corona-bhìoras...th’ anns a’ chorp. an uair a thig bitheag ùr a-steach dhan chorp, mar an...

16
www.acairbooks.com Dè a th’ ann an corona-bhìoras agus carson a tha a h-uile duine a’ bruidhinn mu dheidhinn? Le dealbhan tarraingeach bho Axel Scheffler, tha an leabhar seo cuideachail is tìmeil gu bhith a’ freagairt nan ceistean sin agus ceistean eile, a’ toirt mìneachadh soilleir mun chorona-bhìoras agus a bhuaidh – an dà chuid a thaobh slàinte agus a’ bhuaidh air beatha làitheil theaghlaichean. Le fiosrachadh bho sàr eòlaiche Proifeasair Graham Medley bho Sgoil Lunnainn airson Glaineid agus Cungaidhean Tropaigeach , còmhla ri luchd-teagaisg agus saic-eòlaichean chloinne, ’s e goireas feumail agus fiosrach a tha seo a’ mìneachadh nan atharrachaidhean air a bheil sinn uile mothachail. Tha an leabhar seo an-asgaidh, ach ma bu toil leibh agus gu bheil e nur comas, bhiodh Nosy Crow gur misneachadh gu tiodhlac airgid a thoirt seachad do: www.nhscharitiestogether.co.uk “Tha dealbhan aotrom Mgr. Scheffler còmhla ri teacsa sìmplidh ag innseadh mar a tha am bhìoras a sgaoileadh, mar a dhèiligeas tu ri dòrainneachd is aonaranachd agus ri peathraichean/bràithrean sàraichte, agus ri suidhichidhean air nach eil thu eòlach.” The New York Times “Feumail san dachaigh no dhan a h-uile duine air a’ phlanaid. Luchd a-nuas e an-dràsta, leugh e sa bhad agus sgaoil e chun a h-uile duine air a bheil thu eòlach.” School Library Journal “’S e an amas clann eadar còig is deich bliadhna a chuideachadh gu tuigsinn an saoghal ùr neònach a th’ againn, agus rinn iad obair ionmholta leis” The Sun Corona-bhìoras Leabhar do chlann Le Elizabeth Jenner, Kate Wilson & Nia Roberts Neach-comhairleachaidh: Proifeasair Graham Medley Proifeasair Deilbheadh Galaran Gabhaltach Sgoil Lunnainn airson Glaineid agus Cungaidhean Tropaigeach Na dealbhan le Axel Scheffler www.nosycrow.com

Upload: others

Post on 14-Feb-2021

1 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

  • www.acairbooks.com

    Dè a th’ ann an corona-bhìoras agus carson a tha a h-uile duine a’ bruidhinn mu dheidhinn?

    Le dealbhan tarraingeach bho Axel Scheffler, tha an leabhar seo cuideachail is tìmeil gu bhith a’ freagairt nan ceistean sin agus ceistean eile, a’ toirt mìneachadh soilleir mun chorona-bhìoras agus a bhuaidh – an dà chuid a thaobh slàinte agus

    a’ bhuaidh air beatha làitheil theaghlaichean.

    Le fiosrachadh bho sàr eòlaiche Proifeasair Graham Medley bho Sgoil Lunnainn airson Glaineid agus Cungaidhean Tropaigeach, còmhla ri luchd-teagaisg agus

    saic-eòlaichean chloinne, ’s e goireas feumail agus fiosrach a tha seo a’ mìneachadh nan atharrachaidhean air a bheil sinn uile mothachail.

    Tha an leabhar seo an-asgaidh, ach ma bu toil leibh agus gu bheil e nur comas, bhiodh Nosy Crow gur misneachadh gu tiodhlac airgid a thoirt seachad do:

    www.nhscharitiestogether.co.uk

    “Tha dealbhan aotrom Mgr. Scheffler còmhla ri teacsa sìmplidh ag innseadh mar a tha am bhìoras a sgaoileadh, mar a dhèiligeas tu ri dòrainneachd is

    aonaranachd agus ri peathraichean/bràithrean sàraichte, agus ri suidhichidhean air nach eil thu eòlach.”

    The New York Times

    “Feumail san dachaigh no dhan a h-uile duine air a’ phlanaid. Luchd a-nuas e an-dràsta, leugh e sa bhad agus sgaoil e chun a h-uile duine air a bheil thu eòlach.”

    School Library Journal

    “’S e an amas clann eadar còig is deich bliadhna a chuideachadh gu tuigsinn an saoghal ùr neònach a th’ againn, agus rinn iad obair ionmholta leis”

    The Sun

    Corona-bhìorasLeabhar do chlann

    Le Elizabeth Jenner, Kate Wilson & Nia Roberts

    Neach-comhairleachaidh: Proifeasair Graham MedleyProifeasair Deilbheadh Galaran Gabhaltach

    Sgoil Lunnainn airson Glaineid agus Cungaidhean Tropaigeach

    Na dealbhan le Axel Scheffler

    www.nosycrow.com

  • Corona-bhìorasLeabhar do chlannle Elizabeth Jenner, Kate Wilson & Nia Roberts

    Neach-comhairleachaidh: Proifeasair Graham MedleyProifeasair Deilbheadh Galaran Gabhaltach

    Sgoil Lunnainn airson Glaineid agus Cungaidhean Tropaigeach

    Na dealbhan le Axel Scheffler

  • ̌S dòcha gun cuala tu am facal ùr seo.

    ̌S dòcha gun cuala tu daoine a’ còmhradh mu dheidhinn no ̌s dòcha gun cuala tu e air na naidheachdan. ̌S e am facal seo as coireach nach eil thu a’ dol dhan sgoil. ̌S e as coireach nach fhaod thu a dhol a-mach ro thric no a bhith a coimhead air do charaidean. ̌S dòcha gur e as coireach gu bheil an inbheach no na h-inbhich, a tha a’ coimhead às do dhèidh, aig an taigh.

    C O R O N A-B H Ì O R A SAch dè a th’ ann agus carson a tha a h-uile

    duine a’ bruidhinn mu dheidhinn?

    ̌S e am facal sin

  • Tha iomadh seòrsa corona-bhìoras ann agus tha feadhainn aca gabhaltach. Ma ghabh thu aon de na corona-bhìorasan, ’s docha gu robh thu smugach no bha casad ort.

    Ach an uair a gheibh a’ bhitheag chorona-bhìoras gu tùr ùr seo am broinn corp duine tha e ag adhbharachadh tinneas ris an canar COVID-19. An uair a tha daoine a’ bruidhinn air “a’ gabhail an corona-bhìoras”, tha iad a’ bruidhinn mun tinneas seo.

    ̌S e seòrsa de bhìoras a th’ ann an corona-bhìoras.

    ̌S e bitheagan beaga bìodach a th’ ann an bhìorasan, cho beag is nach fhaic thu iad.

    DÈ A TH’ ANNS AN CORONA-BHÌORAS?

    Ach, dè a th’ ann an bhìoras?

    ’S dòcha gur e corona-bhìoras

    a th’ ann . . .

    Mo

    bheannachd

    Tha iad cho aotrom is gu seòl iad tron adhar ann am boinneagan beag uisge agus suidhidh iad air do chraiceann gun fhios dhut. Ma gheibh na bitheagan a-steach nad chorp, nì iad bitheagan eile, agus faodaidh sin do dhèanamh tinn.

    Bheil bitheagan orm an-dràsta?

    Tha, ach ’s e glè bheag dhiubh a tha cunnartach.

    ACHOO!

  • Hmm, an dùil a bheil bitheagan air làmh

    an dorais seo?

    Air sgàth ’s gu bheil an corona-bhìoras ùr, chan eil fhios aig luchd-saidheans air a h-uile càil mu dheidhinn fhathast. Ach, tha iad den bheachd gu bheil dà phrìomh dhòigh airson a ghabhail.

    Tha Corona-bhìorasan beò ann an amhaichean agus beòil dhaoine. Ma bhios duine le corona-bhìoras a casadaich, no a sreothartaich no a leigeil anail, thig na bitheagan a-mach às am beòil ann am boinneagan beaga bìodach uisge.

    Tha e furasta na bitheagan corona-bhìoras bho do chorp a dhol air do làmhan an uair a shuathas tu do shròin no do bheul.

    Ma bhios duine le na bitheagan corona-bhìoras air an làmhan a fosgladh doras, faodaidh na bitheagan a bhith beò air làmh an dorais airson uairean a thìde. An uair a dh’fhosglas cuideigin eile an doras, thèid na bitheagan air na làmhan aca-san cuideachd.

    Agus, ma shuathas iad an sròin no am beul, gheibh na bitheagan a-steach dhan chorp.

    CIAMAR A GHEIBH THU AN CORONA-BHÌORAS?

    Mar sin, gheibh thu an corona-bhìoras le bhith a suathadh ann an rudan a tha cuideigin leis an bhìoras air suathadh ann roimhe.

    Ged nach fhaic thu na bitheagan, uaireannan chì thu na boinneagan bìodach uisge. Ma tha an aimsir fuar, thig iad a-mach mar smùid! Ma tharraingeas cuideigin eile na boinneagan sin a-steach air an anail le bitheagan corona-bhìoras ann, ’s dòcha gu faigh iad an tinneas.

    Tha e cho fuar an-diugh.

    Tha, chì mi d’ anail.

    STAD!

  • Do chuid de dhaoine, agus gu h-àraid a’ chuid as motha de chlann, ged a gheibheadh iad an corona-bhìoras cha bhi iad a’ faireachdainn tinn. Ach, tha bitheagan a’ chorona-bhìoras fhathast nan corp agus gun fhios dhaibh, dh’fhaodadh iad a thoirt do chuideigin eile.

    Ach Mam, tha mise a’ faireachdainn

    ceart gu leòr

    Tha mi a’ faireachdainn

    uabhasach bochd!

    Tha mi nas

    fheàrr a-nis

    Hu-rè aig naantibodies

    Tha armachd mìorbhaileach aig ar corp an aghaidh bhìorasan ris an canar antibodies. Tha ceallan beaga anns an fhuil agad a’ dèanamh antibodies a sabaid an aghaidh gach diofar bhìoras. Tha na antibodies a gabhail greim air na bhìorasan, tha na ceallan fala an uairsin gan slugadh agus a cur às dhiubh agus tha an duine a fàs nas fheàrr.

    Nuair a gheibh iad an corona-bhìoras, tha tòrr dhaoine le casadaich agus teasach àrd. Bidh feadhainn le cinn ghoirt agus cràdh air feadh an cuirp.

    Tha daoine tinn airson dhà no trì làithean. Ach ’s e rud iongantach a th’ anns a’ chorp. An uair a thig bitheag ùr a-steach dhan chorp, mar an corona-bhìoras, tha fios aig ar corp nach bu chòir dhan bhitheag sin a bhith ann agus tòisichidh e ga mharbhadh.

    Tha sin a’ ciallachadh gu bheil barrachd dhiofar antibodies nad bhroinn an-dràsta na tha daoine air an t-saoghal!

    DÈ THACHRAS MA GHEIBH THU AN CORONA-BHÌORAS?

    Tha còrr air 10 billean diofar sheòrsa antibody a-staigh nur broinn.

    THA

    AGAM AIR ANTIBODIES

  • Tha cho mhòr a h-uile duine fallainn gu leòr airson an corona-bhìoras a shabaid. Ach, tha feadhainn ann agus cha bhi e cho furasta dhaibh, o chionn ’s nach eil na cuirp aca cho làidir. ’S dòcha gu bheil iad còrr air 70 bliadhna a dh’aois, no tha tinneas eile orra leithid aillse agus fàgaidh sin iad nas laige.

    Cuiridh iad seo feum air barrachd cuideachaidh airson an corona-bhìoras a shabaid. Tha seo a’ ciallachadh gu feum iad a dhol gu ospadal agus ’s dòcha gu feum iad inneal sònraichte ris an canar analaichear gus an cuideachadh len anail.

    Uaireannan, ge-tà, ’s dòcha nach bi seo gu leòr airson an leigheas, agus ma thachras sin, ’s dòcha gum bàsaich iad.

    Halò Granaidh. Dè mar a tha sibh

    an-diugh?

    Cha bhi e fada gus an ruig sinn an

    ospadal

    Feumaidh mise a bhith gu math

    faiceallachAgus mise

    Dannsaidh mi san rùm-suidhe

    agam fhìn!’S e sin an adhbhar gu feum na daoine sin fuireach am broinn an taighe, air falbh bho àite sam bith far am faodadh iad an corona-bhìoras a ghabhail.

    CARSON A-RÈISTE A THA DRAGH AIR DAOINE MUN BHÌORAS A GHABHAIL?

    Cha bhi e ceadaichte a dhol a chèilidh orra. ’S dòcha gum bi greis ann mus fhaic thu feadhainn de do theaghlach, tha seo airson an cumail sàbhailte.

    CARBAD E I R ID INN

    NN

  • Tha mi an dòchas gun obraich an cungaidh

    ùr seo

    Tha a’ mhòr-chuid a faighinn seachad air a’ chorona-bhìoras leotha fhèin. Ach, tha dotairean agus luchd-saidheans ag iarraidh daoine a chuideachadh gus sin a dhèanamh gu sgiobalta agus sàbhailte.

    Chan eil leigheas aig dotairean dhan chorona-bhìoras fhathast, oir ’s e tinneas ùr a th’ ann. Tha cuid de chungaidhean ann a dh’fhaodadh feum a dhèanamh, agus tha dotairean dhan toirt do dhaoine a tha tinn.

    Ach, fiù ’s mur a h-obraich iad, tha luchd-saidheans ag obair air leigheasan ùra airson a’ chorona-bhìoras nach d’fhuair duine gu ruige seo.

    ’S e cungaidh sònraichte a th’ ann am banachdach a thathas a cur nad chorp an uair a tha thu fallainn. Am broinn an cungaidh tha bitheagan bhìoras lag no marbh. Tha na h-antibodies nad fhuil ag ionnsachadh na bitheagan sin a mharbhadh, gus ma ghabhas tu am bhìoras, tòisichidh iad a’ sabaid na bitheagan beò tòrr nas luaithe.

    BHEIL LEIGHEAS ANN DHAN CHORONA-BHÌORAS? Seoa-nis!

    Tha luchd-saidheans cuideachd ag obair airson banachdach a lorg.

    Bidh tu air banachdach fhaighinn an uair a bha thu nad bhèibidh. Tha sin a’ ciallachadh nach fhaigh thu cuid de thinneasan.

    Tha e a toirt mòran mhìosan cungaidh ùr a dhèanamh. Mus toir thu e do thòrr dhaoine, feumaidh tu a bhith cinnteach gu bheil e sàbhailte don h-uile duine, agus mar sin feumar fheuchainn mean air mhean air dhà no trì dhaoine còmhla. An uairsin, tha fios agad gu bheil e ag obair agus gu bheil e sàbhailte, feumaidh tu gu leòr dhe a dhèanamh dhan a h-uile duine a bhios a cur feum air.

    Fhuair mise banachdach an uair a bha mi beag

    agus a-nis chan fhaigh mi a’ ghriùthlach.

  • Ged a gheibh tòrr dhaoine nas fheàrr an dèidh an corona-bhìoras, tha e cudromach nach fhaigh feadhainn e a dh’fhaodadh fàs gu math tinn. Tha seo a ciallachadh gu feum sinn dèanamh cinnteach gur e cho beag sa ghabhas de dhaoine a gheibh an corona-bhìoras, gus nach toir sinn e do dhaoine a dh’fhaodadh fàs gu math tinn. Agus ma bhios tòrr dhaoine tinn agus anns an ospadal aig an aon àm, bidh na h-ospadail ro thrang airson coimhead às dèidh a h-uile duine mar bu chòir.

    Tha e cho furasta an corona-bhìoras a ghabhail agus feumaidh sinn a bhith faiceallach nach tèid sinn ro fhaisg air daoine nach eil a’ fuireach còmhla rinn.

    Agus ’s e sin an adhbhar gu bheil àiteachan far am bi tòrr dhaoine a cruinneachadh – leithid sgoiltean agus leabharlannan – dùinte an-dràsta. Tha Riaghaltas na dùthcha seo air a ràdh gu faod daoine a dhol às na dachaighean aca dìreach an uair a tha cruaidh fheum aca sin a dhèanamh.

    Feumaidh cuid de dhaoine a dhol a-mach às an dachaighean, mar nursaichean is dotairean no daoine a tha obair ann am bùthan bidhe no feadhainn a tha a’ toirt rudan gu ar dachaighean.

    Faodaidh a’ chuid as motha de dhaoine cuideachd a dhol a-mach airson biadh a cheannach no airson eacarsaich, ach feumaidh iad a bhith faiceallach nach tèid iad ro fhaisg air daoine eile.

    Ma tha thu-fhèin no duine san teaghlach a’ faireachdainn tinn agus a’ smaoineachadh gu bheil iad air an corona-bhìoras a ghabhail, chan fhaod thu a thighinn a-mach às an dachaigh idir airson cola-deug.

    Feumaidh sinn uile fuireach aig an taigh gu dìon a chur air an fheadhainn dham bi e duilich an corona-bhìoras a shabaid.

    CARSON A THA FEADHAINN DE DH’ÀITEACHAN GUM BI SINN A DOL DÙINTE?

    Tha sgoil dùinte – HU-RÈ

    Tha sgoil dùinte – DUNAIDH!

    Tha mise ag obair gus am faigh thu air biadh

    a cheannach

    Tha mise ag obair le nursaichean a’ cuideachadh

    dhaoine a tha tinn

    Tha mise ag obair le dotairean

    a’ cuideachadh dhaoine a tha tinn

    Tha mise ag obair airson rudan a thoirt

    gu teaghlaichean

    SGOIL

    D Ù I NT E

  • Aig amannan tha e gu math spòrsail a bhith aig an taigh còmhla ri daoine san dachaigh. Faodaidh sibh rudan a dhèanamh nach dèanadh sibh gu h-àbhaisteach an uair a tha thu san sgoil no nuair a tha na h-inbhich aig an obair.

    Tha na faireachaidhean sin uile nàdarrach. Agus, bidh an fheadhainn san dachaigh còmhla riut a’ faireachdainn na h-aon rudan.

    CÒ RIS A THA E COLTACH A BHITH AIG AN TAIGH FAD NA H-ÙINE?

    Uaireannan, tha fearg orm

    Seachd searbh!

    Sàraichte!

    Dòrainn!

    Ach, dè ma tha dragh ormsa cuideachd?

    Uaireannantha mi

    brònach

    Uaireannan tha mi ag ionndrainn

    mo charaideanAch, uaireannan,

    tha an ùine a faireachdainn fada

    Ma tha dragh ortsa, bruidhinn ri inbheach a tha còmhla riut san dachaigh. Ma tha thu fhathast a’ dol dhan sgoil, ’s dòcha gu faod thu bruidhinn ri tidsear. No, faodaidh tu bruidhinn ri tidsear, no cuideigin eile san teaghlach air a fòn no coimpiutar no inneal eile.

    ’S dòcha gum bi na h-inbhich a tha san dachaigh còmhla riut cuideachd a faireachdainn dragh, ged nach bi iad airson sin a shealltainn. ’S dòcha gu bheil dragh orra mu obair. ’S dòcha gum bi e doirbh na rudan a tha dhìth oirbh a cheannach, agus nì sin dragh dhaibh cuideachd.

  • Tha thu a’ dèanamh tòrr mar-thà le bhith a’ fuireach aig an taigh. Ach, faodaidh tu cuideachd tuilleadh cùraim a ghabhail nach gabh thu-fhèin an corona-bhìoras no nach toir thu e do dhuine eile.

    Ma dh’fheumas tu suathadh no sèideadh do shròin, cleachd nèapraige-pàipeir agus cuir dhan bhiona e sa bhad. Cuimhnich gun nigh thu do làmhan cuideachd, oir tha an corona-bhìoras beò san smug agad agus bhon nèapraige thèid e air do làmhan.

    CIAMAR A CHUIDICHEAS MISE?

    Robh fhios agad gum marbh siabann bhìorasan? Ma nigheas tusa do làmhan gu cùramach agus fada gu leòr, cha bhi bitheagan a’ chorona-bhìoras air do làmhan. Faodaidh tu òran a ghabhail fhad ’s a tha thu a’ nighe do làmhan gus a bhith cinnteach gu bheil thu gan nighe fada gu leòr – fada gu leòr airson Meal-do-naidheachd an-diugh a sheinn dà thuras!

    Meal do naidheachd an-diughMeal do naidheachd an-diugh

    Meal do naidheachd dhomh fhèinMeal do naidheachd an-diugh

    AGUS AON UAIR EILE!!Meal do naidheachd an-diughMeal do naidheachd an-diugh

    Meal do naidheachd dhomh fhèinMeal do naidheachd an-diugh!

    Ach, faodaidh bitheagan a thighinn a-mach `s a-steach às mo shròin is mo bheul cuideachd.

    Ma thig casad no sreothart ort, dèan e a-steach nad uileann, chan ann air do làmhan. Mar sin, cha toir thu do dhaoine eile e.

    Ma nì sinn uile na rudan seo, nì e diofar mhòr!

  • Shhh! Brus, sguir a’ chomhartaich

    Tha e cudromach a bhith coibhneil ri na daoine san dachaigh còmhla riut. Bidh cùisean eadar-dhealaichte agus `s dòcha doirbh dhuibh eile.

    DÈ AN CÒRR AS URRAINN DHOMH A DHÈANAMH?

    Ma tha bràithrean no peathraichean agad, `s dòcha gu bheil iad dhad shàrachadh uaireannan. Ach, feuch ri bhith rèidh riutha.

    Ma tha sibh a’ fuireach còmhla ri inbhich, faodaidh sibh an cuideachadh le bhith a’ dèanamh rudan a thathas ag iarraidh oirbh no dìreach cuir do ghàirdeanan timcheall orra.

    Do chuairt-sa

    Dh’iarr Mam oirnn na dèideagan a chur air falbh

    Ceart gu leòr. Sgioblaichidh

    mise na leabhraichean

    Mar eil thu san sgoil, dèan d’ obair-sgoile. Cumaidh sin d’ inntinn trang, agus chan fhairich thu an t-sìde cho fada. An uairsin, nuair a thèid thu air ais dhan sgoil, bidh tu air tòrr ionnsachadh!

    Mar eil sgrion agad dhut fhèin, faodaidh tu bruidhinn mu dhòighean anns am faigh a h-uile duine san dachaigh an ùine a dh’fheumas iad aig sgrion.

    Dè mu dheidhinnm’ obair-sgoile?

    Cuimhnich gum bi obair aig na h-inbhich san dachaigh cuideachd. Ma tha, faodaidh tusa an cuideachadh le dèanamh cinnteach gu faigh iad fois airson na h-obrach. An uairsin bidh barrachd ùine aca airson cur-seachadan còmhla riutsa. Dèan liosta de na rudan a chòrdadh riut a dhèanamh còmhla riutha.

  • ’S e àm neònach a tha seo dhuinn uile, agus tha e a’ tachairt air feadh an t-saoghail.

    Aon latha, bidh an t-àm neònach seo

    seachad.

    DÈ AN ATH RUD A THACHRAS?

    Ach, ma bhios sinn faiceallach agus gu fuirich sinn aig an taigh, tha sinn a’ dèanamh nas urrainn dhuinn airson casg a chur air a’ chorona-bhìoras bho bhith sgaoileadh. Agus tha sin a’ toirt cothruim do luchd-saidheans agus dotairean leigheas a lorg don tinneas agus ’s dòcha stad a chur air le bhith a’ cleachdadh cungaidhean agus banachdaichean.

    Latha air choireigin, agus chan eil e buileach fad às – ged nach eil cinnt air cuin, faodaidh tu a dhol a chèilidh air do luchd-dàimh nach eil a fuireach cuide riut, cluiche le do charaidean agus mòran rudan eile a tha a’ còrdadh riut agus nach fhaod thu a dhèanamh an-dràsta.

    Nis, faodaidh sinn cluich

    còmhla!

    A bhalaich ort!

  • R i n n s i n n e c ò m h l a

  • TUILLEADH FIOSRACHAIDH DO CHLOINN A’ CUIDEACHADH SEIRBHEIS SLÀINTE NÀISEANTA

    MUN FHOILLSICHEAR

    Tha dotairean, nursaichean, dràibhearan charbaidean-eiridinn agus a h-uile duine eile a tha ag obair ann an t-seirbheis slàinte na dùthcha a dèanamh sàr obair a h-uile latha, ach tha iad ag obair buileach cruaidh an uair a tha daoine a’ fàs tin leis an corona-bhìoras. Ma tha thu airson beagan airgid a thoirt dhaibh, faodaidh tu sin a dhèanamh tron làrach-lìn seo: https://www.nhscharitiestogether.co.uk/

    ’S e foillsichear beag neo-eisimeileach de leabhraichean chloinne a th’ann an Nosy Crow th’ air cliù a chosnadh dhaibh fhèin. Chur sinn ri chèile an leabhar digiteach seo an-asgaidh oir bha sinn den bheachd gum biodh e feumail do chlann agus pàrantan. Tha sinn a foillseachadh iomadh sheòrsa leabhar do chlann eadar 0-12. Tha tuilleadh fiosrachaidh ann an seo: www.nosycrow.com

    Ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh agus cumail suas ri naidheachdan mun chorona-bhìoras:CBBC Newsround https://www.bbc.co.uk/newsround

    Ma tha dragh ort mu chàil, seo agad ceangalan gu àiteachan far am faigh thu cuideachadh: Childline Loidhne-fòn an-asgaidh agus faodaidh tu fònadh uair sam bith mu dhraghan a th’ agad: Fòn: 0800 1111Tha tuilleadh comhairle ann an seo:https://www.childline.org.uk/info-advice/your-feelings/anxiety-stress-panic/worries-about-the-world/coronavirus

    Young Minds Carthannas a tha a’ toirt taic do shlàinte inntinn dhaoine òga.Tha tuilleadh comhairle acasan ma tha draghan ort:https://youngminds.org.uk/blog/what-to-do-if-you-re-anxious-about-coronavirus/

    TUILLEADH FIOSRACHAIDH DO PHÀRANTAN, LUCHD-DÀIMH AGUS LUCHD-CÙRAIM Comann Saic-eolaichean Bhreatainn Comhairle air bruidhinn ri clann mu dheidhinn tinneasan. https://www.bps.org.uk/news-and-policy/advice-talking-children-about-illness

    ContactFiosrachadh mu Chorona-bhìoras do phàrantan clann le ciorram https://www.contact.org.uk/advice-and-support/coronavirus-information-for-families-with-disabled-children/

    An Comann Otasamach NaiseantaStòras Corona-bhìoras do dhaoine agus teaghlaichean òtasamach https://www.autism.org.uk/services/helplines/coronavirus/resources

    Na Samaritanaich Làrach-fòn taice 24-uairean an-asgaidh Fòn: 116 123https://www.samaritans.org/

    UnicefFios dhuibh mun bhìoras gus thu-fhèin san teaghlach a dhìon https://www.unicef.org/coronavirus/covid-19

    `

    ` `

    MU ACAIR’S e Carthannas a th'ann an Acair. Tha sinn air a bhith a' foillseachadh leabhraichean chloinne ann an Gàidhlig o chionn còrr is 40 bliadhna.

    Tha sinn moiteil an cothrom fhaighinn riochd Gàidhlig fhoillseachadh den leabhar feumail seo ann an co-bhonn le Nosy Crow.www.acairbooks.com

  • Chaidh an leabhar seo a dhèanamh ann an cabhaig le Nosy Crow airson coinneachadh ri feumalachdan chloinne agus an teaghlaichean. Cha d’ fhuair duine pàigheadh airson na h-obrach.

    Bu mhath leinn taing a thoirt do na leanas airson an coibhneis agus an eòlais.

    Axel Scheffler

    Proifeasair Graham Medley Proifeasair Deilbheadh Galaran Gabhaltach

    Sgoil Lunnainn airson Glaineid agus Cungaidhean Tropaigeach

    Sara Haynes Ceannard-sgoile, Bun-sgoil Arnhem Wharf, Lunnainn

    Alex Lundie Iar Ceannard-sgoile, Bun-sgoil Arnhem Wharf, Lunnainn

    Monica Forty Ceannard-sgoile, Bun-sgoil Ben Johnson

    Doctair Sarah Carman Sìc-eòlaiche Clionaigeach SSN

    Le sònrachadh ann an Slàinte Inntinn Clann is Daoin’ Òga agus Niùro-leasachadh

    A’ chiad fhoillseachadh ann an 2020 le Nosy Crow EàrrThe Crow’s Nest, 14 Baden Place, Crosby Rd, London,SE1 1YW, RAwww.nosycrow.com

    ISBN 9781839941467Tha Nosy Crow agus na suaicheantasan co-cheangailte nan comharran-malairt agus/no nan comharran-malairt clàraichte aig Nosy Crow EàrrTeacsa © Nosy Crow 2020Dealbhan le Axel Scheffler 2020Tha còraichean moralta dealbhadair na h-obrach seo dearbhte leis a rèir Achd Còrach-lethbhreac, Dhealbhaidhean agus Pheutantan 1988

    Na còraichean uile glèidhteTha an obair seo ceadaichte fo Chead Eadar-nàiseanta Bhuadh Cruthachaidh Choitcheann-Neo-mhalairteach-Neo-thàilleabhach 4.0. Tha leth-bhreac den chead ri fhaicinn aig: http://creativecommons.org/licenses/by-nc-nd/4.0/ no le litir a sgrìobhadh gu Creative Commons, PO Box 1866, Mountain View, CA 94042, Na Stàitean AonaichteChan eil smachd aig, no uallach air Nosy Crow airson ùghdar no làraich-lìn eile air an ainmeachadh san leabhar seo.Tha clàr catalog CIP airson an leabhair seo ri fhaotainn bho Leabharlann Bhreatainn.

    Riaghladair Carthannas na h-Alba

    Carthannas Clàraichte/ Registered Charity SC047866

    Na còraichean uile glèidhte.

    Chan fhaodar pàirt sam bith dhen leabhar seo ath-riochdachadh an cruth sam bith, a stòradh ann an siostam a dh’fhaodar fhaighinn

    air ais, no a chur a-mach air dhòigh sam bith, eileagtronaigeach, meacanaigeach, samhlachail, clàraichte no ann am modh

    sam bith eile gun chead ro-làimh bhon fhoillsichear.

    A’ chiad fhoillseachadh sa Ghàidhlig ann an 2020 le AcairAn Tosgan, Rathad Shìophoirt, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2SD

    [email protected] www.acairbooks.com

    © an teacsa Ghàidhlig Acair, 2020

    An tionndadh Doileag NicLeòidAn dealbhachadh sa Ghàidhlig le Mairead Anna NicLeòid

    Tha Acair a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig.