aithris air caochladh phanailean Fèis.

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri fàilte a chur orrasan agus air luchd-tadhail na Fèis uile do Phàrlamaid na h-Alba airson trì latha de dheasbad rèabhlaideach poilitigeach agus còmhradh beòthail.

Fìor Urr. Coinneach Mac an Tòisich BPA Oifigear Riaghlaidh

Gaelic translation of PO’s Welcome – ask MRO?

(Facebook and Twitter and Instagram icons)

Page 3: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

(Facebook and Twitter icons)

Diardaoin 19 DàmhairAr-a-mach a dh’fhàillig do dh’ Arabaich òga? (BSL logo) Ann an Compàirteachas le Comann Rìoghail Dhùn Èideann

16:00 - 17:30, £6.00/£4.00

Ann an 2011, dh’iarr òigridh Arabach a bha dealasach mu phoilitigs saorsa poilitigeach, sòisealta agus catharra – agus fhuair iad freagairtean eadar-dhealaichte. Am b’ urrainn ‘Earrach nan Arabach’ a bhith air tachairt às aonais an t-sluaigh mhòir seo de dhaoine fo aois 25, agus cò a gheibh taic na h-òigridh san àm ri teachd? Thig còmhla ris a’ phanail againn a tha a’ gabhail a-steach Reem Assil, Neach-cathrach Buidheann Saorsa Shiria; Dr Tòmas Pierret, eòlaiche ann an Eòlas Ioslamach agus an Ear Mheadhanaich aig Oilthigh Dhùn Èideann; agus An t-Ollamh Nasar Meer, Oilthigh Dhùn Èideann, a’ deasbad air na san amharc do dh’ òigridh Arabach.

Sinne an Sluagh – Òraid A’ Chananaich Kenyon Wright: Uffe Elbaek16:30 - 18:00, Seòmar Deasbaid£8.00/£6.00

Mar chuimhneachan air A’ Chananach Kenyon Wright 1932-2017

Choisrig An Cananach Kenyon Wright a bheatha do bhith a’ cuideachadh dhaoine eile agus a’ cruthachadh mòr-chomann nas fheàrr. Anns an dòigh seo, chuir e gu mòr ri beatha na h-Alba san là-an-diugh. Is e nach robh e deònach gabhail ri “cùisean mar a tha” a rinn obair Kenyon cho suaicheanta anns na h-Innseachan, Coventry agus gu dearbh ann an Alba fhèin. Bha a bheatha gun samhail – chan e a mhàin uiread agus susbaint na choilean e, ach cuideachd le mar a chuir e a phrionnsapalan an gnìomh gu dealasach, ìmpidheach, daingeann. Thar na h-uile, ’s e duine math a bh’ ann an Kenyon Wright – agus le bhith na dhuine math, thug e iomadh rud cudromach gu buil.

An seo ann an Alba, cha tèid na chuir e ri stèidheachadh ar Pàrlamaid agus ar beatha phoblach à cuimhne gu bràth mar phàirt de dh’eachdraidh ar nàisein. Bheir an tachartas seo, fo stiùir an Oifigeir Riaghlaidh a dhìleab air adhart.

Ann an aon de na còmhraidhean mu dheireadh a bh’ aig Kenyon, bhruidhinn e mu fheum air poilitigs eadar-dhealaichte, agus air an adhbhar sin, is e Uffe Elbæk a lìbhrigeas a’ chiad òraid seo, ceannard poilitigeach agus neach-stèidheachaidh pàrtaidh ùr, tionnsgainneach na Danmhairg, An Roghainn Eile. Is e neach-tionnsgain dripeil agus neach-poilitigs neo-àbhaisteach a th’ ann an Uffe. Canaidh e fhèin gur e Àrd-neach-buairidh agus Neach-fuasglaidh a th’ ann. Ann an 2013 stèidhich e am Pàrtaidh Roghainn Eile, agus ann an 2015 fhuair An Roghainn Eile don phàrlamaid le naoi suidheachan, a’ ciallachadh gur e an siathamh pàrtaidh as motha san Danmhairg. Chan eil e deònach, aig àm sam bith, gabhail ri cùisean dìreach mar a tha iad.

Bàs an Eòlaiche17:00 - 18:30, £6.00/£4.00

Le Brexit, taghaidhean a thig gun fhiosta agus èiginn ionmhasail, dè dìreach cho eòlach ’s a tha na h-eòlaichean? A bheil fiù feum againn air eòlaichean idir nuair as urrainn dhuinn ar beachdan uile a dhaingneachadh tro na meadhanan sòisealta? Thig còmhla ris a’ phanail againn, a’ gabhail a-steach An Ollaimh Jonathan Portes, Colaiste an Rìgh, Lunnainn; Dr Julia Paul, Oilthigh na Banrigh, Beul Feirste agus An t-Ollamh Sally Mapstone, Prionnsapal, Oilthigh Chill Rìmhinn, agus iad a’ deasbad dè cho feumail ’s a tha eòlaichean, agus a’ meòrachadh ciamar a gheibh eòlaichean an inbhe air ais às dèidh do Mhìcheal Gove a dhroch bheachd a chur an cèill gu robh Breatainn sgìth de dh’eòlaichean.

Page 4: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

A’ Sgaoileadh na Naidheachd: Creideamh agus Teicneòlas Conaltraidh thar 500 Bliadhna

18:00 - 19:30, £6.00/£4.00

Còig ceud bliadhna air ais, stiùir an t-Ath-leasachadh cùrsa a lean chun na saorsa, iomadachd agus còraichean a th’ againn an-diugh. Chuir an clò-bhualadair ùr, ‘eadar-lìon’ an latha, air chomas leth-bhreacadh agus sgaoileadh nam beachdan a chuir Luther air doras na h-eaglaise, thar na Roinn Eòrpa, agus cha b’ fhada gus an tàinig ar-a-mach na chois. Thig còmhla ris a’ phanail eòlaichean againn a tha a’ gabhail a-steach An Ollaimh Alec Ryrie, Oilthigh Durham; An t-Ollamh Andrew Pettegree, Oilthigh Chill Rìmhinn; Dr Charlotte Methuen, Oilthigh Ghlaschu; agus An t-Ollamh Peter Marshall, Oilthigh Warwick, gus bruidhinn air ciamar a tha rèabhlaid agus atharrachadh creideimh a’ dol an lùib teicneòlas conaltraidh agus carson a tha fhathast buaidh an Ath-leasachaidh ri fhaireachdainn an-diugh.

Bidh soidhneadh leabhair ann aig deireadh an tachartais seo ann an Café Bàr na Fèis.

Mìos Eachdraidh Dhaoine Dubha 2017Ann an compàirt leis a’ Cho-bhanntachd airson Co-ionnanachd agus Còraichean Cinnidh

18:00 - 19:30, £6.00/£4.00

Gus Mìos Eachdraidh Dhaoine Dubha 2017 a chumail, thig còmhla ris a’ phanail sgoilearan is eòlaichean againn gus bruidhinn air àite na h-Alba, agus dìleab tràilleachd agus colonachd, ann an aideachadh ri eachdraidh mhì-chofhurtail.

Dihaoine 20 Dàmhair The Ionnsaigh nam Ban 50 troigh - Co-ionnanachd Gnè (BSL logo) 11:00 - 12:30, £6.00/£4.00

Ann an saoghal far a bheil nas lugha na 10% de cheannardan dhùthchannan boireann, tha e coltach gu bheil stad air a thighinn air an iomairt a dh’ionnsaigh co-ionnanachd gnè. Tha Catrìona Mayer, neach-naidheachd, ùghdar agus co-stèidhiche Pàrtaidh Co-ionnanachd nam Ban, an dòchas ceum air adhart a ghabhail le a beachd air ‘Equalia’, mòr-chomann a tha dha-rìreabh cothromach a thaobh gnè. Thig còmhla ri Catrìona agus panail a’ gabhail a-steach Dr Carole Spary, eòlaiche ann am poilitigs dheamocratach, Oilthigh Nottingham; agus Sophie Walker, ceannard Pàrtaidh Co-ionnanachd nam Ban, a bhios a’ deasbad air a’ ghealltanas phoilitigeach, shòisealta agus eaconamach a tha Equalia a’ tabhann.

Bidh soidhneadh leabhair ann aig deireadh an tachartais seo ann an Café Bàr na Fèis.

Dè a th’ air d’ aire? Slàinte Inntinn ÒigridhAnn an Compàirteachas le Pàrlamaid Òigridh na h-Alba

11:00 - 12:30, Seòmar Deasbaid, £8.00/£6.00

Tha e ga thuairmeas gu bheil aon às gach deichnear cloinne is òigridh eadar aois còig is sia-deug a’ fulang trioblaid chlionaigeach slàinte inntinn. Thig còmhla ris a’ phanail againn a tha a’ gabhail a-steach buill Pàrlamaid Òigridh na h-Alba; Greg Mac Ùisdein, sin, Gary Tank Commander; agus Dr Trevor Lakey, Seirbheis na Slàinte Mòr-sgìre Ghlaschu agus Chluaidh, anns an rannsachadh eadar-ghnìomhach seo air na cùisean a tha ag adhbharachadh gur e slàinte inntinn “galar ar ginealaich” mar a bhios aig cuid a dh’òigridh air, agus ciamar as urrainn dhuinn obair còmhla gus na cùisean sin fhuasgladh.

Chan eil na Drugaichean ag Obair – A’ Lùghdachadh Cron Dhrugaichean ann an Alba 10 Bliadhna Air Adhart Ann an compàirt le Fòram Alba air Thoiseach

12:30 - 14:00, £6.00/£4.00

Deich bliadhna bho dh’fhoillsich buidheann-bheachdachaidh Pàrlamaid na h-Alba, Fòram Alba air Thoiseach, a mholaidhean gus an cron a nì drugaichean air an t-sluagh a

Page 5: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

lùghdachadh le planaichean airson cìs a chur air cainb, dotairean a’ toirt a-mach heroin agus seòmraichean a dh’aon ghnothach airson caitheamh dhrugaichean, a bheil mòran air atharrachadh? Thig còmhla ris an Neach-cathrach Niall MacFhionnlaigh BPA, neach-gairm na Comataidh Slàinte is Spòrs agus ar panail a tha a’ gabhail a-steach Emma Crawshaw, Ceannard Crew 2000; Dr Iain Mac a’ Phì, Oilthigh taobh Siar na h-Alba; agus An t-Ollamh Niall McKeganey, Ionad Rannsachadh Caitheamh Stuthan, gus measadh, letheach slighe tron phròiseas, dè an còrr a tha ri dhèanamh ro 2025.

Harriet Harman BP - Obair nam Ban13:00 - 14:30, Seòmar Deasbaid, £8.00/£6.00

Mar tè den luchd-poilitigs iomairteach as ainmeil ann am Breatainn, dà thuras na ceannard sealach air a’ Phàrtaidh Làbarach agus am BP boireann as fhaide san obair, tha dreuchd chliùiteach air a bhith aig an Fhìor Urr. Harriet Harman QC BP, a’ cur chòraichean bhoireannach aig cridhe a’ Phàrtaidh Làbaraich agus a’ strì airson co-ionnanachd agus spèis don h-uile boireannach. Thig còmhla ri Harriet a’ còmhradh ris an Oifigear Riaghlaidh mu a fèin-eachdraidh phoilitigeach, A Woman’s Work, sealladh gun samhail air a bhith na boireannach ann an saoghal fireann Westminster am measg soirbheachadh agus call sa Phàrtaidh Làbarach, poilitigs na RA agus an dòigh ’s a bheil an dùthaich air a bhith ga ruith bho 1970.

Bidh soidhneadh leabhair ann aig deireadh an tachartais seo ann an Café Bàr na Fèis.

Guth an t-SluaighPròiseact co-obrachail bho oilthighean Ghlaschu agus Shrath Chluaidh le taic bho Urras Charnegie airson Oilthighean na h-Alba (insert Carnegie logo)

15:00 - 16:30, £6.00/£4.00

Tha atharrachadh tric ga aithris tro rannan rèabhlaideach, òrain san taigh-òsta agus briathran caismeachd de gach seòrsa poilitigeach. Thig an lùib ar deasbaid bheothail eadar an Ollamh Kirstie Blair à Oilthigh Shrath Chluaidh; agus Dr Catrìona NicDhòmhnaill, Dr Mìcheal Seathach agus Dr Gerry Carruthers à Oilthigh Ghlaschu fhad ’s a rannsaicheas sinn cò am pàrtaidh poilitigeach aig an robh na fuinn, an geàrr-chainnt agus dàintean drabasta a b’ fheàrr a ghlèidheadh guth is inntinn luchd-leanmhainn feadh nan linntean.

George Monbiot - Às an Tubaist15:30 - 17:00, Seòmar Deasbaid, £8.00/£6.00

Anns an leabhar ùr aige, From The Wreckage, tha Seòras Monbiot a’ tabhann dòchas agus dòigh-smaoineachaidh a bheir piobrachadh poilitigeach do dhaoine ann an saoghal far a bheil an àrainneachd ga sgrios, structaran catharra gan lagachadh agus poilitigs fhèin ga dhì-mheas. Thig còmhla ri Seòras agus an t-Oifigear Riaghlaidh agus iad a’ meòrachadh air saoghal far am bi poilitigs na bhrosnachadh, far nach bi adhartas a’ cosg an t-saoghail agus far am bi coimhearsnachdan a’ cinntinn gu fallain, slàn. Trobhad agus cuir eòlas air leabhar-làimhe nan reubaltach poilitigeach a dh’atharraicheas an saoghal le buaidh smuaintean.

Bidh soidhneadh leabhair ann aig deireadh an tachartais seo ann an Café Bàr na Fèis.

Dìreach Seachd-deug - Dàimhean Deugairean16:00 - 17:30, £6.00/£4.00

Tha an reat as àirde ann an Taobh Siar na Roinn Eòrpa aig an RA airson leatromachd dheugairean. Ged a tha reataichean fhathast àrd, tha Alba air adhartas mòr a dhèanamh gus taic a thoirt do dhaoine òga a thaobh leatromachd agus togail chloinne, le reataichean leatromachd ann an daoine fo aois 20 air lùghdachadh 40% ann an deich bliadhna. Thig còmhla ris a’ phanail againn gus bruidhinn air ana-cothrom, foghlam agus dàimhean fallain a’ gabhail a-steach Dona Milne, Neach-cathrach Youth Scotland; Gail Teasdale, Comhairle Baile Hull; An t-Ollamh Maria Lohan, Oilthigh na Banrigh, Beul Feirste; Felicity Sung, Riaghaltas na h-Alba agus Tòmas Lynch, Dad’s Rock, agus iad a’ bruidhinn air soirbheachadh agus dùbhlain ann a bhith a’ làimhseachadh dhàimhean deugairean agus leatromachd.

Page 6: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

Cha Bhi an Rèabhlaid air an Teilidh16:30 - 18:00, £6.00/£4.00

Fichead bliadhna air ais, cha robh guth air tweeteadh, teacsadh, fèineagan no snapchat, agus bha naidheachdan a’ tighinn bho phrògraman T.Bh. leithid Newsround. An-diugh, tha an saoghal aig Generation Z aig bàrr an corragan agus chan eil àrd-chliù ach millean cliog air falbh. Ach dè dìreach a’ bhuaidh a th’ aig an t-saoghal de cheangalan bhirtual seo? Thig còmhla ris an luchd-panail againn Sam Jeffers, a chruthaich an làrach-lìn Who Targets Me?; agus Scott McGlynn ùghdar, preasantair T.Bh. agus podcastair, agus iad a’ deasbad nan cothroman agus cunnartan a tha fa-near do Generation Z ann an saoghal air-loidhne.

Bidh soidhneadh leabhair ann aig deireadh an tachartais seo ann an Café Bàr na Fèis

Comann Stèidhichte Lobhta?17:15 - 18:45, £6.00/£4.00

Tha bun-stèidh Bhreatainn a’ crìonadh fo ar casan. Sin na tha na meadhanan airson gun creid sinn co-dhiù, ma tha na sgeulachdan fìor mu shiostaman slàinte, prìosain, ceartais is poilitigs a’ fàilligeadh. An e cùis chaillte a th’ anns na stèidhean Bhictòrianach a th’ aig saoghal an latha an-diugh, no an gabh iad an ath-thogail, agus am bu chòir dhuinn an ath-thogail? Thig còmhla ris a’ phanail againn a tha a’ gabhail a-steach Fraser Nelson, Neach-deasachaidh na h-iris An Spectator; Sue Chamshron, sgrìobhadair agus craoladair; agus Jeremy Peat, Institiùd Eadar-nàiseanta Poileasaidh Poblach, Oilthigh Shrath Chluaidh, agus sinn a’ deasbad lochdan Stèidheachdan Bhreatainn agus na tha an dàn dhaibh.

Rìseard Jobson – Na Skids 17:30 - 19:00, £6.00/£4.00

Mar phrìomh sheinneadair a’ chòmhlain phunc chliùitich à Fìobha, Na Skids, ghluais Rìseard Jobson bho a bhith na bhall de ghràisg gu bhith na bhàrd, na neach-aithris, na fhilmeadair innleachdach agus na mhodail Armani. Fhad ’s a tha Na Skids a’ cumail 40 bliadhna de cheòl punc le cuairt air an RA, thig còmhla ri Rìseard agus e a’ bruidhinn ri eòlaiche a’ ghnìomhachais ciùil Ronnie Gurr agus iad a’ cuimhneachadh fàs an-àirde am measg ceòl punc na h-Alba, agus dreuchd anns na gnìomhachasan cruthachail.

Sealladh film – End of the Century – the story of The Ramones (15) (clapperboard logo) 19:30 - 21:30, A h-uile tiocaid £5.00

Bidh sealladh sònraichte ann de End of the Century – The Story of the Ramones (110 mionaid). Tha am film aithriseach seo bho 2003 mu na puncaichean buadhmhor à New York le ceòl clasaigeach po-go pop. Tha deasbad panail goirid às a dhèidh.

Page 7: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

Disathairne 21 Dàmhair Dìleab Samhradh a’ Ghaoil 11:00 - 12:30, £6.00/£4.00

Ann an 1967, bha gaol saor, labhairt shaor agus spioradan saora nan stèidh den chultar dùbhlanach atharrachaidh. Am measg an togail fianais, nan òran, agus na poilitigs, tha cuid air a’ chultar feise, dhrugaichean agus ceòl ròc a chàineadh mar rud fèineil a chaidh a choirbeadh leis a’ chalpachas agus sannt ris an robh e a’ cur dùbhlan anns a’ chiad àite. Thig còmhla ris a’ phanail luchd-molaidh agus luchd-càinidh againn, a’ gabhail a-steach Dr Marcas Donnelly, Oilthigh Naoimh Moire; agus Dr Eleanor Bell, Oilthigh Shrath Chluaidh, agus sinn a’ rannsachadh dìleab Samhradh a’ Ghaoil.

Bidh soidhneadh leabhair ann aig deireadh an tachartais seo ann an Café Bàr na Fèis.

An Teaghlach Romanov: Èirigh is Tuiteam Rìoghrachais11:15 - 12:45, £6.00/£4.00

Ann an 1917, fhuair na Bolshevik cumhachd agus chaill Tsar Nicholas II a rìoghachadh, a shaorsa agus, an ceann sreath, còmhla ris an teaghlach as fhaisge aige, a bheatha. Chuir bàs brùideil an Teaghlaich Romanov crìoch air rìoghrachas ìmpireil uile-chumhachdach a bha air leantainn 300 bliadhna. Thig còmhla ris a’ phanail againn, a tha a’ gabhail a-steach An Ollaimh Raibeart Service, eòlaiche-eachdraidh agus ùghdar The Last of the Tsars; agus na h-ùghdairean Virginia Rounding agus Dr Wendy Slater, agus iad a’ deasbad euchdan agus lochdan an teaghlaich mhì-chliùitich seo.

Bidh soidhneadh leabhair ann aig deireadh an tachartais seo ann an Café Bàr na Fèis

Evan Davis – Innealan airson Àm gun FhìrinnLe taic bho Oilthigh Fosgailte na h-Alba

11:30 - 13:00, Seòmar Deasbaid, £8.00/£6.00

Mar chraoladair, tha Evan Davis air a h-uile càil fhaicinn agus a chluinntinn, bho Newsnight gu Dragons’ Den agus prògram Today air rèidio 4. Thig còmhla ri Evan agus e a’ bruidhinn ris an Oifigear Riaghlaidh mun leabhar ùr aige, Post-Truth: Why We Have Reached Peak Bullshit and What We Can Do About It, a tha a’ tabhann innealan gus dèiligeadh ris a’ mhealladh a choinnicheas sinn gach latha, agus slighe tro uisgeachan dorcha saoghal gun fìrinn.

Bidh soidhneadh leabhair ann aig deireadh an tachartais seo ann an Café Bàr na Fèis

Das Kapital: Òraid Karl Marx leis an Ollamh Gareth Stedman Jones Ann an Compàirteachas le Acadamaidh Bhreatainn

13:00 - 14:30, £6.00/£4.00

Ann an 1867, dh’fhoillsich Karl Marx am mòr-obair aige, Das Kapital, agus dh’atharraich e an saoghal. Thig a dh’èisteachd ris an òraid seo leis an eòlaiche eachdraidh Bhreatainn urramach, Ollamh Eachdraidh Smuaintean, a’ Bhanrigh Màiri, Oilthigh Lunnainn, An t-Ollamh Gareth Stedman Jones, ùghdar Karl Marx: Greatness and Illusion, leabhar a mheasadh mar “an teacsa deimhinnte air Marx san latha againn”. Bidh Stedman Jones a’ rannsachadh beatha agus saoghal an duine aig an robh na smuaintean a dh’adhbharaich òrdugh ùr anns an t-saoghal, ar-a-mach agus èirigh sluaigh.

Bidh soidhneadh leabhair ann aig deireadh an tachartais seo ann an Café Bàr na Fèis

No Pasaran! - Albannaich agus Cogadh Sìobhalta na Spàinn 13:00 - 14:30, £6.00/£4.00

Bha Cogadh Sìobhalta na Spàinn na ghairm batail do 549 Albannaich a dheònaich sabaid san Fhoireann Eadar-nàiseanta air taobh an riaghaltais thaghte Phoblachail an aghaidh an t-Seanalair Franco agus na faisistich. Anns a’ bhliadhna chuimhneachaidh seo, thig còmhla ris

Page 8: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

a’ phanail againn, a’ gabhail a-steach Daniel Gray, ùghdar Homage to Caledonia; An t-Ollamh Sally Alexander, Goldsmiths, Oilthigh Lunnainn agus An t-Ollamh Willy Maley, Oilthigh Ghlaschu, mac buill den Fhoireann Eadar-nàiseanta Seumas Maley, gus rannsachadh àite na h-Alba anns an t-srì agus dè a bhrosnaich an fheadhainn a ghabh pàirt ann an togail-airgid, sabaid agus cobhar meidigeach.

Bidh soidhneadh leabhair ann aig deireadh an tachartais seo ann an Café Bàr na Fèis

Breugan, Dearg Bhreugan, agus Staitistearachd – tha naidheachdas rannsachail cudromach13:30 - 15:00, £6.00/£4.00

Cò aige a tha fios am b’ e Marcas Twain no Benjamin Disraeli a nochd cho duilich ’s a tha e an fhìrinn aithneachadh bhon bhreug, ach chuireadh e iongnadh fiù orra fhèin nam faiceadh iad dè na breugan a thathas a’ meas ‘fìor’ san latha a th’ ann. Am measg nan làrach lìn de naidheachdan meallta agus an ceòl a’ dol air feadh na fìdhle latha ’s a dh’oidhche air na meadhan sòisealta, tha sinn air ar cuairteachadh le mealladh agus mì-chinnt. Càite ma-thà a bheil luchd-glèidhidh traidiseanta na fìrinne ann an saoghal far a bheil gach duine na neach-naidheachd? Thig còmhla ris an Neach-cathrach Seonag NicAilpein BPA, Neach-gairm na Comataidh Cultair, Turasachd, Roinn Eòrpa agus Chùisean Taobh A-Muigh agus am panail againn a tha a’ gabhail a-steach Angela Haggerty, Common Space; Dr Eamonn O’Neill, neach-naidheachd rannsachail agus Oilthigh Napier Dhùn Èideann; agus Sam Jeffers, neach-cruthachaidh na làraich-lìn Who Targets Me? agus iad a’ meòrachadh air feum air naidheachdas rannsachail ann an saoghal far nach eil an fhìrinn stèidhichte.

Buille air a’ Bhuille - An Rèabhlaid Rave 14:00 - 15:30, £6.00/£4.00

O achaidhean eabarach gu taighean-bathair falamh, bhris an cultar rave tro chrìochan clas is cinnidh agus mheasgaich e stoidhlichean ciùil. Ach, am measg nam maidean-glo agus na h-aghaidhean gàire bha bàs co-cheangailte ri ecstasy agus càin air ain-inntrig agus aimhreit. Fichead bliadhna às a dhèidh tha an rèabhlaid rave na ghnìomhachas luach iomadh billean not, ach a bheil a shoirbheachadh a’ mùchadh nan smuaintean dùbhlan-chultar bhon tàinig e? Thig còmhla ri muinntir a’ phanail againn, Graeme Park, a b’ àbhaist a bhith na DJ sa chlub Hacienda agus a tha nis na DJ agus riochdaire eadar-nàiseanta; Sheryl Garratt, sgrìobhadair agus neach-deasachaidh air an iris The Face; agus Lùcas Bainbridge, neach-naidheachd, agus sinn a’ feuchainn ri faighinn a-mach.

Deugairean LGBTI (BSL logo) 14:30 - 16:00, Seòmar Deasbaid, £8.00/£6.00

An-diugh ann am Breatainn tha a’ choimhearsnachd LGBTI air ceuman mòra a ghabhail a dh’ionnsaigh co-ionnanachd. Ach, tha an iomairt an t-Àm airson Foghlam In-ghabhalta air clàradh gu bheil mu 90% de dh’òigridh LGBTI air fuath-gnè, fuath-bi no fuath-trans fhulang. A bheil cùisean air atharrachadh mòran idir ma-thà? Thig còmhla ris an Leas-Oifigear Riaghlaidh Cairistìona Ghreumach BPA agus panail a tha a’ gabhail a-steach an neach-ciùil, Horse NicDhòmhnaill; an cleasaiche à Holby City Dàibhidh Ames; agus an t-ùghdar, preasantair T.Bh. agus podcastair, Scott McGlynn agus iad a’ bruidhinn air fàs an-àirde, co-ionnanachd an-diugh agus na dh’fheumar a dhèanamh gus fìor cho-ionnanachd LGBTI a thoirt gu buil.

Yes Minister! 15:00 - 16:30, £6.00/£4.00

Chuireadh an cèill nàdar ‘poilitigs’ fad ginealaich nuair a nochd Yes Minister agus an sreath a lean bhuaithe, Yes, Prime Minister, leis na caractaran àraid am Fìor Urr. Iain Hacker agus an Rùnaire Stèidhichte Sir Humphrey Appleby. Bha fèill anabarrach air na h-aoirean Breatannach seo, suidhichte ann an Whitehall, agus iad a’ tarraing às an dàimh eadar an t-oifigeach taghte agus an t-seirbheis chatharra. Ach dè cho fìor ’s a bha an dealbh a sheall iad air beatha anns an reachdadaireachd? Thig còmhla ris a’ phanail againn a tha a’ gabhail a-steach an stiùiriche, sgrìobhadair agus co-neach-cruthachaidh a’ phrògraim, Jonathan

Page 9: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

Lynn; agus am Morair Butler Bhrockwell a bha a’ frithealadh air còig Prìomhairean, gus faighinn a-mach.

Rèabhlaid 21mh Linn Lenin15:45 - 17:15, £6.00/£4.00

A bheil beachdan rèabhlaideach an Ruiseanaich Vladimir Lenin, a bha na neach-poilitigs, feallsanaiche poilitigeach agus comannach, fhathast buntainneach do shaoghal calpachas domhanta an 21mh linn? A bheil teòraidh Lenin gur ionnan fìor-bhrìgh eaconamais agus poilitigs, fhathast buntainneach an-diugh agus an urrainnear taic sam bith a thoirt do chogaidhean na h-ìmpireachd no an gabh idir glacadh cumhachd fhìreanachadh? Thig còmhla ris a’ phanail againn, a tha a’ gabhail a-steach An Ollaimh Raibeart Service, Oilthigh Oxford, eòlaiche eachdraidh agus ùghdar; agus Dr Katy Turton, Oilthigh na Banrigh, Beul Feirste, agus iad a’ deasbad dìleab Lenin anns an 21mh linn.

Bidh soidhneadh leabhair ann aig deireadh an tachartais seo ann an Café Bàr na Fèis

A’ fàs Beairteach ann an Gnìomhachas a’ Chiùil16:30 - 18:00, £6.00/£4.00

Tha na tuarastalan mòra agus na stiùidiothan leòmach air falbh, agus tha pàigheadh beag, suarach airson sruthadh agus ‘seirbheisean leubail’ air tighinn nan àite. Mar sin, cò ris a tha na làithean ri teachd dol a bhith coltach airson rionnagan ciùil an ath ghinealaich? Thig còmhla ris a’ phanail againn a tha a’ gabhail a-steach Bruce Craigie, manaidsear Idlewild agus Fatherson; neach-ciùil Martha Ffion; agus Ronnie Gurr, eòlaiche air gnìomhachas a’ chiùil agus iad a’ faighneachd am feum anam is còraichean fhathast a reic do na leubailean mòra airson fàs ainmeil, no a bheil dòigh eile ann?

Coinneach Clarke BP – Seòrsa de Ghorm 17:00 - 18:30, Seòmar Deasbaid, £8.00/£6.00

Is e Am Fìor Urr. Coinneach Clarke BP aon de phrìomh luchd-poilitigs na RA le faisg air 50 bliadhna na BP aig cridhe an riaghaltais fo trì Prìomhairean. Thathas ga mheas air taobh clì a’ Phàrtaidh Thòraidhich, agus tha an òraid ainmeil a rinn e air Brexit a’ cuimhneachadh dhuinn carson a tha e fhathast aig àrd-ìre ann am poilitigs Bhreatainn. Thig còmhla ri Coinneach Clarke BP ann an còmhradh ris an Oifigear Riaghlaidh agus iad a’ bruidhinn air an fhèin-eachdraidh shaor-bhriathrach aige, Kind of Blue, agus mar a lorg e cothromachadh eadar poilitigs agus na rudan eile na bheatha a bheò-ghlac e, criogaid, ceòl jazz agus club ball-coise Nottingham Forest.

Bidh soidhneadh leabhair ann aig deireadh an tachartais seo ann an Café Bàr na Fèis

Gaisgeach gu Glaoic Ann an Compàirteachas le Ionad Iain Mhic a’ Ghobhainn airson Seirbheis Phoblach aig Oilthigh Ghlaschu

17:30 - 19:00, £6.00/£4.00

Tha Ionad Iain Mhic a’ Ghobhainn airson Seirbheis Phoblach aig Oilthigh Ghlaschu a’ toirt thugainn panail de luchd-beachdachaidh buadhmhor, a’ gabhail a-steach luchd-poilitigs agus daoine eile sa bheatha phoblaich a bhios air an sìor sgrùdadh leis na pàipearan-naidheachd agus air meadhanan sòisealta, a mheòrachadh air a’ bhuaidh a th’ aig seo air daoine a tha air beulaibh an t-sluaigh no a’ beachdachadh air slighe den t-seòrsa sin a leantainn. Faic an làrach-lìn airson tuilleadh fiosrachaidh.

Yes Minister agus Yes, Prime Minister (PG) (logo of clapperboard) 19:30 - 20:30, An-asgaidh

Bidh sealladh sònraichte ann de aon phrògram de Yes Minister agus de Yes, Prime Minister.

Page 10: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

Le aire air beachd Harold Wilson gur i, “Seachdain ùine fhada ann am poilitigs”, bidh sinn a’ cur barrachd phanailean ri prògram na Fèis Phoilitigs thar an t-samhraidh agus bu chòir sùil a chumail air an làraich-lìn www.parliament.scot/festival airson fios.

Page 11: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

CAFÉ BÀR NA FÈIS

Bidh an t-ar-a-mach a’ sgaoileadh gu Café Bàr na Fèis: eadar taisbeanaidhean dhealbhan a tha nan iongnadh don t-sùil; seann Mhakar na h-Alba Liz Lochhead a’ cur na beatha fhèin fo dhùbhlan leis an obair 45-bliadhna aice; agus ar luchd-ciùil barraichte de gach aois a’ cur car ann am beachdan air ceòl is stoidhlichean, tha Café Bàr na Fèis am-bliadhna a’ tabhann cothrom do rèabhlaidich thar nan ginealach cruinneachadh airson dibhearsain AN-ASGAIDH a mhealtainn. Thugainn còmhla rinn!

TAISBEANAIDHEAN

Duaisean Dealbhan Meadhanan na h-Alba 2017

Tha Duaisean Dealbhan Meadhanan na h-Alba a’ comharradh comas is iomadachd luchd-togail-dhealbh na h-Alba a tha a’ glacadh ìomhaighean a leanas san inntinn fada às dèidh don sgeul anns na naidheachdan a dhol air dìochuimhne. Às dèidh luchd-buannachaidh na farpais a ghairm anns an t-Sultain, chithear an cuid dhealbhan gan taisbeanadh aig an Fhèis Phoilitigs.

Photo supplied to be inserted© Wullie Marr

Dealbhan Deugairean: Ceòl Punc ann an Dùn Èideann 1977

Tha an taisbeanadh seo a’ sealltainn dhealbhan a bha nan laighe ann an garaids Ronnie Gurr, comhairliche gnìomhachas a’ chiùil, airson faisg air 40 bliadhna gun duine a’ toirt feart orra – dealbhan de luchd-ciùil agus luchd-èisteachd a thogadh ann an 1977, Bliadhna Neoni Ceòl Punc.

Photo supplied to be inserted

CeòlLiz Lochhead (image supplied)Sealladh gun samhail a lean bhon a’ chluiche chliùiteach aice, Somethings Old, Somethings New, tha am bàrd agus sgrìobhaiche dhealbhan-cluiche Liz Lochhead a’ snìomh dhàintean, seanchas agus ceòl ann am brat a chuireas an luchd-èisteachd fo gheasaibh. Tha ceòl tiamhaidh sacs Steve Kettley a’ toirt taic don mheasgachadh bhuadhmhor seo den chuid as fheàrr den obair aice thar nan 45 bliadhna a chaidh seachad.

A’ Seinn nan CòraicheanLe òrain a lorgadh anns a’ phròiseact Guth a’ Phobaill (faic clàr Dhihaoine), tha Alison agus Fionnghal NicNèill a’ gabhail grunn de na h-òrain is bàrdachd eachdraidheil, phoilitigeach as fheàrr bho gach taobh is ceàrnaidh.(image supplied)

Anna Heywood (image supplied)Deugaire sàr-thàlantach à Glaschu, tha Anna Heywood a’ nis a’ cosnadh cliù le Acadamaidh Ghlyndebourne. Èist is gabh iongnadh!

Na Peathraichean Ayoub (image supplied)B’ e Sarah agus Laura Ayoub buanaichean na Duais Young Scot 2017: thig a chluinntinn ciamar a tha na peathraichean Albannach-Èipheiteach seo a’ cur car ùr ann an ceòl clasaigeach ùr-nòsach le tionndaidhean gun samhail air a h-uile càil bho Die Fledermaus gu Uptown Funk.

Martha Ffion (image supplied)Tha an sgrìobhadair dhàintean Èireannach seo stèidhichte ann an Glaschu a’ toirt tionndadh iongantach air Tamla-Motown pop le beagan de ghleans Phil Spector.

Dee-Ukes

Page 12: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

An toil leat an ukulele? Tha fios gun còrd an còmhlan ukulele seo riut, le fichead neach-ciùil tàlantach a’ cluich fhonn mìorbhaileach.

FILMICHEAN AGUS FEALL-DHÀ AIRSON AN TEAGHLAICH GU LÈIR

Mar phàirt de phrògram càirdeil Café Bàr na Fèis faodaidh dùil a bhith agaibh ri filmichean AN-ASGAIDH le tomhas de reubaltachd mun deidhinn. Bho Rogue One, am film Star Wars as ùire, gu dibhearsain Power Rangers; agus spreigeadh bhon a’ phaidhir fhilmichean Guardians of the Galaxy Vol. 2 agus Captain America: Civil Wars; agus cha bu chòir dhuinn dìochuimhneachadh air Brave! le Disney, a tha stèidhichte ann an Alba.

Cùm sùil a-mach airson Disathairne nan Gaisgeach far am bi Breab!Sgleog!Scailc! aig an fheadhainn a tha a’ dathadh dhealbhan, a’ dealbh thrusganan agus a’ togail fhèineagan nan gaisgeach, agus bùithtean-obrach beò-dhealbhaidh ‘stad-gluais’ LEGO™ bhon fhilmeadair iongantach, Morgan Spence, a tha fhathast na dheugair. Le 10 millean sealladh air-loidhne – a’ dèanamh bhidio airson an DJ Paul Oakenfold chun a’ phrògraim Jimmy Kimmel Live ann an Ameireaga – tha Morgan a’ cumail dà bhùth-obrach eadar-ghnìomhach a dh’aon ghnothach airson na Fèis Phoilitigs. Agus a cheart cho math, tha an cothrom an ukulele ionnsachadh aig bùth-obrach bharraichte nan Dee Ukes!

(NEW PAGE)Fios mi Thiocaidean

Faodar tiocaidean airson gach tachartas a chlàradh air-loidhne aig www.parliament.scot/festival Tha clàradh ro-làimh ga mholadh gus a bhith cinnteach gu faigh thu na tha thu ag iarraidh.

Gheibh thu dearbhadh air post-d nuair a chlàraicheas tu. Bu chòir dhut seo a thoirt leat nuair a thig thu don tachartas.

Sguirear a reic thiocaidean air-loidhne dà uair a thìde ro gach tachartas.

Faodar beagan tiocaidean a chlàradh le bhith a’ nochdadh aig Pàrlamaid na h-Alba.

Air latha an tachartais, dh’fhaodte gum bi tiocaidean sam bith a th’ air fhàgail rim faighinn bho Deasg na Fèis ann an Café Bàr na Fèis.

Fiosrachadh eile

Tha làn phrògram ùraichte ri fhaighinn air-loidhne aig www.parliament.scot/festival

Tha am fiosrachadh seo gu lèir ceart aig àm dol gu clò ach tha sinn a’ glèidheadh còir tachartas sam bith atharrachadh no a chur dheth. Cùm sùil air www.parliament.scot/festivalairson fiosrachadh ùr, no cuir fios air loidhne-fòn na Fèis Phoilitigs air 0131 348 5603. Chan urrainn dhuinn airgead a phàigheadh air ais mura tèid tachartas a chur dheth.

Is dòcha gun dèan sinn craoladh no craoladh-lìn air tachartasan na Fèis Phoilitigs. Is dòcha gum bi ìomhaighean den luchd-èisteachd no daoine eile sa phoball an lùib seo. Is dòcha cuideachd gum bi dealbhan camara no bhidio gan togail mun cuairt, agus am broinn, togalach Pàrlamaid na h-Alba.

Chan eil uallach air Pàrlamaid na h-Alba no Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba airson beachdan a thèid a luaidh feadh na Fèis Phoilitigs.

Prìsean

Tha làn phrìs ga shealltainn fo tiotal gach tachartais. Tha an lasachadh prìs ri taobh na làn phrìs.

Page 13: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

Tha lasachadh prìs ri fhaighinn do chlann aois 5 gu 16, daoine aois 60 agus nas sine, oileanaich, daoine gun obair agus daoine ciorramach. Tha a h-uile tachartas ann an Café Bàr na Fèis AN ASGAIDH.

Gheibh neach-cùraim a thig còmhla ri duine ciorramach a-steach an asgaidh.

Mar a lorgas tu sinn

Tha a h-uile tachartas stèidhichte ann am Pàrlamaid na h-Alba. Tha sinn a’ moladh gun cleachd luchd-tadhail còmhdhail phoblach uiread ’s a ghabhas nuair a thig iad don Phàrlamaid. Gheibhear fiosrachadh air busaichean is còmhdhail phoblach eile air làrach-lìn Traveline www.travelinescotland.com no le fònadh 0871 200 22 33.

Tha sinn 15 mionaid de choiseachd bho stèisean trèana Waverley Dhùn Èideann. Tha na pàircean chàraichean as fhaisge aig St John’s Hill (bho Rathad Thaigh an Ròid) no mu choinneamh Stèisean Waverley, tro New Street.

Uairean fosglaidh Café Bàr na Fèis

Diardaoin 19 Dàmhair 12:00 - 19:30(seach daoine a’ dol gu sealladh film)

Dihaoine 20 Dàmhair 10:00 - 19:30(seach daoine a’ dol gu sealladh film)

Disathairne 21 Dàmhair 10:00 - 19:30(seach daoine a’ dol gu sealladh telebhisein)

A’ cur fios oirnn

Diluain gu Diardaoin: 10:00 - 17:00, Dihaoine 10:00 - 16:00

(Telephone icon) 0131 348 5200 / 0800 092 7600 airson fiosrachadh mu thurasan is tadhal

Fiosrachadh mun Fhèis Phoilitigs: 0131 348 5603

[email protected]

(mobile icon) Faodaidh tu cuideachd an t-seirbheis Text Relay a chleachdadh no fios a chur air Scotland-BSL (contactscotland-bsl.org)

Seirbheisean Luchd-tadhail, Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann, EH99 1SP

Tha a h-uile h-àite far am bi tachartas aig Pàrlamaid na h-Alba:

so-ruigsinn le lioft no air làr rèidh agus do dhaoine ann an cathraichean-cuibhle. (Cuir fios oirnn ro-làimh ma tha feumalachdan ruigsinneachd agaibh.)

a’ cur fàilte air coin-treòrachaidh no coin-cuideachaidh eile uidheamaichte le goireasan induction loop a’ lìbhrigeadh mìneachadh ann an Cànain Soidhnidh Bhreatainn (BSL) [BSL icon]

gun iarraidh aig cuid de thachartasan (faic am prògram). Faodar taic conaltraidh iarraidh aig tachartasan eile.

Cuir fios air Pàrlamaid na h-Alba cho luath ’s a ghabhas ma tha feum agad air taic conaltraidh no taic eile. Tha am prògram seo ri fhaighinn ann an cruthan eile le iarrtas.

Page 14: festivalofpolitics.scotfestivalofpolitics.scot/.../2016/06/...76KB-Word.docx  · Web viewBidh Café Bar na Fèis a’ gluasad am-bliadhna do Phrìomh Thalla Pàrlamaid na h-Alba

NEW PAGE/ BACK COVER

Clàraich air-loidhne an-diugh

www.parliament.scot/festival [Facebook icon]

[email protected] Twitter and Instagram icons

Compàirtichean na Fèis:

Black History Month logo; Blackwells logo; British Academy logo; The Carnegie Trust for the Universities of Scotland logo; John Smith Centre for Public Service the University of Glasgow logo; The Open University in Scotland; Royal Society for Edinburgh logo; Waterstones logo; Young Scot logo;