a’ comharrachadh latha velearning.poppyscotland.org.uk/wp-content/uploads/2020/03/... · 2020. 3....

6
A’ Comharrachadh Latha VE Fèisteas a chaidh a chluinntinn air feadh an t-saoghail! Thòisich pàrtaidhean sràide anns an RA ann an 1919 mar ‘Tì na Sìth’ an dèidh a’ Chiad Chogaidh Mhòir (1914-1918). B’ e seo a’ chiad turas a bha pàrtaidhean sràide air an cur air dòigh le muinntir an àite gu ìre mhòr sam bith. Bha iad nam pàirt de chomharrachaidhean an Aonta Sìth, agus bha iad cuideachd mar thrèata do chloinn gus suidhe sìos airson cupa tì aig àm dùbhlannach. An dèidh gèilleadh armachd na Gearmailt air an 7mh dhen Chèitean, chaidh Buaidh san Roinn Eòrpa a ghairm air an 8mh dhen Chèitean 1945 gus deireadh a’ chogaidh a chomharrachadh. Chaidh fèisteasan a chumail air feadh Bhreatainn le sluaghan a’ cruinneachadh aig àiteachan iomraiteach sna sgìrean aca èin gus gàirdeachas a dhèanamh. Bha an sluagh air am brosnachadh gus dearg, geal agus gorm – dathan bratach Bhreatainn – a chaitheamh. Thàining coimhearsnachdan ionadail còmhla gus pàrtaidheadh sràide aoibhneach, dannnsaichean, cuirmean seinn a dhèanamh fad is farsaing; le cuid dhiubh a’ maireachdainn gu uairean beaga na maidne. Las an t-adhar le teinntean agus bha aithrisean ann gun robh ìomheaighean de Hitler air am bruich air feadh na dùthcha. Tha e cudromach cuimhneachadh, am measg a’ ghàirdeachais a bha sin, gun robh an cogadh athast a’ leantainn air anns an Ear Chèin agus bhiodh mòran theaghlaichean a’ caoidh nan luchd-gaoil aca a bha iad air a chall. Rè comharrachaidhean Latha VE Dhùn Èideann, bha teòclaidean agus gum-cagnaidh air a chaitheamh air na mìlltean de dhaoine òga a bha air cruinneachadh anns na sràidean ann am meadhan a’ bhaile. Bha e cuideachd air aithris gun robh saighdear- mara os cionn seinn coimhearsnachd de chuid de na h-òrain a bu mheasaile air an robh daoine – òrain leithid ‘Roll Out The Barrell’ agus ‘Land of Hope and Glory’ ad ’s a bha confetti agus brataichean a’ sèideadh air feadh nam bailtean tranga. AN ROBH FIOS AGAD? Gnìomhan 1 Leugh cunntasan mu mar a bha daoine ann an Alba a’comharrachadh Latha VE ann an Alba air an 8mh dhen Chèitean 1945. Gheibhear earrannan leabhar- latha aig: scottisharchivesforschools.org/ LettersAndDiaries/ VictoryInEuropeCelebrations.asp. 2 Coimhead air fèisteasan Latha VE leithid a’ chaismeachd sràide seo ann an Dùn Bhreatainn: poppyscotland.org.uk/veday75/ 3 Dèan rannsachadh air mar a chomharraich am baile agadsa Latha VE. Tadhail air an leabharlann sgoile agad, leugh seann phàipearan-naidheachd agus bruidhinn ri càirdean a dh’aodadh a bhith am measg an t-sluaigh a’ dèanamh gàirdeachas air an latha. 1

Upload: others

Post on 02-Feb-2021

1 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

  • A’ Comharrachadh Latha VE

    Fèisteas a chaidh a chluinntinn air feadh an t-saoghail! Thòisich pàrtaidhean sràide anns an RA ann an 1919 mar ‘Tì na Sìth’ an dèidh a’ Chiad Chogaidh Mhòir (1914-1918).

    B’ e seo a’ chiad turas a bha pàrtaidhean sràide air an cur air dòigh le muinntir an àite gu ìre mhòr sam bith. Bha iad nam pàirt de chomharrachaidhean an Aonta Sìth, agus bha iad cuideachd mar thrèata do chloinn gus suidhe sìos airson cupa tì aig àm dùbhlannach. An dèidh gèilleadh armachd na Gearmailt air an 7mh dhen Chèitean, chaidh Buaidh san Roinn Eòrpa a ghairm air an 8mh dhen Chèitean 1945 gus deireadh a’ chogaidh a chomharrachadh.

    Chaidh fèisteasan a chumail air feadh Bhreatainn le sluaghan a’ cruinneachadh aig àiteachan iomraiteach sna sgìrean aca fhèin gus gàirdeachas a dhèanamh. Bha an sluagh air am brosnachadh gus dearg, geal agus gorm – dathan bratach Bhreatainn – a chaitheamh. Thàining coimhearsnachdan ionadail còmhla gus pàrtaidheadh sràide aoibhneach, dannnsaichean, cuirmean seinn a dhèanamh fad is farsaing; le cuid dhiubh a’ maireachdainn gu uairean beaga na maidne. Las an t-adhar le teinntean agus bha aithrisean ann gun robh ìomheaighean de Hitler air am bruich air feadh na dùthcha.

    Tha e cudromach cuimhneachadh, am measg a’ ghàirdeachais a bha sin, gun robh an cogadh fhathast a’ leantainn air anns an Ear Chèin agus bhiodh mòran theaghlaichean a’ caoidh nan luchd-gaoil aca a bha iad air a chall.

    Rè comharrachaidhean Latha VE Dhùn Èideann, bha teòclaidean agus gum-cagnaidh air a chaitheamh air na mìlltean de dhaoine òga a bha air cruinneachadh anns na sràidean ann am meadhan a’ bhaile. Bha e cuideachd air aithris gun robh saighdear-mara os cionn seinn coimhearsnachd de chuid de na h-òrain a bu mheasaile air an robh daoine – òrain leithid ‘Roll Out The Barrell’ agus ‘Land of Hope and Glory’ fhad ’s a bha confetti agus brataichean a’ sèideadh air feadh nam bailtean tranga.

    AN ROBH FIOS AGAD?

    Gnìomhan 1 Leugh cunntasan mu mar a bha daoine ann an Alba

    a’comharrachadh Latha VE ann an Alba air an 8mh dhen Chèitean 1945. Gheibhear earrannan leabhar-latha aig: scottisharchivesforschools.org/ LettersAndDiaries/ VictoryInEuropeCelebrations.asp.

    2 Coimhead air fèisteasan Latha VE leithid a’ chaismeachd sràide seo ann an Dùn Bhreatainn: poppyscotland.org.uk/veday75/

    3 Dèan rannsachadh air mar a chomharraich am baile agadsa Latha VE. Tadhail air an leabharlann sgoile agad, leugh seann phàipearan-naidheachd agus bruidhinn ri càirdean a dh’fhaodadh a bhith am measg an t-sluaigh a’ dèanamh gàirdeachas air an latha.

    1

    poppyscotland.org.uk/veday75/https://scottisharchivesforschools.org/LettersAndDiaries/VictoryInEuropeCelebrations.asp

  • Cùm am Pàrtaidh Sràide Latha VE agad fhèin

    Gnìomhan1 Cruinnich seann phàipearan-naidheachd agus sgeadachaidhean an

    t-seòmar-sgoile agad fhèin le sèinichean pàipear ath-chuartaichte. Faic dè cho fada ’s a tha an t-sèin as urrainn dhut fhèin agus na sgoilearan eile air a’ chlas agad a dhèanamh.

    2 Ath-chleachd seann lèintean-T agus cruthaich an stialladh brataich VE agad fhèin. Carson nach brosnaichear gach sgoilear gus na tiallan brataich sònraichte aca fhèin a dhèanamh mar chuimhneachan air Latha VE a dhèanamh air am bi cuimhne aca gu bràth. Faigh pàtran sìmplidh airson stiallan brataich a ghearradh an seo: tes.com/teaching-resource/diy-bunting-template-12129619

    3 Dèan an Spitfire agad agus croch e bho mhullach an t-seòmar-sgoile le sreang neo-fhaicsinniche. Faigh pàtran Spitfire gus a ghearradh a-mach an seo: teachingideas.co.uk/world-war-2/make-your-own-spitfire

    Spòrs & Geamaichean aig a’ Phàrtaidh Sràide agad Bha buaidh mhòr aig an Dàrna Cogadh air beatha chloinne le maoidheadh gum biodh iad air an gluasad bho na bailtean, ionsaighean gas, ionnsaighean boma, cuibhreannachadh agus atharrachaidhean aig an dachaigh agus anns an sgoil. Bha geamaichean a’ toirt beagan faochaidh agus a’ dèanamh ghnothaichean nas àbhaistiche dhaibh le geamaichean air a’ bhlàr a-muigh a’ fàs nas mòr-chòrdte tron chogadh an dà chuid do shìobhaltaich agus dhaibhsan a bha anns na Seirbheisean.

    Gnìomhan1 Bha clann sa chogadh measail air Leum an Ròp. Dèan dùbhlan

    sgiopadh an t-seòmar-sgoile? A bheil gin de rannan as aithne dhut bho na 1940an as urrainn dhut a dhèanamh an cois an leum-ròpa – nach rannsaich thu feadhainn?

    2 Thalla a-mach anns an eadhar ghlan agus dèan geamaichean seòmar-sgoile leithid Chutes and Ladders no Hopscotch – chan fheum thu ach cailc agus raon-cluiche.

    Sgeadachaich an airson do Phàrtaidh Sràide’S e a bhith cumail do Phàrtaidh Sràide Latha VE fhèin anns an sgoil agad aon dòigh air eòlas a thoirt do sgoilearan air an Dàrna Cogadh agus Latha VE. Le beachdan gun robh gairm gu bhith ann mu Latha VE, bha coimhearsnachdan air feadh Bhreatainn a’ sgeadachadh mòr-bhailtean, bhailtean agus chlachain air na làithean gu ruige 8mh dhen Chèitean 1945. Chaidh brataichean a thogail, chaidh stiall bhrataichean Bratach an Aonaidh a chrochadh air làraichean poblach agus chaidh confetti a bha daoine air a dhèanamh nan dachannanan fhèin a sgaoileadh air sràidean air feadh Bhreatainn.

    2

    https://www.tes.com/teaching-resource/diy-bunting-template-12129619https://www.teachingideas.co.uk/world-war-2/make-your-own-spitfire

  • Rèic Bèiceireachd Pàrtaidh Sràide Latha VE

    Chan eil pàrtaidh sam bith iomlan às aonais chèicichean! Leis na gearraidhean fhathast a’ toirt buaidh orra, chruinnich coimhearsnachdan còmhla agus cho-roinn iad am beagan bìdhe a bha aca gus biadh cuimhneachail sònraichte a chruthachadh le gu leòr tì na chois. Ged a bha cuibhreannachadh fhathast an sàs air Latha VE, bha daoine a’ fuine trèatan sònraichte leithid cèicean Bhictòria agus pàidh Lord Woolton. Dh’fhaodadh airgead sam bith a nithear bho reic bèicearachd na sgoile agad a dhol gu Poppyscotland.

    BIADH CEADAICHTE NA SEACHDAIN

    Seo biadh ceadaichte na seachdain airson aon inbheach rè an Dàrna Cogaidh. Gheibheadh clann an

    dàrna leth dhe seo:

    • Bèicon agus hama (3-4 slisean) 4 unnsaichean

    • Feòil eile – 2 ‘chop’ bheag • Ìm 2 unnsa• Càise 2 unnsa • Margarain 4 unnsaichean • Geir còcaireachd 4 unnsaichean • Bainne 3 pinntean • Agus 1 phacaid bainne tiormaichte

    gach mìos• Siùcar 8 unnsaichean• Silidhean gach dàrna mìos

    1 phunnd • Tì 2 unnsa• Ugh (slige uighe) 1 • 1 phacaid ugh tiormaichte gach

    mìos • Suiteis 12 unnsaichean

    Le cuibhreannachadh, bha aig còcairean san dachaigh ri fàs gu math innleachdail le an cuid fuine. Gus faighinn thairis cion uighean, bhiodh reasabaidhean tric ag iarraidh orra buntàta pronn a chleachdadh na àite. Feuch an reasabaidh seo airson aran-milis Albannach www.recipespastandpresent.org.uk/wartime/717/

    AN ROBH FIOS AGAD?

    Gnìomhan 1 Dèan bùth anns an sgoil a bhios a’ reic

    stuthan a bha mòr-chòrdte rè an Dàrna Cogaidh, leithid ciùban còla, sherbet lemons, barley sugars, pear drops agus ligorais. Cuimhnich air bagaichean pàipear ath-chuartaichte a chleachdadh agus crogain ath-chuartaichte gus na suiteis a chumail ann.

    2 Lean stiùirichean chuibhreannan agus cleachd fùdar bainne agus uighe anns na reasabaidhean. Dèan deuchainn-blaise leis na sgoilearan eile sa chlas – an aithnich duine sam bith an diofar? Feuch air fuine àm a’ chogaidh a dhèanamh leis a’ chèic-currain seo air bheag siùcair

    www.nationaltrust.org.uk/croome/recipes/wartime-carrot-cake.

    3 Dealbhaich an reasabaidh cèic Latha VE agad fhèin a’ cleachdadh grìseidean cuibhreannachaidh an Dàrna Cogaidh. Sgeadaich i le suiteis bho àm a’ chogaidh agus le measan tiormaichte. (faic an liosta bìdh ceadaichte a bha ceadaichte).

    3

    http://www.recipespastandpresent.org.uk/wartime/717/https://www.nationaltrust.org.uk/croome/recipes/wartime-carrot-cake

  • Tì & Tòst

    Cuidich coimhearsnachd ar Feachdan Armaichte le bhith a’ cumail Tì & Tòst Poppyscotland. Tha tì & tòst a’ tighinn bho eachdraidh armachdail nuair a bhiodhte a’ gabhail cupa tì agus slis tòst aig àm fois nuair a bhathar air falbh air gnìomhan, a’ toirt deagh chuimhneachan dhen dachaigh.

    Stèidhich Co-chaidreachas nam Bèicearan an ‘Lof Nàiseanta’ ann an 1942. Mar bhiadh làitheil, bha an t-aran air a dhèanamh le min-fhlùr slàn-mhin agus bha e loma-làn bhiotaman B1. Bha seo air sgath lùghdachadh anns an in-bhathar de chruithneachd a chiallaich gun robh min air a toirt bhon ghràn. Gu mì-fhortanach, cha robh daoine ro mheasail air an ‘Lof Nàiseanta’ gun an dath glas agus an t-inneach annasach aig an aran a’ còrdadh ri daoine idir.

    AN ROBH FIOS AGAD?

    Cùm Tì & Tòst Poppyscotland aig Club Bracaist na sgoile agad. Tha e air leth furasta a chur air dòigh agus tha e spòrsail. Chan fheum thu ach pocain tì, uisge teth agus tòrr tòst. Tha Sgioba-roinneil Tional-airgid Poppyscotland an seo gus do chuideachadh – bho bhith a’ toirt stiallan brataichean, nèapraigean agus crogain cruinneachaidh a’ Chrom-luis, gu bhith ag innse dhut an dòigh as fhasa gus an t-airgead a chruinnicheas tu a chur thugainn:poppyscotland.org.uk/tea-&-toast/

    Gnìomh 1 Feuch air reasabaidh arain bho àm a’

    chogaidh agus thoir dha na h-aoighean e www.thewartimekitchen.com/?p=106. Dèan coimeas eadar lofa bhon latha an-diugh agus an lof ud – an aithnich thu an diofar?

    4

    https://www.poppyscotland.org.uk/get-involved/fundraise-for-us/tea-and-toast/http://www.recipespastandpresent.org.uk/wartime/717/

  • Ceòl an Dàrna Cogaidh

    Deiseil airson fonn a thogail?Thug ceòl rè an Dàrna Cogaidh cothrom do shìobhaltaich agus do shaighdearan gus faighinn air falbh bhon dùbhlan an cois a’ chogaidh. A bharrachd air a bhith na fhearas-chuideachd, bha ceòl math gus sunnd dhaoine a thogail dha na Breatannaich le ceannardan còmhlain ciùil Aimeireaganach leithid Glenn Miller agus Artie Shaw air leth measail aig daoine air an rèidio. Bhiodh òrain an ama a’ cur aire air cianalas agus neart a bha a’ buadhmhor an dà chuid aig an Dachaigh agus dha na Feachdan Armaichte.

    Bha a prògram fhèin aig Vera Lynn, a rugadh ann an Lunnainn agus air an robh an t-ainm ‘Leannan nan Luchd-feachd. B’ e Sincerely Yours – Vera Lynn a bha air agus bhiodh a’ cur theachdaireachdan air adhart bho an luchd-gaoil gu luchd-feachd a bha thall-thairis. Bha daoine air leth measail air a’ phrògram agus bhiodh iarrtas ann airson mu 2000 teachdaireachd gach seachdain.

    Dh’fhuirich Na Barrowlands, fear dhe na tallaichean-dannsa as mòr-chòrdte ann an Alba, fosgailte tron Dàrna Cogadh a dh’aindeòin cunnartan bho ionnsaighean boma. Mus robh an dreag ainmeil a chìthear san latha an-diugh ann, bha solas neon de ‘bhalach-barra’ le barra-cuibhle aige na làimh. Chaidh a thoirt a-nuas rè an dàrna cogaidh bhon a bhiodh William Joyce (neach-poiltigs propaganda Nàsach) tric a’ toirt iomradh air a’ chomharra ann an craolaidhean rèidio. Mu dheireadh, chaidh a thoirt air falbh air eagal ’s gum faiceadh plèanaichean Gearmailteach e.

    AN ROBH FIOS AGAD?

    AN ROBH FIOS AGAD?

    Gnìomhan 1 Le do chompanaich sa chlas, seinn

    cuid dhe na h-òrain a bu mhòr-chòrdte aig àm a’ chogaidh. Faodar seo a dhèanamh aig co-chruinneachadh na sgoile no aig a’ Phàrtaidh Sràide Latha VE agaibh. Faic Liosta-òrain Latha VE Poppyscotland agus na duilleagan òran: poppyscotland.org.uk/veday75/

    2 Ath-chruthaich fuaim nan còmhlain mòra leis an orcastra-sgoile agad. Dè na h-innealan-ciùil eadar-dhealaichte a chluinneas tu anns na h-òrain? Seo fear dhe na fuinn as ainmeile bhon Dàrna Cogadh gus an luchd-ciùil fhaighinn gu dol.

    www.youtube.com/watch?v=6vOUYry_5Nw

    3 Faigh a-mach barrachd mu Vera Lynn, ‘Leannan nan Luchd-feachd’ no mu cheannard a’ chòmhlain mhòir, Glenn Miller.

    5

    poppyscotland.org.uk/veday75/www.youtube.com/watch?v=6vOUYry_5Nw

  • Dannsa san Dàrna Cogadh

    B’ e dannsa fear dhe na cur-seachadan a bu mheasaile air an robh daoine ann am Breatainn, le fir agus mnathan òga a’ dèanamh air tallachan-dannsa, tallachan-bàil agus tallaichean eaglaise gus an cuid iomagainean a sgubadh às leis an dannsa. Thug na h-àiteachan sin àite a bha càirdeil agus àite a leig letha faighinn air falbh bho na dùbhlain làitheil a bha romhpa aig an àm ud dhen chogadh. Bhiodh sìobhaltaich a’ coinneachadh gu sòisealta ri feachdan ionadail agus eadar-nàiseanta. Tràth anns na 1940an, chuir feachdan Aimeireaganach an eòlas muinntir Bhreatainn air dannsaichean ùra ainmeil leithid an Lindy Hop agus Jitterbug.

    Gnìomhan 1 Thoir athaarrachadh air a’ chlas dannsa sòisealta

    agad, cuir na endoirfinean sin gu dol agus feuch air an Jitterbug. Faic YouTube airson tòrr bhidiothan oideachaidh: www.youtube.com/ watch?v=Fs8tbzUr6cQ agus an làrach-lì seo airson stiùiridhean ceum air cheum: dance.lovetoknow. com/Jitterbug_Dance_Steps

    2 Cùm farpais dannsa le càraidean a’ dannsa ris an liosta-òrain Latha VE aig Poppyscotland.

    Glenn Miller In The Mood

    The Andrews Sisters -Boogie Woogie Bugle Boy-Don’t Sit Under The Apple Tree-Chattanooga Choo Choo

    Johnny Mercer G.I. Jive

    Vaughn Monroe When The Lights Go On All Over The World

    Spike Jones Pack Up Your Troubles In Your Old Kit Bag

    Vera Lynn We’ll Meet Again

    Flanagan and Allen Run, Rabbit, Run

    Gracie Fields Thing-Ummy-Bob

    POPPYSCOTLAND VE DAY PLAYLIST

    6

    https://www.youtube.com/watch?v=Fs8tbzUr6cQhttps://dance.lovetoknow.com/Jitterbug_Dance_Steps