rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · web viewmodal dualchas ‘s litreachas. rachel...

24
Modal Dualchas ‘s Litreachas Rachel Kennedy M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig le Somhairle Mac Gill-eain Nuair a leugh mi Hallaig airson a chiad turas bha mi den bheachd gun robh e gu math duilich a thuigsinn. Bha e gu math beachdail. Bha seo follaiseach bhon a chiad loidhne. “Tha tìm, am fiadh, an coille Hallaig. Tha an loidhne sin mar fo-thiolta. Tha e eadar-dhealaichte bhon an còrr den a bhàrdachd oir tha e leis fhein. Nuair a leugh mi an bàrdachd a-rithist airson an dàrna uair, bha e nas fharasta thuigsinn. Mhothaich mi gun robh Somhairle a bruidhinn tòrr mu dheidhinn an àrainneachd. Tha sinn a faicinn seo tron a bhàdachd gu leir. Tha e bruidhinn anns a chiad loidhne mun a’ choille. Tha e cuideachd a leantainn air le cuspair an àrainneachd le bhith bruidhinn air na beanntan: “O Alt na Feàrnaibh gus an fhaoilinn tha soilleir an dìomhaireachd nam beann.” Rinn mi an uair sin ceangal eadar tìm agus am fiadh. Bha am fiadh mar riochd-bhriathar. Tha sinn a faicinn na chaidh air adhart thairis air na bliadhnaichean tro sùilean am fiadh. Tha Somhairle a togail air cuspairean mar Fuadach nan Gàidheal. Tha seo tighinn thairis anns na loidhneachan a leannas. A snotach nan làraichean feoir .” Aig ceann gach taigh a bh’ann .” Gach aon ghinealach a dh’fhalbh .” Gun bhriseadh cridhe an sgeoil.

Upload: lymien

Post on 28-Jun-2018

233 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Page 1: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Modal Dualchas ‘s Litreachas

Rachel Kennedy

M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts)

Hallaig

le Somhairle Mac Gill-eain

Nuair a leugh mi Hallaig airson a chiad turas bha mi den bheachd gun robh e gu math duilich a

thuigsinn. Bha e gu math beachdail. Bha seo follaiseach bhon a chiad loidhne.

“Tha tìm, am fiadh, an coille Hallaig.

Tha an loidhne sin mar fo-thiolta. Tha e eadar-dhealaichte bhon an còrr den a bhàrdachd oir tha e

leis fhein. Nuair a leugh mi an bàrdachd a-rithist airson an dàrna uair, bha e nas fharasta thuigsinn.

Mhothaich mi gun robh Somhairle a bruidhinn tòrr mu dheidhinn an àrainneachd.

Tha sinn a faicinn seo tron a bhàdachd gu leir. Tha e bruidhinn anns a chiad loidhne mun a’ choille.

Tha e cuideachd a leantainn air le cuspair an àrainneachd le bhith bruidhinn air na beanntan:

“O Alt na Feàrnaibh gus an fhaoilinn tha soilleir an dìomhaireachd nam beann.”

Rinn mi an uair sin ceangal eadar tìm agus am fiadh. Bha am fiadh mar riochd-bhriathar. Tha sinn a

faicinn na chaidh air adhart thairis air na bliadhnaichean tro sùilean am fiadh. Tha Somhairle a togail

air cuspairean mar Fuadach nan Gàidheal. Tha seo tighinn thairis anns na loidhneachan a leannas.

“A snotach nan làraichean feoir.”

“Aig ceann gach taigh a bh’ann .”

“Gach aon ghinealach a dh’fhalbh.”

“Gun bhriseadh cridhe an sgeoil.”

Tha Somhairle a cleachdadh dealbh-chunntas a tha furasta a thuigsinn. Tha an samhlachas an uairsin

furasta a chruthachadh nad cheann fhèin. Tha e a toirt thu air turas air ais tron eachdraidh tro

sùilean am fiadh.

Dh’atharraich mi mo bheachd air a bhàrdachd seo as dèidh dhomh leughadh thairis air agus

coimhead nas domhain air ciall a bhàrdachd. Mhothaich mi cho breàgha sa bha am bàrdachd air a

sgrìobhadh. Tha Somhairle a ‘cleachdadh cainnt a tha tlachdmhor s’ bòidheach. Tha srùth-fhacal air

a’ chleachdadh ann an dòigh a tha grinn. “Na fir a laighe air an lèanag.” “Dìreach an druim, crom an

ceann.” “Nam chluais ‘na ceò.” “Mun tig an ciaradh air caoil.”

Page 2: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Mhothaich mi cuideachd cho bòidheach sa tha an ceòl anns a bhàrdachd. Tha rithim a ruith tron a

bhàrdachd gu lèir. Leugh mi a bhàrdachd cuideachd ann am beurla ach cha robh an aon ceòl neo

rithim ri fhaicinn anns an eadar-theangachadh. Tha mi taingeil gun d’fhuair mi cothrom coimhead

thairis air “Hallaig” agus ionnsachadh barrachd mun an bhàrdachd àlainn seo.

Dealbhan Cluich Dràma: Doras Dùinte

Le Catriona Lexy Chaimbeul

Chunnaic mi an dealbh cluich seo nuair a thainig I gu tàlla Bhorgh ann an Leòdhais, comhla ri

buidheann drama Theatar Gu Leòr agus Theatar Muille. Chòrd an dealbh cluich seo rium gu mòr. Bha

an sgeulachd làidir agus na càractaran air a dheagh cruthachadh. Chaidh an dealbh-cluich a’

sgriobhadh ann an doigh a tha modaran, le Gàidhlig a tha sìmplidh agus furasta a thuigsinn. Rud tha

cuideachd math mu dheidhinn an dealbh cluich s’e gu bheil e ann an Gàidhlig agus beurla. Ma tha

daoine aig nach eil Gàidhlig tha e togail an aire aca chun na chànan.

Fiosrachadh mu na dealbh cluich:

Na Caractaran: Lindsay Guthrie: Fichead- Fichead ‘s a sìa, dealbhadair fiadh-bheatha.

Lydia Ross: Fichead ‘s a còig-deich thar fhichead ‘s a còig, dealbhadair aodaich.

Brìgh na deilbh Cluich

“Tha Doras Dùinte, ag innse sgeulachd mu Lydia Ross, boireannach ann an grèim tinneas-inntinn

‘agoraphobia’, agus a loidsear annasach aice, Lindsay Guthrie. Tha an dàimh eadar na caractaran a’

tighinn bhon a’chànan a th’aig an dithis aca - Gàidhlig. S’e sgeulachd gaoireasach a th’ann a tha gad

fhàgail ann an teagamh agus a tha a’ coimhead ris a buaidh a tha tighinn bho cheangalan mì-fhallain

agus a’ faighneachd dè cho fada ‘s a thèid sinn airson na ceangalan sin a chumail teann.

‘Se dealbh-chluich le Aon Chleas a th’ann an Doras Dùinte. Tha an dealbh-chluich mu uair a’thìde a

dh’fhaid. Tha an dealbh chluich a’ gabhail àite ann an taigh iomallach Mhùideart, Loch Abair an Iar

air a’ Ghàidhealtachd.”

Doighean a’ cleachdainn na dealbh cluich nam obair:

Bhitheadh e gu mar fursta cleachdadh na dealbh-chluich seo le buidheann drama sam bith. Ma bha

agam ri buth-obrach a’ theagaisg air sgriobhadh drama bhithinn a’sealtainn dhan buidheann cho

simplidh ach èifeachach sa tha cruth an dealbh-chluich seo. Tha na seallaidhean goirid agus tha sin a

leigeil air an stoiridh glusad air adhart ceum air cheum.

Tha an dealbh-chluich a’ togail air diofar cuspairean. Feadhainn de na cuspairean a tha àbhaisteach

agus nàdarrach mar càirdeas agus earbs, ach feadhainn eile a tha uaireanan càr toirmeasg mar

cheangalan mì-fhallain, iomallachas agus tinneas-inntinn.

Page 3: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Le bhith teagaisg buth-obrach dràma bhithinn a choimhead air na cuspairean a tha an dealbh-chluich

a taisbeanadh. Ged a tha na cuspairean làidir tha cuideachd dìbhearsain agus seallaidhean nas

aotram a tachairt eadar na càractaran.

Tha mi smaoineachadh gum bitheadh buth-obrach dràma oideachdail don òigridh san àrd-sgoil.

Bhitheadh e feumail le bhith leasachadh an cuid Ghàidhlig, le bhith toirt na sgilean dràma agus

taisbeanadh gu ìre nas àirde, agus airson bàrrachd fòghlam fhaighinn air na cuspairean sòisealta mar

sàbhailteachd agus slàinte. Bhitheadh e spòrsail seo a dhèanamh ann an doigh ealanta, crùthachail a

tha cuideachd a freagairt air na toraidhean ionnsachaidh.

Page 4: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Buth- Obrach Dràma air Doras Dùinte

Gnìomh Toraidhean Ionnsachaidh Tìde

Tha e cudromach gum

blàthaich na buidheannan suas

agus gum faigh iad beagan

spionnadh mas tòisich sinn

leughadh an dealbh-chluich.

Geama Tag- Aon neach a’ruith

as deidh a bhuidhean.

Atharraich na daoine gum bith

còthrom aig gach neach a

bhith a gabhail speil.

Tha seo a toirt spionnadh don

bhuidheann gu lèir.

An uairsin toisich a leughadh

an dealbh-chluich. Airson gach

sealladh tagh truir. Aon neach

a chluicheas Guthrie, aon

neach a chluicheas Lydia agus

cuideign a bhitheas a leughadh

a-mach stuiriche an ughdair.

Blàthadh Suas

L01- Cleachd do ghuth,

gluasadan agus cleasachd

airson caractar a

chruthachadh.

Geama Tag:

5 Mionaidean

Leughadh an dealbh-cluich: 20

Mionaid

Airson gach sealladh dean

dealbh reoite (tableau) ag

innse de tha tachairt anns an

sealladh. Bu choir do gach

caractar innse mar a tha an

caractar aca a’ faireachdainn

anns an t-suidheachadh.

Eadar-Mheadhan

L02- Obraich comhladh mar

pairt de bhuidheann airson

taisbeanadh am pios drama

agad.

Dealbhan Reoite:

20 Mionaid

As deidh dhan a bhuidheann

bruidhinn air na cuspairean a

Deireadh/ Meas

Cruthachadh pios Dràma:

40 Mionaid

Page 5: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

tha a nochdadh anns an

dealbh- cluich m.e (ceangalan

dian, earbs, iomallachas,

cunnart) cuiridh mi gach neach

ann am buidheannan beag

airson cruthachadh pios drama

goirid, ùr, a tha a’ cleachdadh

cuspair bhon an dealbh-

chluich. As deidh dhaibh

taisbeanadh na dealbh-chluich

faodaidh sinn measadh a

dheanamh agus cuideachd

beachdachadh air dòighean

dèiligeadh ri na cuspairean.

L03- Cruthaich pios drama a

tha togail air aon neo

barrachd de na cuspairean san

dealbh-chluich.

Measadh: 5 Mionaidean

Dualchas is Litreachas: Bardachd An Ataireachd Árd An Ataireachd Ard Dòmhnall MacIomhair (1857-1935)

The Sea’s Lofty Roar Donald Maciver, Crowlista, Uig, Lewis)

An ataireachd bhuan,Cluinn fuiam na h-ataireachd àird,Tha torann a’chuainMar chualas leams’ e nam phàistGun mhuthadh gun truasA’ sluaisreadh gainneamh na tragh’d:An ataireachd bhuan,Cluinn fuaim na h-ataireachd àird, Gad làd le stuadhCho luaisgeach faramach bàn,Na chabhaig gu cruaidh,‘S e gruamach dosrach gun sgàth;Ach strìochdaidh a luathsAig bruaich na h-uidhe bh’aig càchMar chaochail an sluagh

Endless surge of the sea,Hear the sound of the sea’s lofty roar,The thundering swellThat I heard as a child long ago-Without change or compassionDragging the sand of the shore:Endless surge of the sea,Hear the sound of the sea’s lofty roar. All the waves crashing downAre trembling, loud-sounding and white,So hurried and cruel,Grim and spuming without taking fright;But their speed falls awayAt the same destination each timeAs the people have perished

Page 6: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Bha uair sa bhaile sa tàmh. Sna coilltean a-siarChan iarainn fuireach gu bràth,Bha m’inntinn ‘s mo mhiannA-riamh air lagan a’ bhaigh;Ach iadsan bha fialAn gnìomh, an caidreamh’s an àghAir sgapadh gun dìonMar thriallas ealtainn roimh nàmh. Seileach is luachair,Cluaran, muran is stàrrAir tachdadh nam fuaranN d’fhuair mi iomadh deoch-phàilt’;Na tobhtaichean fuar’Le buathallan ‘s cuiseag gu’ m bàrr‘S an fheanntagach ruadhFàs suas sa chagailt bha blàth. Ach chunnaic mis’uair‘M bu chunnar beathail an t-ait’,Le òigridh gun ghruaimBha uasal modhail’ nan càil,Le màthraichean suairc’Làn uaill’ nan companaidh gràidhLe caoraich is buarAir ghluas’d moch mhadainn nan tràthAg amharc mun cuairtCha dual dhomh gun a bhith ‘m pràmhCha fhaic mi an tuathDom b’shuaicheant’ carthannas tlàth-‘Nam fògarraich thruagh’Chaidh ‘m fuadach thairis air sàl‘S cha chluinn iad gu buanMòr fhuaim na h-ataireachd àird Fir-sgiùrsaidh an t-sluaigh,Cha bhuan iad bharrachd air càch-Bu chridheil an uaillGar ruagadh mach gun chion-fàthAch sannt agus cruas;An duais a tha aca mar thà

Who once dwelt in this village of mine In the forests of the westI’ve never requested to stay,My mind and ambitionSet firm on the hollow of the bay;But those who were generousIn effort, in friendship and fameAre scattered defencelessLike birds in their enemy’s way. Rushes and willow,And thistle, and marram and grassHave choked up the springsWhere I’d find many thirst-quenching droughtsThe ruins are so coldWith ragwort and dockens growing highWhile red nettle swarmsWhere warm is the ghost of the hearth. But I’ve seen an ageWhen the place was both snug and alive,With youngsters unbowedWhose manner was proud but polite,Their mothers sereneWell pleased with their partners in lifeWith sheep and with cowsSetting out at the morning’s first light.But looking aroundMy spirits are bound to be low:I don’t see the tenantsWhose warm generosity flowed-As exiles in miseryThey’ve been driven away from our shoresAnd they’ll never now hearThe great sound of the sea’s lofty roar. Those who’ve wielded the lashWon’t outlast the folk they’ve clearedLusting for gloryThey drove us out for no reasonBut power and desire;The prize they’ve won for their deed

Page 7: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Mòr dhiomb is droch luaidh,An uaigh le mallachd nan àl. Ach siùbhlaidh mi uat,Cha ghluais mi tuilleadh ‘nad dhàil:Tha m’aois is mo shnuadhToirt luaidh air giorrad mo là;An àm dhomh bhith suaint’Am fuachd ‘s an cadal a’ bhàis,Mo leabaidh dean suas Ri fuaim na h-ataireachd àird.

Is disgust and ill fame,The grave with the curse of the seed. But I must go away,I can’t stay with you any more:My age and appearanceReveal that I’ve not far to go;When I’m finally seizedBy the sleep of perpetual cold,In my bed lay me down To the sound of the sea’s lofty roar.

Tha mi-fhein air cluinntinn an Ataireachd Ard air a sheinn tòrr a bharrachd na tha mi air cluinntinn I

air labhairt mar pìos bàrdachd. Tha cuimhne agam a bhith na sheinn aig a Mhòd ann an còisir na

sgoile.

Chaidh a fonn airson An Ataireachd Ard a chruthachadh le Iain Dòmhnallach. Tha iomadh còmhlan-

ciùil air a’ sheinn agus air an òran a’ clàradh.

Karen Matheson

Iseabail NicAsgaill

Runrig

Capercaille

Tappan Sisters

Ged a tha iad h-uile cleachdadh an aon fonn, tha iad uile a cuir an drach aca fhein air an òran.

Tha an cainnt làidir agus air a dheagh sgriobhadh. Tha an canan gu math farasta thuigsinn.

Chaidh an Ataireachd Ard a sgriobhadh le Dòmhnall MacIomhair bho fradharc na eilthireaich mar

tuireadh air an t-Eilean a dh’fhag iad. Gu sonraichte tha am bàrd a’ dèanamh iomradh air fiosrachadh

is faireachdainn bràthair athair a bha fada air thaigheadas ann an coilltean iomallach Chanada, agus

a thill air chuairt a dh’Ùig far an neach a thogail. Tha sinn a faighinn am fiosrachadh seo bhon an

treas rann:

“Sna coilltean a-siar, chan iarainn fuireach gu bràth.

Bha m’inntinn ‘s mo mhiann a-riamh air lagan a’ bhaigh.”

Tha sinn a faicainn nach eil e idir toilichte a bhith cho fada falbh bhon an aite far an do dh’eirigh e

suas, agus ged a tha e air gluasad air falbh tha e fhathast a smaoineachadh air a dhachaigh.

Page 8: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Nuair a tha mi leughadh am bàrdachd tha mi faicinn gu soilleir a h-uile sealladh. Tha ìomhaigheachd

gu math làidir tron a bhàrdachd gu leir. Nuair a tha mi leughadh am bàrdachd, nam inntinn tha mi

cluinntinn torann a’ chuain, cha mhòr nach eil mi a’ faighinn fàilleadh an fheamainn air an tràigh. Tha

tòrr fuaimealas tron a bhàrdachd agus tha seo a cuideachadh gu mòr le bhith a’ toirt a bhàrdachd

beò. Tha sinn a faicinn sin bhon fhìor thoiseach leis a phìos anns a chiad rann:

“An ataireachd bhuan,

Cluinn fuaim na h-ataireachd àird,

Tha torann a’chuain

Mar chualas leams’ e nam phàist

Gun mhuthadh gun truas

A’ sluaisreadh gainneamh na tragh’d:

An ataireachd bhuan,

Cluinn fuaim na h-ataireachd àird,”

Sa bhàrdachd tha e bruidhinn air an ionndrainn a bh’aig brathair athair. Tha esan ag ionndrainn a’

mhuinntir a bha òg an siud nuair a bha e fhèin òg. Tha sinn faicinn dealbh gu math boillsgeanta ann

an rann a còig s’e e ag ionndrainn an dòigh-beatha a bh’ aca:

“Ach chunnaic mis’ uair

‘M bu chunnar beathail an t-ait’,

Le òigridh gun ghruaim

Bha uasal modhail ‘nan càil,

Le màthraichean suairc’

Làn uaill’ nan companaich gràidh

Le caoraich is buar

Air ghluas’d moch mhadainn nan tràth.”

Tha sinn a faicinn dealbh de doigh beatha a bha prìseil, toilichte. Le coimhearsnachd a bha faisg air a

cheile. Tha thu faireachdainn am blàs. Tha am bàrd a’cleachdadh facail mar “suairc” agus “beathail.”

Tha am bàrd a sgriobhadh mu na faireachdainn a bh’aig bràthair athair, s’e e ag ionndrainn mar a

b’abhaist e bhith anns na làithean a chaidh seachad:

“Chan fhaic mi an tuath

Dom b’ shuaicheant’ carthanas tlàth.”

Page 9: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Nuair a tha e deanamh coimeas air mar a tha cuisean ‘s e air tilleadh; tha an canan a tha e a’

cleachdadh a’ tionndadh an dealbh fuar:

“Na tobhtaichean fuar.”

“Fàs suas sa chagailt bha blàth.”

A rud a tha a cordadh rium gu mòr mu dheidhinn am bàrdachd s’e ged a tha e bho fradharc

pearsanta brathair athair tha na cuspairean agus na faireachdainn co-choitcheann. Tha a’ bhàrdachd

a’ togail air cuspairean mar: eilthireachd, inimreachas, cianalas, miann, fadal, fein-aithne agus a

bhith gu mòr ag ionndrainn.

Tha cuimhne agam nuair bha mi na b’òige s’ mo sheanmhair le cridhe trom, a coimhead mu

thimchioll orra agus a’ faicinn nach robh mòran bhon a ghinealach aice fhein air fhàgail. Thug sin

buaidh mhòr orm. Thoisich mi smaoineachadh air mar a bhithinn a’ faireachdainn ma bha mi fhèin

anns an t-suidheachadh sin agus mo theaghlach agus mo chàraidean air falbh. Tha cianalas agus

ionndrainn mar faireachdainn a th’aig a h-uile duine aig aon àm nam beatha.

S’e sin a rud a tha a còrdadh rium le bhith a’ leughadh bàrdachd, s’e mar a tha thu a cuir do

smuaintinn fhèin air a bhàrdachd agus feuchainn ri ceangail a dhèanamh.

Nuair a leugh mi a loidhne:

“Tha torann a’chuain, mar chualas leams’ e nam phàist.”

Thug e nam chuimhne nuair a bha mi sin oilthigh agus mi ag ionndrainn mo dhachaigh ann an

Leodhas ‘s mi ri taobh na traigh. S’e sin pàirt de mo fèin-aithne. Mo chànan, mo chultair, mo

dhachaigh. Nuair a tha thu air falbh bhon taigh airson a chiad turas, tha thu fhathast a faighinn a-

mach co- thunnad? De na rudan a tha cudthromach dhut fhèin? De am fèin-aithne a’ th’agad fhèin?

Tha an t-uabhas faireachdainn làidir am broinn a phìos bhàrdachd seo agus tha sin a dèanamh

cùisean gu math farasta pios drama a’ chrùthachadh. Tha mi air bùth-Obrach Dràma a chuir ri cheile

a tha freagarrach airson duine sam bith bho aois ceithir bliadhna deug.

Page 10: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Buth- Obrach Dràma air bàrdachd An Ataireachd Árd

Faodaidh na h-eacarsaichean a bhith air atharachadh ma tha feumalachdan sonraichte aig

duine ‘sa bhuidheann.

Gnìomh Toraidhean Ionnsachaidh Tìde

Blàthadh Suas 1. Coisich mun cuairt an rum a’ gabhail anail. Bi mothachail air mar a tha d’anail nad chorp.2. Stad agus faigh càraid.3. Faigh greim air làmhean a cheile agus bheir anail a-steach agus a-mach aig an aon àm a’ coimhead ann an suilean a cheile.4. Coisich mun cuairt air an rùm a’rithist agus dean an aon eacarsaich seo le cuideign eile - gum bith am buidheann gu leìr ag obair le chèile.5. Faigh caraid eile dhut fhèin agus an turas seo bheir “hug” dha cheile cuideachd a gabhail anail a-mach ‘s steach.

6. Coisich mun cuairt an rùm a’rithist agus dean an aon eacarsaich seo le cuideign eile. Gum bith am buidheann gu leìr ag obair le chèile. (Tha seo a toirt air a bhuidheann a bhith nas fhàisg air a cheile.)

Blàthadh Suas Tha e cudromach gum blàthaich na buidheannan suas agus gum bi iad comhfhurtail ag obair còmhla ri chèile. L01: A bhith ag obair le cheile mar sgioba.

5-10 Mionaidean

Leugh am bàrdachd leis a bhuidheann. A reir dè cho mor sa tha a bhuidheann faodaidh duine ma seach rann a leughadh.

Eadar-Mheadhan L02- Obraich comhladh mar phàirt de bhuidheann airson

30 Mionaid

Page 11: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Bruidhinn air dè na seallaidhean a tha sinn a faicinn anns a bhàrdachd. De tha iad ag iarradh gum bi an luchd-èisteachd a’ faireachdainn? Leis a bhuidheann obraich air Sound Scape. Ann an cearcall smaoinich air dè na fuaimean a bhitheadh a toirt beatha don bhàrdachd. Obraich air fuaimean àrd, fuaimean iosal, fiathaich, socair agus nar sin air adhairt E.g Fuaim na mara, na tonnan, a ghaoth.

taisbeanadh am pìos dràma. Cleachd gluasadan, cleasachd agus do ghuth airson seo. L02- Obraich comhladh mar phàirt de bhuidheann airson a phios bhàrdachd a thaisbeanadh ann an doigh cruthachail.

30 Mionaid

Ag obair le gluasadan, guth, cleasachd agus an teacs cruthaich pios drama. As deidh dhaibh taisbeanadh na dealbh-cluich faodaidh iad measadh a dheanamh air na ionnsaich iad.

Deireadh/ MeasL03- Cruthaich pios drama a tha togail air aon neo barrachd de na cuspairean anns a bhàrdachd.

Page 12: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Briseadh na Cloiche le Iain Moireach

Chaidh Briseadh na Cloiche a’ sgriobhadh le Iain Moireach. ‘S e sgeulachd goirid a th’ann. Tha e a’

cleachdadh riochd-bhriatharan agus ìomhaigheachd airson sealltainn dhuinn mar a tha beatha na

càractaran le cheile.

Nuair a tha mi leughadh an sgeulachd goirid seo tha iomadach faireachdainn measgaichte agam mu

dheidhinn. Tha mi ag iarradh mion-sgrùdadh a dheanamh san aiste seo, a coimhead air cuspair na

sgeoil, doigh sgriobhadh an ùghdar, an canan a tha e cleachdadh agus an amas a bh’aige airson na

bhitheadh leughadh an stòiridh.

An toiseachd a choimhead air cuspair na sgeulachd. Tha an sgeulachd a’ toiseachadh le duine ag

obair gu math cruaidh le òrd-mhòr. Tha sinn faicinn gu bheil e ag obair cruaidh oir tha e air a bhith ag

obair airson uine cho fada gu bheil “pian a nis a’ ruith na ghàirdeanan” agus fallas air an duine.

Tha sinn cuideachd a faicinn nach e direach an obair cruaidh a tha toirt buaidh air an duine, ach na

smuainntinn a tha dol tro eanchainn. Tha doigh sgriobhadh an ughdair grinn. Tha e a’ cleachdadh

samhlaidhean agus riochd-bhriathan airson sealltainn seo dhuinn:

“Bha eanchainn a’ slacadaich na chlaigean mar gum biodh làmhan làidir caillich ga fuine.”

Tha an sgriobhadair a’ cleachdadh an doigh sgriobhadh seo gum bith a neach a tha leughadh an

stoiridh a’ smaoineachadh gu mionadach air na faclan. Nuair tha mise a’ leughadh na faclan seo tha

mi faireachdainn mi-shuaimhneach; cha mhòr nach eil mo cheann a’ faireachdainn pìan goirt; a

smaoineachadh air cuideign a fuine m’eanchain.

Tha an sgriobhadair a’ cumail air le

“Bha corra ablach smuain mar riabagan de sheann bhrataich a’ sèideadh tro inntinn; taigh…

gàrradh…teine…bean…sgith…clach-facail agus dealbhan am measg a chèile.”

Tha sinn faighinn dealbh soilleir deagh cuideign a tha uabhasach troimhe-chèile. Tha strì na bheatha.

Tha sinn a faicinn gur e a bhean Catriona a tha toirt air a bhith troimhe-chèile le uallach. Tha sinn a

Page 13: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

faicinn nach eil moran uram aige do Chatriona. Tha sinn a faicinn seo nuair tha e a’ cleadachdadh a

facal ise an toiseach mas eil e a’ cleachdadh an anim aice:

“Bha ise an sin ga fheitheamh Càtriona.”

Tha an sgriobhadair an uairsin ag innse mar a b’abhaist a ghaol a bhith eadar iad:

“’S I bha bòidheach na latha, le aodach glan soilleir (mus do bhàsaich a màthair.”) Tha sinn

faighinn fiosrachadh an seo bho na camagan gun d’thug bàs a’ mathair buaidh mhòr air Càtriona.

Tha an sgriobhadair a chuir cuideam air na facail “na latha” tha seo ag innse nach eil e a’

smaoineachadh gu bheil I cho breagha a nis. Tha an gaol air falbh.

Tha sinn cuideachd a faighinn fiosrachadh mu dheidhinn a bheatha aige fhein. Bha esan ùr a-mach

às a’ Nèibhi. Gheall e taigh a’ thogail dha Catriona. Tha sinn faicinn bhon an sgeulachd gun robh iad

gu math dèidheil air a chèile an toiseach:

“Dhèanadh i gàire cho socair, cho bàidheil,’s gun saoileadh e nach do rinn i gàire a-riamh mus

fhaca esan i.”

Ach tha sinn a faicinn a nis gu bheil cuisean air atharrachadh. Tha an gaol air falbh. Tha an sgeulachd mar riochd-bhriathar mòr. Tha sinn faicinn dealbh den an duine a briseadh na cloiche sios. Anns an sgeulachd tha an duine mar an cloiche agus Catriona mar an òrd a briseadh an duine sios le na facalan aice.

Tha sinn a faicinn na doighean a tha i a’ briseadh an duine seo sìos le na facalan aice:

“Cha togadh tu do thòin far a’ bheing, nam faigheadh tu às leis.”

“Bheil thu dol a shuidhne an siud fad an latha?”

Tha an sgeulachd air a dheagh sgrìobhadh, ach tha e duilich ann an dòigh oir tha e fìor airson tòrr

daoine a tha pòsta. Tha an ùghdair a bruidhinn air cuspair a tha gu math faisg air tòrr dhaoine.

S’docha gur e cuideachadh mhòr a th’ann airson tòrr daoine nuair a tha iad na leughadh.

Page 14: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Eìst

Dealbh Cluich le Donaidh Mac’ill’eathain

Na Caractaran

Mary- Bràmar Iain

Iain- Balach Òg

Woman- Boireannach

Sgriobh Donaidh “Bhòchain” Mac’ill’eathain iomadach dealbh chluich mìorbhalach math ‘s eibhinn.

Chaidh an leabhar seo Eìst a chuir ri chèile mar chuimhneachan sònraichte air an obair a chruthaich

e. Rugadh Donaidh ann an Col ann an Eilean Leòdhais. Bha mi fhein gu math eolach air, oir b’abhaist

dha bhith fuireach gu math faisg air an taigh agam air a Bhac. Bha e cuideachd a’ teagaisg dràma

anns an sgoil agam nuair a bha mi na b’òige.

Tha “Eist” ag innse mu dithis òg ann an gaol, Mary agus Iain. Thai ad aig a chladach ri taobh na mara.

Tha Iain a falbh airson “torch” agus fhads a tha e air falbh tha boireannach neo “taibhse” a tighinn a’

bhruidhinn ri Mary.

Bha mi airson coimhead nas mionaideach ris an dealbh chluich seo airson diofar abharan. An

toiseach, ma bha thu airson cuir an dealbh-chluich seo air an àrd- ùrlair; bhitheadh e gu math furasta

a bhith ag ullachadh agus a’ deanamh “rehearsals” oir chan eil ach trì caractaran a dhith.

Tha e tòrr nas duilich uaireanan a bhith a lòrg dealbh-cluich le barrachd pàirtean airson

boireannaich na tha ann airson fireannaich. Anns an dealbh-cluich seo tha dà phàirt ann airson na

boireannaich agus direach aon airson na fior.

Abhar eile a thagh mi an dealbh-chluich seo oir bhitheadh e gu math furasta a chuir air an stèids.

Chan eil torr “props” a dhith ach direach bocsa. Dh’fhaodadh e bhith air a dheanamh air ard-urlair

neo ann an talla beag. Chan fheum thu an t-uabhas rùm idir. Bhitheadh e na dhealbh-chluiche mhath

ma bha thu dol a dhol air “tour” leis.

Tha an dealbh-chluich seo gu math freagarrach airson deugairean agus innbhich òg. Tha Donaidh

Mac’ill’eathain a’ cleachdadh cainnt nàdarrach. Tha an canan farasta ach air a dheagh sgrìobhadh.

Page 15: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Tha measgachadh math de dràma agus cuideachd beagan comadaidh le cainnt gu math èibhinn ann.

Tha sinn faighinn tòrr eisimipleiran de seo. Anns an sgeulachd tha an dithis òg aig a’ chladach a

bruidhinn mu dheidhinn taibhsichean. Tha Iain ag radh ri Mary nach bu choir eagal a bhith orra:

IAIN: “Aw, na bi cho daft! Dh’fhalbh na taibhsichean nuair a thàinig na torchaichean.”

Tha sinn cuideachd a faicinn an cainnt nadarrach eadar an dithis seo:

MARY: “Càite bheil sinn a’ dol a-nochd?”

IAIN: “Dè mu dheidhinn an dannsa?”

MARY: “Nach eil sin coltach ri balach. ‘Dè mu dheidhinn an dannsa?’ Chan eil guth gu feum mise cur

orm aodach dannsa. Carson nach tuirt thu sin rium anns a’ mhadainn?”

Leis an cainnt cho nadarrach tha sinn a creidsinn anns an cairdeas eadar an dithis seo. Tha iad a

sabaid ann an dòigh snog. Tha tòrr eisimplearan de seo. Tha sinn faighinn a-mach tòrr mu na

càractaran anns an dòigh a tha iad a bruidhinn. Tha sinn a faicinn gu bheil Mary gu math làidir. Tha i

cinnteach anns na rudan a tha i ag iarradh. Tha Iain cuideachd na chàractar làidir. Tha e nas

dìorrasach na tha Mary.

IAIN: “Ach, na bi gòrach. Cionnas a thig thusa còmhla rium sios chun na sgeirean. Seall air na brogan

a th’ort! Agus, co-dhiù, chan fhaic thu càite bheil thu a’ dol.”

MARY: “Nach eil sùilean ormsa mar a th’ort fhein.”

IAIN: “Tha, ach tha closaichean de rasgan ortsa an sin mar chasan breabadar. Ma phriobas tu, thèid

thu air do cheann dìreach don chaolas.”

MARY: “Ah well, that thu funny! Nach gabh iad an toirt dhìom mas e mo thoil.”

IAIN: “Cò leis? Le gèimhleag? Agus dè mu dheidhinn do bhrògan biorach?”

MARY: “Nam biodh do shuilean cho geur ri do theanga, chitheadh tu gu bheil brogan ìosal orm.”

IAIN: “Ach, chan eil math a bhith riut. Thèid mise dhachaigh ‘s gheibh mi torch.”

MARY: “Ruithidh tu dhachaigh agus gheibh thu torch. Agus tha mise a’ dol dhachaigh còmhl riut.”

IAIN: “Tha thu cho righinn ris an fhear-mhillidh. ‘S math tha fhios agad gum bi mise fada nas luaithe

nam aonar.”

MARY: “Uill, na bi fada, ma tha.”

Page 16: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

IAIN: “Cha bhì. Cluich le mo chèusabal agus ma thig taibhs’, thoir dha mu tholl na cluais e!”

Tha sinn faicinn anns an sgriobhadh cho làidir sa tha an dìthis aca, ged a tha Iain mu dheireadh a’

faighinn a dhòigh fhèin.

Tha na caractaran gu lèir làidir. Is e caractar am boireannach an càractar s’ laidir a th’anns an dealbh-

chluich. Aig deireadh an dealbh-chluich tha sinn cluinntinn sgreuchail, ach chan eil sinn faicinn càil.

Tha sinn a smaoineachadh gu bheil rudeign sgriosail air tachairt ach chan eil fios againn le cinnt. Tha

an dealbh-cluich a fagail an luchd-amharc ann an teagamh. Chòrd an dealbh-cluich si ribh gu mòr

agus bu toigh leam an dealbh-cluich fhaicinn air an àrd-urlair.

Page 17: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Co-Dhùnadh

Tha am modal Dualchas ‘s Litreachas air a bhith cho feumail agus cuideachail dhomh mar cleasaiche,

tidsear dràma agus stiùiriche. Mar cleasaiche agus stuiriche tha e an còmhnaidh cho cudromach gum

bith tuigse brìgheil agad air teacsa. Mar tìdsear dràma feumaidh fios a bhith agam air de na

sgeulachdan goirid, bàrdachd agus piosan sgriobhadh a th’ann airson cleachdadh san obair.

Bho bhith deanamh a mhodal seo, tha mi tòrr nas eòlach air na diofar pìosan sgrìobhadh a th’ann

airson a chleachdadh nam obair dràma. Tha daoine an còmhnaidh ag radh nach eil gu leòr dealbhan

cluich agus sgriobhadh Gàidhlig againn, agus ma tha thu a dèanamh coimeas eadar a bheurla tha sin

fìor. Ach tha gu leòr sgriobhadh againn airson a bhith cruthachail. Cha bu choir dhuinn a bhith

cleachdadh sin mar leisgeil.

Dh’ionnsaich mi an t-uabhas bho bhith coimhead thairis air diofar òran tradiseanta, bàrdachd,

sgriobhadh crùthachail, sgeulachdan goirid agus dealbhan-chluiche. Dh’ionnsaich mi mar a tha thu

briseadh sios an teacsa. Nuair a leugh mi bardachd ‘Hallaig’ airson a chiad turas bha mi den bheachd

gun robh e gu math duilich a thuigsinn. Ach dh’atharraich mi mo bheachd air a bhardachd as dèidh

leughadh thairis air agus coimhead nas dòmhain air ciall a bharrachd. Mhòthaich mi cho breàgha sa

bha a bhardachd air a sgrìobhadh.

Bha e feumail dhomh cuideachd coimhead thairis air diofar dealbhan-chluiche. Feadhainn a bha ùr

agus feadhainn nas aosta ach a bha fhathast a faireachdainn co-aoiseach. Bha e cuideachd feumail

coimhead nas domhainn air na h-orain tradiseanta. Dh’ionnsaich mi gun robh e gu math farasta

bùithean-obrach dràma a dheanamh bhon na bàrdachd, dealbhan-cluiche agus na h- òran. Bha

ceangal eadar tòrr den na taghta mi ris an àrainneachd agus gu h-àraidh a mhuir. Ach mar a tha

barrachd daoine bruidhinn Gàidhlig anns na h-eilean siar na aite sam bith eile tha e farasta a

thuigsinn gm bitheadh an àraineachd agus a cuan mar àrdachadh-inntinn. Tha mi cho toilichte gun

do rinn mi a mhodal seo oir dh’ionnsaich mi an t-uabhas. Chòrd e rium gu mòr.

BibliographyBlack, R. (2013). An Tuil/The Flood: Anthology of 20th-Century Scottish Gaelic Verse. 0 Edition.

Birlinn Ltd.

Caimbeul, A. (2011) Sia Dealbhan-Cluiche, Clàr, Inhir Nis,

Caimbeul, C. (2013) Doras Dùinte. Leabhraichean Beaga.

Page 18: rachelkennedyactress.files.wordpress.com€¦ · Web viewModal Dualchas ‘s Litreachas. Rachel Kennedy. M.A Learning and Teaching (Gaelic Arts) Hallaig . le Somhairle Mac Gill-eain

Gillies, A.L, 2010. Songs of Gaelic Scotland. 1 Blg Edition. Birlinn Ltd

Maclean, D. (2005). Eist. Edition. Combaist.