merlin: caibideal 1

16
Merlin le Tony Bradman Dealbhan le Nelson Evergreen

Upload: cuilean-craicte

Post on 05-Apr-2016

237 views

Category:

Documents


2 download

DESCRIPTION

Tha fhios aig Merlin gu bheil e diofraichte bho na gillean eile sa bhaile - ach dè idir a tha an dàn dha? Blasad dhen leabhar 'Merlin' le Tony Bradman - ri thighinn a dh'aithghearr bhon Chuilean! Merlin knows he's different from the other boys - but what does the future hold for him? A taster of the book 'Merlin' by Tony Bradman - coming soon in Gaelic from Cuilean Craicte! NB this is an uncorrected MS proof.

TRANSCRIPT

Page 1: Merlin: caibideal 1

Merlin

le

Tony Bradman

Dealbhan le Nelson Evergreen

Page 2: Merlin: caibideal 1

A’ chiad fhoillseachadh 2005 ann am Breatainn le Barrington Stoke Ltd

18 Walker Street, Dùn Èideann, EH3 7LP

www.barringtonstoke.co.uk

Air fhoillseachadh sa Ghàidhlig 2015

Teagsa © 2005 Eric Brown Na dealbhan © Tony Ross

Tha còraichean moralta an ùghdair gan glèidheadh a rèir Achd Dlighe-sgrìobhaidh, Dealbhachaidh is

Pheutantan 1988

Do James agus Lou agus Monty Lovegrove

Page 3: Merlin: caibideal 1

Clàr-innse

1 Diofraichte bho chàch 1

2 An Rìgh 9

3 Fuil air na creagan 19

4 Uamh a’ Ghliocais 30

5 Toiseach-tòiseachaidh ùr 40

Page 4: Merlin: caibideal 1
Page 5: Merlin: caibideal 1

1

Caibideal 1

Diofraichte bho chàch

Dhùisg Merlin le clisgeadh san dubh-

dhorchadas agus dh’èirich e na shuidhe.

Cha robh for aige cà robh e. Bha a chridhe

a’ plosgartaich cho mòr ’s gu robh e an dùil

gun sgàineadh e. Bha a shùilean fosgailte ach

chan fhaiceadh e sìon ach na h-ìomhaighean

uabhasach a bha sa bhruadar.

“Murt is marbhadh,” thuirt e ris fhèin.

“Carson a dh’fheumas mi sin fhaicinn?” Bha e

air chrith agus bha a stamaig goirt. Bha

Page 6: Merlin: caibideal 1

2

a chraiceann goirt cuideachd – mar gum biodh

e ga losgadh dheth le lasairean mòra teine.

“Ìnean agus fiaclan, dearg agus geal...”

Gu h-obann nochd lasair san dorchadas.

Dè bh’ ann? Thog Merlin a cheann agus

chunnaic e gur e coinneal a bh’ ann. Bha

a mhàthair air a lasadh. Bha Merlin na

leabaidh-luachrach fhèin sa bhothan san robh

iad a’ fuireach. Thàinig a mhàthair a-nall is

shuidh i air an leabaidh leis a’ choinneil na

làimh.

“Ist a ghaoil, tha thu math gu leòr,” thuirt

ise ri Merlin. Shlìob i aghaidh. “Cho teth ’s a tha

thu! An e an aon bhruadar a bh’ ann?”

“’S e… tha mi smaointinn gur e,” thuirt

Merlin. Bha a chridhe a’ socrachadh rud beag

a-nis. Bha làmh a mhàthar fionnar air a bhus

agus chunnaic e gu robh gàire air a h-aodann.

“Uill tha e air falbh a-nis,” ars’ ise. “’S

mhòr am beud nach eil cuimhn’ agad cò mu

Page 7: Merlin: caibideal 1

3

dheidhinn a tha na bruadairean agad. Nam

b’ urrainn dhut innse dhomh mun deidhinn,

’s dòcha nach tigeadh iad cho tric… Agus

’s dòcha nach biodh uimhir de dh’eagal ort

nuair a thig.’

Bha an aon bhruadar air a bhith aig Merlin

iomadach turas on a bha e na ghille beag. Ach

mar bu shine a dh’fhàs e, ’s ann bu thrice a

thigeadh am bruadar, agus ’s ann bu mhotha a

dh’fhàsadh an t-eagal. Bha Merlin mar sin glan

air a dhòigh ged nach biodh cuimhne aige air

a’ bhruadar gu bràth.

“Na biodh dragh oirbh,” thuirt esan ri

mhàthair. “Feuch gun tèid sibh air ais dhan

leabaidh. Bidh mise taghta.”

“Ma tha thu cinnteach…” ars’ ise. Thug i sùil

gheur air Merlin. “Trobhad ort a ghràidh – ’s e

gille prìseil a th’ annad. Dèan suain mhilis, agus

feuch nach bi an còrr droch bhruadairean ann.”

Page 8: Merlin: caibideal 1

4

Thuit Merlin na chadal a-rithist mu

dheireadh thall. Bha am facal prìseil a’ cur

charan na cheann. Bha e fhathast air inntinn

nuair a dhùisg e sa mhadainn. Ghabh e bobhla

brochain aige, ach bha aghaidh cho diumbach

’s gun do chrath a mhàthair a ceann. Thug i dha

cuinneag agus dh’iarr i air a dhol a dh’iarraidh

bainne.

’S e latha bog, ceòthach foghair a bh’ ann.

Choisich Merlin tron bhaile, is a chasan cho

trom ri inntinn. Bha am baile ann am fìor

cheann an iar Bhreatainn. Bha talamh cas,

sgorrach air gach taobh dheth, le gleannan

domhainn is beanntanan àrda. ’S e baile bochd

a bh’ ann, agus bha Merlin agus a mhàthair

a cheart cho bochd ri càch, ach bhiodh a

mhàthair a’ cumail a-mach gu robh rudeigin

prìseil, rudeigin sònraichte mu Mherlin.

Cha robh athair aig Merlin, ach bha

iomadach gille eile san aon suidheachadh –

bha an athraichean marbh no fad air falbh

a’ sabaid. ’S e àm doirbh is cunnartach a

Page 9: Merlin: caibideal 1

bh’ ann do na Breatannaich. Bha treudan de

Shacsannaich a’ falbh air feadh na dùthcha,

’s iad ri creachadh ’s ri meàirle, agus bha

iomadach Bhreatannach air am beatha a chall.

Ach cha robh athair a-riamh aig Merlin.

Thuirt a mhàthair gu robh e dìreach air…

nochdadh. Bha teaghlach a mhàthar beartach

agus cha robh iad idir ga creidsinn nuair a

thuirt i nach robh athair aig an leanabh aice.

Ach cha b’ urrainn dhi an còrr innse dhaibh,

agus mar sin shad iad a-mach i. Chuir iad

i a dh’fhuireach leatha fhèin, na ceudan de

mhìltean air falbh. Bha fhios aig a h-uile duine

sa bhaile mar a thachair dhi. Bhiodh iad

a’ magadh oirre agus a’ lachanaich. Bha gràin

aig Merlin orra airson sin.

Ach bha an dòigh san robh muinntir

a’ bhaile a’ bruidhinn mu Mherlin fiù ’s na

bu mhiosa. Bha na h-inbhich gràineil ris.

Chluinneadh e an cuid shanasan is cagarsaich

nuair a bha iad a’ smaointinn nach robh e ag

èisteachd. Agus bha a’ chlann a cheart cho dona

Page 10: Merlin: caibideal 1

6

– bha far-ainmean uabhasach aca dha agus cha

chluicheadh iad leis uair sam bith.

Bha Merlin aig crìoch a’ bhaile a-nis. Stad

e aig an tuathanas far am biodh a mhàthair

a’ faighinn bainne. Bha baraille làn bainne ri

taobh na bàthaich, is lodair ri thaobh. Fhad ’s

a lìon Merlin a’ chuinneag aige fhèin leis an

lodair, chuala e an crodh a’ geumnach ris bho

dhubhar blàth na bathaich. Dh’fhàg e bonn

airgid airson a’ bhainne. Chum an tuathanach

is a bhean sùil chruaidh air fhad ’s a choisich e

air falbh.

“Thalla! Mach à seo,” dh’èigh an tuathanach.

Thog e a làmh agus chunnaic Merlin gu robh

na corragan ann an cumadh adhaircean. Sin a

bhiodh muinntir a’ bhaile a’ dèanamh uair sam

bith a chitheadh iad Merlin – fiamh adhaircean

an diabhail, gus an dìon fhèin on Droch Shùil.

Bha rudeigin mu Mherlin gam fàgail ainfhoiseil.

Page 11: Merlin: caibideal 1

7

Page 12: Merlin: caibideal 1

8

Thog Merlin air dhachaigh leis a’ chuinneig.

Bu mhòr am beud nach e gille àbhaisteach

a bh’ ann. B’ fheàrr leis gu mòr a bhith na

bu choltaiche ri gillean eile a’ bhaile. Ach an

àiteigin domhainn na chridhe, bha fhios aige gu

robh a mhàthair ceart. Bha Merlin diofraichte

ann an dòigh air choreigin. Sin a bha am

bruadar ag innse dha, ged nach robh cuimhn’

aige cò mu dheidhinn a bha e. Bha rudan eile

ann cuideachd – rudan eagalach, dìomhair a

bha e a’ cumail bho mhàthair.

Bhac Merlin na smuaintean dubhach aige

agus thog e a chasan leis gu ruige an taigh.

’S dòcha gu robh e air chomas dha cùisean

atharrachadh. ’S dòcha, nam b’ urrainn do

Mherlin a bhith na bu laghaiche ri muinntir

a’ bhaile, gum biodh iadsan na bu laghaiche ris

fhèin…

Gu h-obann, chuala Merlin cruidhein

eich a’ tighinn tarsainn nan achaidhean ga

Page 13: Merlin: caibideal 1

9

ionnsaigh. Thog e a cheann agus chunnaic e

treud shaighdearan a’ dèanamh air a’ bhaile.

Thàinig iad na b’ fhaisge agus thuig Merlin dè

an ceann-uidhe a bh’ aca – a thaigh fhèin. Leum

a chridhe na uchd. Leig e às a’ chuinneag le

gliong, agus dhòirt am bainne sa pholl.

Ach bha Merlin coma. Bha e mar-thà

na dheann-ruith, ’s e ag èigheachd ainm a

mhàthar.

Page 14: Merlin: caibideal 1
Page 15: Merlin: caibideal 1
Page 16: Merlin: caibideal 1